|
Thèid thu null air an
fhadhail
Thèid thu null air an fhadhail nì
thu sin,
thig thu nall air an fhadhail nì thu sin,
thèid thu null air an fhadhail,
nì thu ghruagach a thadhal,
far na dh'fhàg thu do roghainn nì thu sin.
Sèist: O tha m' ulaidh air, tha m' ulaidh
air,
cha bhi e ris an òl,
tha m' aighear air, tha m' aighear air,
cha bhi e ris an òl,
m' eudail air an t-sùil 's air a' mhala tha sa cionn,
gaol mo chridhe air a' ghille, gràdhan air.
Tighinn air a' mhuir tha fear a phòsas mi,
tighinn air a' mhuir tha fear a phòsas mi,
tighinn air a' mhuir tha an gille buidhe bòidheach,
cìobair nan othaisgean a phòsas mi.
Tighinn air a' mhuir tha fear a phòsas
mi,
tighinn air a' mhuir tha fear a phòsas mi,
tighinn air a' mhuir tha an gille buidhe bòidheach,
bucaill air a bhrògan le òrdugh an rìgh.
|