GRD > Puirt-a-beul > Fhuair mi nead a' ghurra-gùg
Beul-aithris - Puirt-a-beul

Fhuair mi nead a' ghurra-gùg

Sèist: Fhuair mi nead a' ghurra-gùg ann an cùil na mòna,
fhuair mi nead a' ghurra-gùg ann an cùil na mòna,
fhuair mi nead a' ghurra-gùg ann an cùil na mòna
agus nead an fhithich an cridhe nead na smeòraich.

Fhuair mi nead aig breac an t-sìl aig ceann shìos na pàirce,
cha robh dh'uighean ann ach trì 's rinn mi fhìn am fàgail;
Beiridh i ceithir no còig, fòghnaidh siud de dh'àl dhi,
cumaidh mi rithe biadh gu leòr, bidh na h-eòin gun dàil aice.

Fhuair mi nead aig dreathan-donn air taobh thall an lànain,
gheibh mi staigh thuige air toll th' ann an ceann na bàthaich;
Bha deich uighean ann an-dè, fad 's bu lèir dhomh an àireamh,
bidh h-aon eile aice le cinnt thèid mi, is chì mi màireach.

Fhuair mi nead a' bhricein ghlais ann an clais bhuntàta,
ceithir uighean ann, is eun bheir mi biadh dha màireach;
Cha leig mise neach ga chòir ann am dheòin chan àill leam
biadhaidh mi uile na h-eòin, bidh an còrr gun dàil ann.

Fhuair mi nead a' ghurra-gùg