GRD > Puirt-a-beul > Làrach do thacaidean
Beul-aithris - Puirt-a-beul

Làrach do thacaidean

Làrach do thacaidean, làrach do chruidhean,
làrach do bhrògan am bòrd Loch na Muilne.

Sèist: I ud ud eatharam, i ud ud aoiream
i ud ud eatharam chunna mise raoir thu.

Carson a bha thu spaidsearachd timcheall Taigh na Muilne,
robh thu an dùil gu faigheadh tu gu nighean bhuidhe mhuilleir?

Cha b' e brògan tacaideach le pleitichean is cruidhean
bu chòir a bhith mud chasan mas e caithris bha nad inntinn.

Cha ghabh i idir, idir thu, cha dèan i caithris oidhche leat
gun cuir thu bhuat na bloidsearan 's gu faigh thu brògan foidhne.