|
Ruidhle Thulaichean
A nìonag nam meall-shùilean, gur
cìreanach, fallain thu
a nìonag nam basan geala, ghabhainn thu nan tigeadh tu.
Ghabhainn thu 's chan fhidirinn cò bu sheanair
idir dhut
ghabhainn thu le còta bhioran 's ribeanan nad cheann-dubh.
A nìonag nan camagan, gur cinnteach mo ghealladh
dhut
's ma thig thu nì sinn banais dheth bhios aighearach is ainmeil.
Ghabhainn thu nan tigeadh tu, chan iarrainn
tochar idir leat
dhannsainn Ruidhle Thulaich leat is tusa mo bhean-bainnse.
|