GRD > Puirt-a-beul > Bodaich na h-Odh'
Beul-aithris - Puirt-a-beul

Bodaich na h-Odh'

Bha bodaich na h-Odh' is cailleachan Idhe
mireadh an Ìle còmhla rium,
bha bodaich na h-Odh' is cailleachan Idhe
an Ìle far am bi beadaradh.

Bha bodaich na h-Odh' is cailleachan Idhe
sireadh an nì rinn Seònaid dhomh,
bha bodaich na h-Odh' is cailleachan Idhe
an Ìle far am bi beadaradh.

Sireadh an nì, sireadh an nì,
sireadh an nì rinn Seònaid dhomh,
sireadh an nì, sireadh an nì
far am bi, far am bi beadaradh.

Sireadh an nì, sireadh an nì,
sireadh an nì rinn Seònaid dhomh,
a' chabhraidh, chabhraidh bhòidheach mhìn
rinn Sìne, caileag bheag Sheònaid dhomh.