|
Thoir a-nall Ailean thugam
Cha tèid Fionnlagh a dh'Eige, ged nach
pòsadh e feasda,
cha tèid Fionnlagh a dh'Eige, dh'Eige cha tèid Fionnlagh,
cha tèid Fionnlagh a dh'Eige, ged nach pòsadh e feasda,
cha tèid Fionnlagh a dh'Eige, dh'Eige cha tèid Fionnlagh.
Thoir a-nall Ailean thugam, Ailean thugam, Ailean
agam,
thoir a-nall Ailean thugam, seatadh e an t-ùrlar,
thoir a-nall Ailean thugam, Ailean thugam, Ailean agam,
thoir a-nall Ailean thugam, seatadh e an t-ùrlar.
Ailean àlainn a' tighinn, mac a' bhàillidh
à Uibhist,
Ailean àlainn a' tighinn, tighinn air an fhairge,
Ailean àlainn a' tighinn, mac a' bhàillidh à
Uibhist,
Ailean àlainn a' tighinn, tighinn air an fhairge.
Dòmhnall àlainn a' tighinn, mac a'
Bhàilidh à Uibhist,
Dòmhnall àlainn a' tighinn, Tighearna na luirgne,
Dòmhnall àlainn a' tighinn, mac a' Bhàilidh
à Uibhist,
Dòmhnall àlainn a' tighinn, Tighearna na luirgne.
Tha MacCarmaig an gille, e ga iarraidh 's ga shireadh,
tha MacCarmaig an gille, ga shireadh is ga iarraidh,
tha MacCarmaig an gille, e ga iarraidh 's ga shireadh,
tha MacCarmaig an gille, ga shireadh is ga iarraidh.
Ceann ruadh air a' ghille, buidhe ruadh air a' ghille,
ceann ruadh air a' ghille, ceann dubh air a mhàthair,
ceann ruadh air a' ghille, buidhe ruadh air a' ghille,
ceann ruadh air a' ghille, ceann dubh air a mhàthair.
|