|
'S i Mòrag
Sèist: 'S i Mòrag, 's i Mòrag,
's i Mòrag a rinn a' bhanais,
Mòrag, 's i Mòrag a rinn a' bhanais ainmeil. (dà
thuras)
Bha fear-an-taighe aig bean-an-taighe,
sgalag aig an t-searbhanta,
buachaille aig a' bhanaraich,
's mo sheanair aig mo sheanmhair.
Bha Seònaid is fidheall aice,
Raghnaid is pìob aice,
Mòr nan dos is feadan aice,
's sheinneadh iad an ruidhle.
Bha thu dubh an-uiridh,
agus tha thu dubh am-bliadhna,
is bha thu dubh a h-uile là
chunna mise riamh thu.

|