GRD > Puirt-a-beul > B' fheàrr mar a bha mi an-uiridh
Beul-aithris - Puirt-a-beul

B' fheàrr mar a bha mi an-uiridh

B' fheàrr mar a bha mi an-uiridh
na mar tha mi am-bliadhna
b' fheàrr mar a bha mi an-uiridh
fir a' tighinn gam iarraidh
b' fheàrr mar a bha mi an-uiridh
na mar tha mi am-bliadhna
b' fheàrr mar a bha mi an-uiridh
fir a' tighinn gam iarraidh.

Ho ro mo dhuilichinn, mo dhuilichinn na rinn mi
ho ro mo dhuilichinn, nach robh mi na mo mhaighdinn
ho ro mo dhuilichinn, mo dhuilichinn na rinn mi
ho ro mo dhuilichinn, nach robh mi na mo mhaighdinn.

Tàillear a bha mi sireadh, figheadair a fhuair mi (x4)

Ho ro mo dhuilichinn etc.

B' fheàrr mar a bha mi an-uiridh