|
Far am bi mi fhìn
Far am bi mi fhìn is ann a bhios mo dhòchas
(x3)
far am bi mi fhìn bidh mo dhòchas ann.
Siubhal air na cladaichean 's a' coiseachd air a'
ghainmhich (x3)
far am bi mi fhìn bidh mo dhòchas ann.
Thèid mi fhìn is Sìne null gu
taigh a' phìobaire (x3)
's nì sinn brod an ruidhle leinn fhìn air an làr.
Fhuair mi fios bho Shìne gu robh tromb
is cìr aice (x3)
ged a bhiodh gach pìobaire is fìdhlear nan tàmh.

|