|
Seinn o huradail
Sèist: Seinn o huradail o,
seinn o huradail o,
seinn o huradail o,
seinn huradail ho ro.
Thig am fìdhlear a-nochd,
's gheibh na h-ìghneagan port,
thig am fìdhlear a-nochd,
a-nochd thig am fìdhlear.
Tha na maoir ga mo shireadh,
tha na saoir ga mo shireadh,
tha na maoir ga mo shireadh,
cha ghabh mi ach tàillear.
Thèid mi null air an abhainn,
thig mi nall air an abhainn,
thèid mi null air an abhainn,
choimhead air an tàillear.

|