GRD > Puirt-a-beul > I bhi àda
Beul-aithris - Puirt-a-beul

I bhi àda

Sèist: I bhi àda u a idalan a
i bhi àda adar idar ù a
i bhi àda u a idalan a
i bhi àda adar idar ù a.

Ciamar a ruidhleas mo nighean 's dithis as an rathad oirre,
ciamar a ruidhleas mo nighean 's ceathrar air an ùrlar,
ciamar a ruidhleas mo nighean 's dithis as an rathad oirre,
ciamar a ruidhleas mo nighean 's ceathrar air an ùrlar.

'S iomadh rud a chunna mi, 's iomadh rud a rinn mi,
's iomadh rud a chunna mi a-muigh air feadh na h-oidhche,
's iomadh rud a chunna mi, 's iomadh rud a rinn mi,
's iomadh rud a chunna mi a-muigh air feadh na h-oidhche.

Chunna mi na piseagan, na piseagan, na piseagan,
chunna mi na piseagan air spiris Mhic an t-Saighdeir,
chunna mi na piseagan, na piseagan, na piseagan,
chunna mi na piseagan air spiris Mhic an t-Saighdeir.

Chunna mi na cudaigean, na cudaigean, na cudaigean,
chunna mi na cudaigean a' cluich air Allt na Muilne,
chunna mi na cudaigean, na cudaigean, na cudaigean,
chunna mi na cudaigean a' cluich air Allt na Muilne.

I bhi àda