GRD > Puirt-a-beul > Grinn, donn, sgiobalta
Beul-aithris - Puirt-a-beul

Grinn, donn, sgiobalta

Grinn, donn, sgiobalta, mo ghiobag air an ùrlar,
grinn, donn, sgiobalta, mo ghiobag air an ùrlar,
grinn, donn, sgiobalta, mo ghiobag air an ùrlar,
cha robh giobag idir ann cho sgiobalt' ris an t-seanmhair.

Càite am bi na maraichean an oidhche a bhios an gèile ann,
càite am bi na maraichean an oidhche a bhios an gèile ann,
càite am bi na maraichean an oidhche a bhios an gèile ann
dannsa le na caileagan an taighean-sgoile Lerwick.

Càite am bi na maraichean an oidhche a bhios an sian ann,
càite am bi na maraichean an oidhche a bhios an sian ann,
càite am bi na maraichean an oidhche a bhios an sian ann
dannsa le na caileagan an taighean-geala Ghrianaig.

Càite an tèid na maraichean an oidhche a bhios am bùrn ann,
càite an tèid na maraichean an oidhche a bhios am bùrn ann,
càite an tèid na maraichean an oidhche a bhios am bùrn ann
a dh'iasgach nan adagan a-mach à Port nan Giùrain.

Bàta mòr na litrichean a-nochd a' tighinn à Èirinn,
bàta mòr na litrichean a-nochd a' tighinn à Èirinn,
bàta mòr na litrichean a-nochd a' tighinn à Èirinn,
litir bho mo chaileig is gu cinnteach thèid a leughadh.

Null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èirinn,
null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èirinn,
null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èirinn,
null thar nan eileanan dh'Ameireagaidh gun tèid sinn.