|
An Fhaidhir Mhuileach
Far am bi na faidhrichean is ann a
bhios na pìobairean,
far am bi na pìobairean is ann a bhios na dannsairean,
far am bi na dannsairean is ann a bhios na caileagan,
far am bi na caileagan is dòcha gum bi buaireas ann.
Ho 'illean, togaibh fonn air faidhir ait th' air
m' aire-sa,
cuid againn ris an òl is cuid ri mire 's aighearachd.
Bò bhainne cheannaich mi, is truagh gun tug mi dhachaigh
i,
pòg mhilis thug mi dhi is chuir mi ròp air Màiri.
Sèist: Faidhrichean is pìobairean is
dannsairean is caileagan,
is bò bhainne aig mac a' ghobhainn 's Màiri Anna cuide
rium.
Faidhrichean, pìobairean, dannsairean, caileagan,
caileagan, dannsairean, pìobairean, faidhrichean.
Nì mise leabaidh dhomh fhìn sa
chrò 's bidh leabaidh àrd aig Màiri.
Tràth èirigh nuair a dhùisg mi, b' eagalach
mo bhruadaran,
tràth nòin a dh'èirich mi, bu neònach
leam na chunna mi.
Seall oirre 's i na cadal, bha mo cheann na thuainealaich,
bò bhainne na mo leabaidh 's anns a' bhuaile Màiri.
|