|
M' eudail air do shùilean
donna
M' eudail air do shùilean donna,
air do shùilean 's air do bhodhaig,
m' eudail air do shùilean donna
's air do bhodhaig bhòidhich.
B' fheàrr leam fhìn gu robh thu agam,
b' fheàrr leam fhìn nan t-òr e,
b' fheàrr leam fhìn gu robh thu agam
's e do mhàise a leòn mi.
B' fheàrr leam fhìn na mìle
nota,
b' fheàrr leam fhìn nan daoimean,
b' fheàrr leam fhìn na mìle nota
gur e nochd an oidhche.
Gar am faighinn idir thu,
gar am faighinn fhìn thu,
gar am faighinn idir thu
nan dèanadh tu do dhìcheall.
|