|
An gille mòr foghainteach
Sèist: An gille mòr foghainteach,
an gille mòr gaolach
an gille mòr foghainteach, buachaille nan caorach.
A-null thar nam monaidhean 's a-nall thar nan caolan
a-null thar nam monaidhean an dèidh Màiri chaoil e.
Fear mòr fada foghainteach, fear mòr
fada gaolach
fear mòr fada foghainteach an dèidh na tè caoile.
A-null air na h-eileanan 's a-nall air na caolais
a-null air na h-eileanan an dèidh Màiri chaoile.
|