|
Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich
'S iomadh rud tha dhìth orm a dh'fheumainn
fhìn mun dèanainn banais,
's iomadh rud tha dhìth orm a dh'fheumainn fhìn mun
pòsainn.
Sèist: Fàinneachan is grìogagan
bheirinn fhìn do Mhòr a' Cheannaich,
fàinneachan is grìogagan bheirinn fhìn do Mhòraig.
Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich a-nochd
an tòir air Mòr a' Cheannaich,
Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich a-nochd an tòir
air Mòraig.
Aonghas mac a' phìobaire 's e fhèin
a' strì ri Mòr a' Cheannaich,
Aonghas mac a' phìobaire 's e fhèin a' strì
ri Mòraig.
Dh'òladh sinn is dhannsadh sinn air oidhche
banais Mòr a' Cheannaich,
dh'òladh sinn is dhannsadh sinn air oidhche banais Mòraig.
Dh'aindeoin 's dè na chuala mi cha toir mi
fuath do Mhòr a' Cheannaich,
dh'aindeoin 's dè na chuala mi cha toir mi fuath do Mhòraig.
Dreach eile:
Tha Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich a-nochd an tòir
air Mòr a' Cheannaich,
Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich a-nochd an tòir
air Mòraig,
tha Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich a-nochd an tòir
air Mòr a' Cheannaich,
Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich a-nochd an tòir
air Mòraig.
Sèist: I bhi a bhi u bhi a bhi sìn
do làmh a Mhòr a' Cheannaich,
i bhi a bhi u bhi a bhi sìn do làmh a Mhòraig,
i bhi a bhi u bhi a bhi sìn do làmh a Mhòr
a' Cheannaich,
Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich a-nochd an tòir
air Mòraig.
Cha robh beag a dhìth orm a dh'fheumainn fhìn
mun dèanainn banais,
cha robh beag a dhìth orm a dh'fheumainn fhìn mum
pòsainn,
cha robh beag a dhìth orm a dh'fheumainn fhìn mun
dèanainn banais
cha robh beag a dhìth orm a dh'fheumainn fhìn mum
pòsainn.
I bhi a bhi u bhi a bhi sìn do làmh
a Mhòr a' Cheannaich,
i bhi a bhi u bhi a bhi sìn do làmh a Mhòraig,
i bhi a bhi u bhi a bhi sìn do làmh a Mhòr
a' Cheannaich,
cha robh beag a dhìth orm a dh'fheumainn fhìn mum
pòsainn.
Dhannsainn is ruidhlinn fhìn air oidhche banais
Mòr a' Cheannaich,
dhannsainn is ruidhlinn fhìn air oidhche banais Mòraig,
dhannsainn is ruidhlinn fhìn air oidhche banais Mòr
a' Cheannaich,
Dhannsainn is ruidhlinn fhìn air oidhche banais Mòraig.
I bhi a bhi u bhi a bhi sìn do làmh
a Mhòr a' Cheannaich,
i bhi a bhi u bhi a bhi sìn do làmh a Mhòraig,
i bhi a bhi u bhi a bhi sìn do làmh a Mhòr
a' Cheannaich,
dhannsainn is ruidhlinn fhìn air oidhche banais Mòraig.
|