Ailean nan Sop
Nochd an sgeulachd seo anns an leabhar, ‘Rosg Gàidhlig’, a chlò-bhuail An Comunn Gàidhealach an toiseach ann an 1915. B’ e ‘Cuairtear nan Gleann’ a sgrìobh i. Tha i air a sìmpleachadh an seo is air a sgrìobhadh ann an Gàidhlig an latha an-diugh.
Is iomadh sgeul a th’ air innse mun duine seo ann an eachdraidh na Gàidhealtachd; agus tha iomadh eachdraidh mhearachdach air a thoirt mu dheidhinn ann an leabhraichean. Dh’fheuch sinn ri gach aon dhiubh sin a rannsachadh agus, mar sin, faodar earbsa a chur san eachdraidh a thathas a’ toirt seachad an seo.
B’ e mac do Lachlan Catanach, Triath Dhubhairt, ceann-feadhna Cloinn MhicIlleathain a bh’ ann an Ailean nan Sop. B’ e Lachlan seo an t-aon cheann-fheadhna suarach, mì-chliùiteach a bha a-riamh os cionn Cloinn MhicIlleathain. Cha robh facal math aig duine ri ràdh mu dheidhinn; bha e na dhuine cho garg, gealtach ‘s air a bheil iomradh againn ann an eachdraidh ar dùthcha.
Bha an droch dhuine seo pòsta an toiseach aig a’ Bhaintighearna Ealasaid Chaimbeul, nighean do MhacChailein Mòr, Iarla Earra-Ghàidheil. Cha robh e ach dà bhliadhna pòsta rithe nuair a dh’fheuch e ri cur gu bàs le a fàgail air Sgeir na Baintighearna. (Cha leig sinn a leas an eachdraidh uabhasach seo innse an seo oir tha cunntas air a thoirt anns an ‘Teachdaire Gàidhealach’.) Bha mac aig Lachlann ‘s a’ Bhaintighearna, Eachann Mòr Dhubhairt, duine a bha eu-coltach ri athair sa h-uile dòigh; duine-uasal cho urramach ‘s a bha riamh air Ghàidhealtachd.
An dèidh do Lachlann is a’ Bhaintighearna Ealasaid dealachadh, phòs e bean eile den chinneadh aige fhèin, nighean Fhear Threisinis, agus b’ i seo màthair Ailean nan Sop. ‘S ann ann an caisteal beag ri cùlaibh Mhuile a bha Lachlan Catanach a’ fuireach an uair a rugadh am mac seo dha. Tha an t-eilean seo ainmeil ann an eachdraidh na rìoghachd; bha e na dhaingneachd aig rìghrean na h-Alba fad iomadh ceud bliadhna; agus bha caisteal làidir aca ann. Tha aon chreag àrd, chorrach, chas mu thimcheall an eilein air nach sreapadh gobhar gun luaidh air duine is tha a’ mhuir mu thimcheall cho fiadhaich le sruthan brasa is nach eil e comasach ionnsaigh a thoirt air a’ chaisteal. Tha an t-àite anns an robh na saighdearan a’ fuireach air a ghearradh no air a shnaidheadh on chreig.
Seo an t-àite anns an do thogadh Ailean nan Sop. Ghlac athair an caisteal le foill is chùm e e le fòirneart.
‘S e a’ chiad iomradh a th’ againn air Ailean nan Sop ionnsaigh a thug e air nighean do MhacNèill Bharraigh a bha an taigh athar. Theich ise bhuaithe is i dol ga tilgeil fhèin bho stac àrd gus faighinn air falbh bhuaithe ach choinnich i ri gaisgeach làidir a bhuail Ailean is a chur thar na creige e. Fhuair ise air falbh bho innleachdan an droch dhuine mar sin agus thàrr Ailean às le bheatha air èiginn. Tha a’ chreig sin fhathast air a h-ainmeachadh mar ‘Uirigh Ailein nan Sop’.
Aig an àm ud bha mòran bhàtaichean air ais ‘s air adhart is cuid dhiubh ri goid is ri spùinneadaireachd le sgiobannan làidir, borba. Dh’fhalbh Ailean air aon de na bàtaichean sin is cha b’ fhada bha e innte na a dhearbh e e fhèin a bhith na dheagh sheòladair is na dheagh chreachadair cuideachd. Fhuair e na sgiobair air a’ bhàta is chaidh e bho eilean gu eilean a’ creachadh, a’ losgadh is a’ spùinneadh gach àite gus an robh ainm na chulaidh eagail air feadh na dùthcha. Bhiodh e, le làimh fhèin, a’ cur sop ri taighean is gan losgadh agus is ann mar sin a fhuair e an t-ainm, Ailean nan Sop.
Aon uair thàinig e le a bhàta a-steach gu cùl Mhuile gu Lethoir Thorrloisgte; chaidh Ailean is a chuid ghillean air tìr; mhurt e caraid dha fhèin, tighearna na Lethoir, seann duine gun lochd a bha os cionn an teaghlaich ris an canar, Sliochd a’ Chlaidheimh Iarainn. Chuir e gu bàs e is ghlac e an taigh is an oighreachd dha fhèin.
Tha seo a’ toirt beachd bochd dhuinn mu staid na Gàidhealtachd aig an àm nuair a fhuair an duine fuilteach seo air an oighreachd a ghlèidheadh is e fhèin a shocrachadh innte le murt is mèirle ach bha e na dhuine cho dalma, an-iochdmhor is gun robh eagal air daoine làmh a thogail na aghaidh. Bha na cinn-feadhna aig an àm sin a’ murt is a’ milleadh a chèile is sheasadh Ailean nan Sop am fear a b’ fheàrr a bheireadh taic dha. Bha e uaireannan air taobh a bhràthar, Eachann Mòr Dhubhairt, is uaireannan eile na aghaidh. Chan eil càil a tha a’ sealltainn cho seòlta ‘s cho treun ‘s a bha an duine seo na gun do cheannaich MacDhòmhnaill Ìle a chàirdeas le Eilean Ghiogha a thoirt dha mar oighreachd còmhla ri bailtean eile aig ceann Loch Tairbeirt. Chuir Ailean ùine mhòr seachad an Caisteal an Tairbeirt a fhuair e bho MacDhòmhnaill. Cheannaich MacCailein Mòr a chàirdeas cuideachd le bhith a’ toirt dha oighreachd ann an Capadal, àite torach ris an canar Cill Charmaig.
Le càirdeas nan daoine mòra sin, MacCailein, MacDhòmhnaill is a bhràthar, Eachann Mòr Dhubhairt, dh’fhàs Ailean nan Sop uabhasach cumhachdach is bha eagal mòr aig a nàimhdean bhuaithe. Ach ged a bha uimhir de dh’oighreachdan aige cha do sgur e a chreachadh is a spùinneadh. A-mach o Chaisteal an Tairbeirt dheigheadh e gu Comhghall is gu taobh Loch Laomainn is air feadh machraichean na Galltachd, a’ togail creiche o gach àite. Bhiodh a bhàtaichean a’ dol a dh’Èirinn cuideachd a losgadh is a mhilleadh is a thogail creiche agus mu dheireadh bha droch ainm aige ann an Èirinn mar a bh’ aige ann an Alba fhèin.
Aon uair chaidh e a thogail creach gu Eilean Bhòid. Chuala an Siorram gun robh e a’ tighinn is chruinnich e a dhaoine ach cha sheasadh iad ri na daoine borba a bh’ aig Ailean. Mar sin, thug e leis làn a bhàta den sprèidh a b’ fheàrr a bh’ air an eilean.
Rinn dol-a-mach Ailein dragh mòr dha bhràthair, Eachann Mòr, is do fhear-cinnidh, Tighearna Cholla. Chuala Ailean mu rudeigin a thuirt Tighearna Cholla mu dheidhinn is dh’fhalbh e a dh’Eilean Cholla ga pheanasachadh. Bha Tighearna Cholla a’ coiseachd air an tràigh nuair a ràinig Ailean. Ghlac e e is thug e air bòrd a bhàta e, rinn e prìosanach dheth is cheangal e ri tobhta a’ bhàta e. Thog e nuairsin na siùil is rinn e air an Tairbeart. B’ e bàrd ainmeil a bh’ ann an Tighearna Cholla is thòisich e air òran a dhèanamh do Ailean nan Sop. Sheinn e an t-òran gus an cuala a h-uile duine air bòrd e. Leis an tàmailt a ghabh e leig Ailean ma sgaoil e ag ràdh ris: “Thoir an aire dè a chanas tu mum dheidhinn-sa an dèidh seo; tha eun beag an Colla a’ tighinn a dh’innse dhomhsa na tha thu ag ràdh aig do bhòrd fhèin; leigidh mi às thu ach bi faiceallach an dèidh seo.”
Nuair a bha Ailean air fàs aost stad e de dhroch chleachdaidhean is sguir e de chreachadh is de spùinneadaireachd ach cha do chòrd seo ri na dàimhean a bha na chaisteal; cha robh an fheòil cho pailt is a b’ àbhaist dhi. Air latha àraidh bha cuirm aige is bha fear de a dhaoine a’ criomadh cnàmh air nach robh mòran feòla. “Nach ann air an taigh seo,” ars esan, “a thàinig an dà latha an uair a tha na cnàmhan cho lom.”
Chuala Ailean e is thuig e e. “Biodh gach bìrlinn a th’ againn deiseil a-nochd, ar gillean is ar daoine, is feuchaidh sinn ri beagan feòla a chur a-steach ron gheamhradh.” Dh’fhalbh iad tro na caoil Bhòdach is ràinig iad suas air Abhainn Chluaidh faisg air Glaschu. Thog iad creach mhòr is thill gach bàta dhachaigh, làn. B’ e seo an creach bu mhotha is an creach mu dheireadh a thog Ailean nan Sop is canar, ‘Creach na h-Aisne’ rithe.
Bha Ailean beò gu aois mhòir. Chaidh e gu Eilean Idhe is rinn e rèite ri clèir an àite sin ach ann an ùine bhig bhàsaich e is chaidh a thiodhlacadh ann an I, ann an Rèilig Odhrain, còmhla ri a shinnsirean, teaghlach Dhubhairt.
Dh’fhàg Ailean nan Sop aon mhac is nighean. Chaidh a mhac a chur gu bàs airson oidhirp a thug e air Eachann Mòr, bràthair athar. Phòs an nighean Murchadh Geàrr Locha-buidhe. Thàinig an oighreachd a thug Ailean bho Sliochd a’ Chlaidheimh Iarainn, air ais thuca an dèidh bàs Ailein. Thugadh i do Lachlann Òg, mac do Shir Lachlan Mòr Dhubhairt, is thàinig teaghlach Thorrloisgte bhuaithe-san.
Chaochail Ailean nan Sop uaireigin eadar 1555 is 1560 is chithear a leac fhathast ann an I Choluim Chille.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD |