GRD > Puirt-a-beul > Fear a' phige
Beul-aithris - Puirt-a-beul

Fear a' phige

Sèist: Fear a' phige, fear a' phige, fear a' phige as fheàrr leam,
fear a' phige, fear a' phige, fear a' phige as fheàrr leam,

ma ghabhas mi gin idir dhiubh 's e fear a' phige as fheàrr leam.

Cha ghabh mi fhìn na cìobairean, bidh àileadh ìm as teàrr dhiubh,
cha ghabh mi fhìn na cìobairean, bidh àileadh ìm as teàrr dhiubh,
cha ghabh mi fhìn na cìobairean, bidh àileadh ìm as teàrr dhiubh,
ma ghabhas mi gin idir dhiubh 's e fear a' phige as fheàrr leam.

Cha ghabh mi fhìn am maraiche, bidh bean aige as gach àite,
cha ghabh mi fhìn am maraiche, bidh bean aige as gach àite,
cha ghabh mi fhìn am maraiche, bidh bean aige as gach àite,
ma ghabhas mi gin idir dhiubh 's e fear a' phige as fheàrr leam.

Cha ghabh mi fhìn an tuathanach, bidh ruaig airson a' mhàil air,
cha ghabh mi fhìn an tuathanach, bidh ruaig airson a' mhàil air,
cha ghabh mi fhìn an tuathanach, bidh ruaig airson a' mhàil air,
ma ghabhas mi gin idir dhiubh 's e fear a' phige as fheàrr leam.

Cha ghabh mi fhìn na clachairean, cha ghabh mi fhìn an tàillear,
cha ghabh mi fhìn na clachairean, cha ghabh mi fhìn an tàillear,