GRD > Puirt-a-beul > Am muileann dubh
Beul-aithris - Puirt-a-beul

Am muileann dubh

Tha nead na circe-fraoich anns a' mhuilinn dubh, sa mhuilinn dubh,
tha nead na circe-fraoich anns a' mhuilinn dubh o shamhradh.

Sèist: Tha muileann dubh air thuraman (bhogadan), tha muileann dubh air thuraman (bhogadan),
tha muileann dubh air thuraman (bhogadan), 's e togairt dol a dhannsadh!

Tha an crodh a' breith nan laogh anns a' mhuilinn dubh, sa mhuilinn dubh,
tha an crodh a' breith nan laogh anns a' mhuilinn dubh o shamhradh.

Tha gobhair is crodh-laoigh anns a' mhuilinn dubh, sa mhuilinn dubh,
tha gobhair is crodh-laoigh anns a' mhuilinn dubh o shamhradh.

Tha coilleagan is maorach sa mhuilinn dubh, sa mhuilinn dubh,
tha coilleagan is maorach sa mhuilinn dubh o shamhradh.

An cuala thu gun robh snaoisean sa mhuilinn dubh, sa mhuilinn dubh,
an cuala thu gun robh snaoisean sa mhuilinn dubh o shamhradh.

Tha iomadh rud nach saoileadh tu sa mhuilinn dubh, sa mhuilinn dubh,
tha iomadh rud nach saoileadh tu sa mhuilinn dubh o shamhradh.

Am muileann dubh