|
Ruidhlidh na coilich dhubha
Sèist: Ruidhlidh na coilich dhubha 's
dannsaidh na tunnagan,
ruidhlidh na coilich dhubha air a' bhruthach bhòidheach.
Gheibh thu aran agus ìm 's càise na
banaraich,
gheibh thu aran agus ìm agus bainne bhò ann.
Air a' bhruthach againn fhìn, air a' bhruthach
uthard ud,
air a' bhruthach againn fhìn, air a' bhruthach bhòidheach.
Dreach 2:
Ruidhlidh na coilich dhubha 's dannsaidh na tunnagan;
ruidhlidh na coilich dhubha air a' bhruaich shìos ud.
Air a' bhruaich againn fhìn, air a' bhruaich
uthard ud;
air a' bhruaich againn fhìn, air a' bhruaich shìos
ud.
Ma phòsas Annag an-diugh, pòsaidh
gach uile tè;
ma phòsas Annag an-diugh, sgaradh air an t-seana-bhean.

|