GRD > Puirt-a-beul > Dòmhnall beag an t-siùcair
Beul-aithris - Puirt-a-beul

Dòmhnall beag an t-siùcair

Sèist: Dòmhnall beag an t-siùcair, an t-siùcair, an t-siùcair,
Dòmhnall beag an t-siùcair is dùil aige pòsadh,
Dòmhnall beag an t-siùcair, an t-siùcair, an t-siùcair,
Dòmhnall beag an t-siùcair is dùil aige pòsadh.

Cha ghabh a' chlann-nighean e, chlann-nighean e, chlann-nighean e,
cha ghabh a' chlann-nighean e bho nach eil e bòidheach,
cha ghabh a' chlann-nighean e, chlann-nighean e, chlann-nighean e,
cha ghabh a' chlann-nighean e bho nach eil e bòidheach.

Ged a bhiodh na h-ùbhlan, na h-ùbhlan, na h-ùbhlan,
ged a bhiodh na h-ùbhlan an cùlaibh a bhrògan,
ged a bhiodh na h-ùbhlan, na h-ùbhlan, na h-ùbhlan,
ged a bhiodh na h-ùbhlan an cùlaibh a bhrògan.

Ged a bhiodh na ginidhean, na ginidhean, na ginidhean,
ged a bhiodh na ginidhean a' gliogadaich na phòcaid,
ged a bhiodh na ginidhean, na ginidhean, na ginidhean,
ged a bhiodh na ginidhean a' gliogadaich na phòcaid.

Dòmhnall beag an t-siùcair