GRD > Puirt-a-beul > 'S grinn a' chaileag Màiri Anna
Beul-aithris - Puirt-a-beul

'S grinn a' chaileag Màiri Anna

Coma leam gu dè a their iad, 's grinn a' chaileag Màiri Anna, (x3)
h-uile fear 's a làmh na bhonaid dol a choinneamh Màiri Anna.

Èirich Anna 's dèan am brochan, dùin an doras 's cuir an crann, (x3)
chan eil fear am Bòrna Sgiodaig nach bi sireadh Màiri Anna.

Tha i bòidheach, tha i giobach, tha i sgiobalt, Màiri Anna, (x3)
èileadh beag is bonaid bhiorach cò ach ise Màiri Anna.


'S grinn a' chaileag Màiri Anna