GRD > Puirt-a-beul > Cha tig an là
Beul-aithris - Puirt-a-beul

Cha tig an là

Cha tig an là thèid mi dhachaigh gus an tig na caoraich,
cha tig an là thèid mi dhachaigh gus an tig na caoraich.

Sèist: Gus an tig a' chaora dhubh, gus an tig a' chaora;
gus an tig a' chaora dhubh, 's a h-adhairc às a h-aonais.

Seallaidh mi air feadh a' mhonaidh measg nan cruachan mòna,
seallaidh mi air feadh a' mhonaidh measg nan cruachan mòna.

Sìos is suas am measg nam bruachan, null 's a-nall san aonach,
sìos is suas am measg nam bruachan, null 's a-nall san aonach.

Suidhidh mi air cùl a' chreagain, 's teannaidh mi ri caoineadh,
suidhidh mi air cùl a' chreagain, 's teannaidh mi ri caoineadh.


Cha tig an là