GRD > Puirt-a-beul > A Mhòrag nighean Dhòmhnaill Duinn
Beul-aithris - Puirt-a-beul

A Mhòrag nighean Dhòmhnaill Duinn

A Mhòrag nighean Dhòmhnaill Duinn
tha thu cruinn sgiobalta,
a Mhòrag nighean Dhòmhnaill Duinn
tha thu cruinn bòidheach.

A Mhòrag nighean Dhòmhnaill ghibich,
's iomadh fear thug rìbinn dhut,
a Mhòrag nighean Dhòmhnaill ghibich,
's iomadh fear tha an tòir ort.

A Mhòrag nighean Dhòmhnaill uidhir,
thug mi cion an-uiridh dhut;
a Mhòrag nighean Dhòmhnaill uidhir,
bhuilichinn do phòsadh!

Thug mi cion is cion is cion,
thug mi cion an-uiridh dhut,
thug mi cion is cion is cion,
's bhuilichinn do phòsadh.

A Mhòrag nighean Dhòmhnaill Duinn