GRD > Puirt-a-beul > A Chaluim Bhig
Beul-aithris - Puirt-a-beul

A Chaluim Bhig

A Chaluim Bhig, a Chaluim Bhig, a Chaluim 's tu fo chùram,
's e thigeadh dhut bhith d' earalas is d' aire thoirt air an iùbhraich:
b' e siud an turas carraideach nan cailleadh tu do chùrsa,
's cha b' fhuilear don dubh lunndaich na siùil a bhith làn.

Nuair dh'èirich thu sa mhadainn anns a' chamhanaich bha fèath ann,
dol seachad Port an Tobair bha thu togarrach ga feuchainn;
bu chinnteach bha mise dheth gum biodh tu sna liadhan
mum fuaradh i an Liathanaich beulaibh Loch Làthaich.

Cha b' iongnadh i bhith caranta air bharraibh nan tonn uaine;
bha fiodhaich math sna saithean aice is darach anns an ruadh-bhòrd;
bha tàirnean air an sparradh ann, gan teannachadh le cruaidh-òrd,
is rogha an iarainn Shuainich bho gualann gu sàil.

Nuair ràinig thu Bun Easain anns an fheasgar ghabh thu an daorach,
cha b' e siud a b' aithreach leat ach gun rinn thu caonnag;
chaidil thu do leòr anns a' chrò bh' aig NicMhùsaich,
's e an snidhe dhol ad shùilean a dhùisg thu cho tràth.

Nuair ràinig thu Àirdriseig bha na h-ìgheanan an tòir ort,
chùm iad ann ad chabhaig thu toirt caithream dhaibh air òrain;
do ghillean 's iad air bhuidealaich an cuideachd Mhic an Tòisich
's chaidh thu thar na còrach ag òl sa Chàrn Bhàn.

A Chaluim Bhig