|
A-null thar nan eileanan
A-null thar nan eileanan dh'Ameireagaidh gun
tèid sinn, (x3)
a-null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èirinn.
'S e siud am port a bh' againne dol seachad air Dùn
Èideann, (x3)
a-null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èirinn.
Tha pìoban gan spreigeadh agus feadanan gan
gleusadh, (x3)
a h-uile fear le ite na bhonaid, sporan air is fèileadh.
B' e siud na gillean togarrach, b' e siud na gillean
èibhinn, (x3)
b' e siud na gillean sgiobalta is b' iollagach an ceuman.
Mun d' fhàg sinn crìochan Shasainn
is a dhealaich sinn ri chèile, (x3)
gum b' aighearach na caileagan a' crathadh an cuid bhrèidean.

|