|
'Ille chrùbaich
'Ille chrùbaich anns a' ghleann
cùm thall do chaoraich agad,
'ille chrùbaich anns a' ghleann
cùm thall do chaoraich.
'Ille chrùbaich tha thu ann,
maol an ceann is cam an casan,
'ille chrùbaich tha thu ann,
cùm thall do chaoraich.
Cùm thall 's na leig a-nall,
cùm thall do chaoraich gheala,
's ged a tha do leth-shùil dall
cùm thall do chaoraich.
Cùm thall 's na bi mall,
cùm thall do chaoraich agad,
's ged a tha do chuilean cam
cùm thall do chaoraich.
Cùm thall, na toir a-nall,
cùm thall, na toir a-nall,
cùm thall, na toir a-nall,
cùm thall na caoraich.
Ged a tha do leth-shùil cam,
chì thu leis an t-sùil ud eile;
ged a tha do leth-shùil cam,
chì thu leis an aon sùil.

|