|
'S ann an Ìle
Sèist: 'S ann an Ìle, an Ìle, an Ìle, 's ann
an Ìle rugadh mi,
's ann an Ìle, an Ìle, an Ìle, 's ann an Ìle bhòidheach.
'S ann an Ìle ghorm an fheòir a rugadh mi
's a thogadh mi,
's ann an Ìle ghorm an fheòir a rugadh mi 's a bha mi.
'S ann an Ìle bhòidheach a rugadh mi 's a
thogadh mi,
's ann an Ìle bhòidheach a rugadh mi 's a bha mi.
Nuair a bha mi ann an Ìle bha Caitrìona cuide
rium,
nuair a bha mi ann an Ìle bha Caitrìona còmh' rium.
Am measg nam bruachan bòidheach, buidhe
bha Caitrìona cuide rium,
am measg nam bruachan bòidheach, buidhe, bha Caitrìona
còmh' rium.
|