|
Am pige ruadh
Fhuaras am pige ruadh,
fhuaras na glainneachean,
fhuaras am pige ruadh
ann an crò nan eireagan.
Sèist: U goraidh giridh goraidh,
u goraidh giridh goraidh
u goraidh chè goraidh
ann an crò nan eireagan.
Làn taighe dh'fhìdhleirean,
làn taighe chaileagan,
làn taighe luba dubha
's làn a' mhuidhe mharagan.
Thàinig 's gun tàinig
's ma thàinig na maraichean,
thàinig 's gun tàinig
's ma thàinig cha d' fhairich mi.

|