GRD > Rosg Gàidhlig > Am Fiadh
Beul-aithris - Rosg Gàidhlig

Am Fiadh
Nochd an sgeulachd seo anns an leabhar, ‘Rosg Gàidhlig’, a chlò-bhuail An Comunn Gàidhealach an toiseach ann an 1915. Tha i air a sìmpleachadh an seo is air a sgrìobhadh ann an Gàidhlig an latha an-diugh.

Rugadh an t-ùghdar, Dòmhnall MacEacharna, air Latha na Nollaige sa bhliadhna 1836, ann an Gleann Garasdail air taobh tuath Eilein Dhiùra, faisg air Coire Bhreacain. An uair a bha e fhathast na ghille òg dh'fhàg e an t-eilean is chaidh e a Ghlaschu. Bho sin chaidh e a Dhùn Èideann, far an do rinn e a dhachaigh agus far an do chaochail e ann an 1908. Nuair a bha e òg bha e a' sgrìobhadh òrain fon ainm, ‘Am Bàrd Luideagach’ anns a' ‘Ghàidheal’ is ann am mìosachain eile is chuir e cruinn iad, le beagan rann a sgrìobh e anns a' Bheurla, ann an leabhran beag, ‘Dàin is Òrain’ ann an 1897. An deireadh a làithean, thug e dhuinn a bheachdan ann an rosg – ‘Sgeulachdan is Òraidean’ - anns an Oban Times, anns an ‘Deò-ghrèine’, agus san ‘Celtic Review’. Tha na rinn e air a chlò-bhualadh fon ainm, ‘Am Fear Ciùil’ (1904, 1908). Leugh e mòran de na h-ùghdaran bu chomasaiche a bha a' sgrìobhadh sa Bheurla agus chithear a' bhuaidh a thug sin air inntinn. 'S e glè bheag de dh'ùghdaran a th' againn, a' sgrìobhadh rosg sa Ghàidhlig a chuir a leithid de shnas is de loinn nan smuain 's a chuir Dòmhnall MacEacharna. Chan eil coire ri chur air, ach cho beag 's a sgrìobh e!


1.
O chionn iomadh bliadhna chaidh trì-deug de laoigh fhèidh a lorg sa Mhonadh Dhubh am Bràghaid Albann. Cha bu mhò iad na uain mìos a dh'aois; ach gu dearbh cha robh iad fada a' fàs. Dh'fhàs iad suas mar an raineach. Bha mise aig an àm a' tighinn gu aois anns am bu chòir dhomh a bhith a' dèanamh rudeigin airson mo bhith-beò is chaidh mo chur a ghleidheadh nam fiadh. Chaidh earal teann a thoirt dhomh am biadhadh, an tàladh is am buachailleachd gu cùramach. Agus b' i sin a' bhuachailleachd! Bu cheart cho math dhomh a bhith air a dhol a bhuachailleachd nan eun-fraoich. Bha iad furasta gu leòr am biadhadh. Dh'òladh iad de bhainne blàth gus am biodh iad an cunnart sgàineadh is dh'itheadh iad làn am broinn de chàl 's de luibhean eile. Bha iad cho peatail ri na coin is cho dalma 's cho slìogach airson an cuid fhèin a thoirt a-mach ri na cait. Ach, b' e rud eile a bh' ann a bhith gam buachailleachd; cha robh an sin ach briseadh-cridhe don bhuachaille. A rèir coltais, bha e feumail do na creutairean sin, airson iad fhèin a chumail ann an staid fallaineachd, na h-uimhir de ruith is leum a dhèanamh eadar dà cheann an latha - is gu dearbh chan ann tric a dhìochuimhnicheadh iad am pàirt sin den dleastanas - ach cha robh iad idir a' tuigsinn nach robh an leithid sin de dhol a-mach cho feumail no cho taitneach don bhuachaille. Dh'fhòghnadh na dh'fhòghnadh dha-san agus cha robh iarraidh aige air tuilleadh; ach bha cho beag eanchainn aca-san 's nach robh e comasach tuigse a chur nan cinn. Dh'fhàilnich e orm a-riamh toirt orra a chreidsinn nach ann ri fealla-dhà a bhithinn nuair a bha mi a' feuchainn rin iomain gu ‘cluainibh glas le sìth’. Cha chreideadh duine an aighear a gheibheadh iad às an iomain sin, agus b' e am buachaille an aon bhall-spuirt aca. Ruitheadh iad thugam is bhuam; rèiseadh iad mun cuairt orm is leumadh iad thar mullach mo chinn; ach an aon cheum beag cha ghabhadh iad an rathad bu mhiann leamsa.

An uair a bhithinn air mo chlaoidh leotha is a' toirt dùil suas anns an iomain, theirinn riutha ann am feirg a dhol gu Taigh Iain Ghròta, nach bithinn a' strì na b' fhaide riutha; is thilginn mi fhìn air mo dhruim air a' bhlàr. Thigeadh iad an sin nan ruith 's nan leum a dh'fhaicinn dè an tubaist a dh'èirich don bhuachaille. Dh'fheuchadh iad mi len srònan biorach o mhullach mo chinn gu bonnaibh mo chas, a dh'fhaighinn a-mach dè a bha ceàrr orm. Nan sgoinn thuiteadh iad tarsainn orm, is shaltradh iad fon casan mi gus mu dheireadh gum feumainn leum gu mo chasan airson mo dhìon fhìn bhon iomagain a bh' orra mu mo dheidhinn. Ghabhainn-sa air adhart an uair sin is mi leis a' chais. Leanadh iad mi, a' dannsadh 's a' bochdadaich mum thimcheall ach 's ann a bha sin a' cur ris a' mhì-thlachd a bh' orm cheana. Leanadh iad mi, mar seo, a h-uile ceum gus an tigeamaid chun a' chrò far am biodh iad a' cur na h-oidhche seachad. Thigeadh iad an sin mun cuairt orm, a' putadh a chèile 's a' saltairt air mo chasan, agus a h-uile h-aon dhiubh a' strì ri mo phògadh. Creutairean cho aotrom, guanach, teò-chridheach, agus cho doirbh a bhuachailleachd, cha tàinig riamh nam ghaoith-sa.

Cha b' fhiach dhomh innse do neach sam bith na dh'fhuiling mi air sgàth nan creutairean gogaideach sin. Mar a thuirt mi a cheana, chan ann airson tuilleadh eòlais a thoirt seachad air nàdar is cleachdaidhean nam fiadh a tha mi a' sgrìobhadh nan cuimhneachan faoine seo an-dràsta ach a-mhàin gam thoileachadh fhìn 's mar chur-seachad, a' beachdachadh air nithean nach gabh leasachadh; nithean mar a tha agus nithean mar a dh'fhaodadh iad a bhith.

Faodaidh mi cunntas aithghearr a thoirt seachad air turas beag a thug mi leis a' chuideachd mhì-riaghailtich seo an dèidh dhaibh fàs nan damh 's nan aighean, agus bidh an cunntas sin na dheagh eisimpleir air iomadh deuchainn eile a bh' agam nan lùib. Bha ochd no naoi de choin-eunach againn agus bha iad sin fom chùram cuideachd a bharrachd air na fèidh. Dh'fhalbh mi, latha de na làithean, a choiseach nan con. Cha robh iarraidh againn air cuideachd nam fiadh ach chunnaic iad a' falbh sinn agus lean iad sinn. A-nis, bha na fèidh glè dhèidheil air cuideachd nan con ach cha robh miann sam bith aig na coin air cuideachd nam fiadh. An dèidh dhuinn dol astar latha Sàbaid, shuidh mi air cnocan bòidheach, grianach agus air ball bha na coin mum thimcheall; a h-uile h-aon a' strì ri faotainn na bu dlùithe dhomh na càch.

Chunnaic na fèidh seo agus thàinig iad nan ruith 's nan leum agus cha b' fhada a bha iad a rèiteach àite dhaibh fhèin. B' èiginn do na coin bhochda teicheadh le am beatha agus bha am buachaille fhèin an cunnart a bhith air a shaltairt fon casan. Bha aon de na fèidh, a bha, na laogh, na bu lugha na càch, is lean e greis na thruaghan ach le a bhith ga bhiadhadh leis an spàin bha e a-nis an ìre mhath cho mòr ri càch. Bha an creutair seo cho làn char ris an t-sionnach. 'S e aon de na pratan a bhiodh e a' cluich nuair bhiodh iad a' strì cò bu dlùithe a gheibheadh don bhuachaille a bhith a' sparradh a chinn a-staigh am measg chàich agus, cho luath 's a bheireadh iad uilleag dha, dhèanadh e sin na leisgeul airson tuiteam air a tharsainn air muin a' bhuachaille. Bheireadh am buachaille put no dhà air na h-aisnean aige is phacadh e eadar a chasan e. Cha bhiodh an còrr a dhìth air agus nuair gheibheadh e air e fhèin a dhèanamh cofhurtail shealladh e suas mar gum biodh e a' faighneachd, ‘am faca tu cho math 's a rinn mi siud’?

Ach air an latha seo bha Tòmas - b' e sin ainm - cho mòr, trom 's nach leiginn leis an cleas seo a chluich orm air neo dh'fhaodainn a bhith a' dol dhachaigh le cnap mòr nam bhodhaig. Laigh iad sìos mu dheireadh is thòisich cuid dhiubh a' cnàmh an cìr. Bha aon de na coin na chù-eunaich anabarrach math ach bha e a-nis sean agus air fàs cho lapach 's gun dèanadh e cùis-ghearain den rud bu lugha. Chunnaic mi e, is e na shuidhe air leth o chàch, is coltas air a bhith fìor neo-thoilichte le staid. Sheall e an taobh a bha mi 's na deòir na shùilean. Dh'èigh mi air is thàinig e agus sin mar gum b' ann glè mhùgach. Chuir e truas orm is thòisich mi a' càineadh nam fiadh agus an uair sin sheall mi slios bòidheach fraoich dha a bha dìreach fa chomhair is dh'iarr mi air a dhol ann a dh'fhaicinn an robh càil ann a b' fhiach a shealg. Thug seo sunnd dha is dh'fhalbh e gu toilichte.

Bha tè de na h-aighean dom b' ainm Jessie na laighe faisg orm is nuair chunnaic i an cù a' falbh dh'fheuch i ri dhol na chuideachd; ach rug mi air chluasan oirre is chùm mi air ais i. Bha an seann chù a-nis a' fiaradh a' bhruthaich, air ais 's air adhart, 's e a' cumail na gaoithe air a ghualainn, 's a' dèanamh cinnteach às a h-uile slat den talamh. Bheireadh e sòlas do chridhe sealgair an cù sin fhaicinn mu thimcheall a ghnothaich.

Dh'aithnich mi air a-nis, mar a bha e a' gabhail a chùrsa, gun d' fhuair e a-mach far an robh na h-eòin, ach cha do leig e sin air. Bha e air ais 's air aghaidh mar a bha e roimhe, ach gun robh a chùrsa a' dol na bu ghiorra 's na bu ghiorra, is e ag oibreachadh suas chun àite far an robh na h-eòin nan laighe.

Bha Jessie a' cur roimpe a bhith air falbh. Cha robh i a' tuigsinn dè a bha an seann chù a' sireadh anns an fhraoch. Bha Jessie car neònach mar seo; dh'fheumadh ise i fhèin a dhèanamh cinnteach mu dheidhinn nì sam bith a chuireadh iongantas oirre. Chan fhòghnadh leatha ach an nì sin a rannsachadh air a son fhèin.

Bha an seann chù a-nis gu faiceallach a' tarraing suas ri na h-eòin, ceum an-dràsta 's a-rithist ga thoirt na bu dlùithe 's na bu dlùithe. Mu dheireadh sheas e, amhach sìnte roimhe 's a shròn dìreach air an àite anns an robh na h-eòin; earball sìnte na dhèidh 's cho rag ri crann brataich; trì de chasan air an talamh 's a' cheathramh chas togte, deas gus an ath cheum a thoirt nam biodh sin feumail. Sheas e mar sin gun char a-null no a-nall ach cho daingeann 's ged bu dhealbh snaidht' a bh' ann.

An uair a chunnaic Jessie seo cha b' urrainn dhi cumail oirre fhèin na b' fhaide; spìon i uam a cluasan is thog i oirre a dh'fhaicinn air a son fhèin dè a bha ceàrr air an t-seann chù. Ràinig i e is chuir i a sròn air a dhruim, a dh'fhaicinn an e rudeigin a chaidh ceàrr air an sin; ach cha do charaich esan eang.

Thug i an uair sin roid mu thimcheall a dh'fhaicinn an cuireadh sin gluasad air. Chuir sin gluasad anns na h-eòin-fraoich air an robh esan ag èaladh agus leum iad air falbh air an iteig. An uair a chunnaic an cù bochd gun robh a shaothair air a mhilleadh leis a' chreutair ghogaideach ud thug e aon bhurral tiamhaidh às is sheall e an taobh a bha mi mar gum biodh e a' faighneachd am faca mise càil air thalamh cho mì-chiatach ri siud.

Chuir seo tuilleadh iomagain air Jessie mu chor a' choin agus bha i a' dol a chur a sròine air, aon uair eile a dhearbhadh dha an truas a bh' aice ris; ach bha seo tuilleadh 's na b' urrainn dha-san cur suas leis, agus leum e is rug e air chluais oirre.

Ach bha tuilleadh ri thighinn; dh'èirich ise air a casan deiridh is leadair i an cù le a casan toisich gus an robh e a' sgiamhail. Theich e is gearan goirt na bheul is thàinig e thugam le casaid làidir na chridhe an aghaidh na h-aighe, nam b' urrainn dha a bhith air sin a chur an cèill. Rinn e mar a b' fheàrr a b' urrainn dha; chuir e a spòg am làimh, a' leigeil ris dhomh mar a bha e air a mhilleadh is e aig a' cheart àm air chrith leis an dòrainn; an deur a bha na shùil agus an ràn goirt a bha na bheul ag innse a chùise fhèin cho math 's ged a bhiodh e a' taomadh a-mach a ghearain an Gàidhlig ghrinn fhileanta Earra-Ghàidheil. San staid sin cha robh càil air thalamh a bheireadh faochadh dha ach ceann na h-aighe a thoirt dha air mèis.

Air sgàth na sìthe, gheall mi sin dha agus, le a bhith a' taomadh bhriathran trucantais na chluais, bha mi, ann an dòigh, a' taomadh ìochshlaint na chreuchdan is mar siud thug mi sìth mun cuairt.

Ach ma thug, cha b' fhada a mhair i. Thàinig Jessie is an uair a chunnaic i an cù eadar mo ghlùinean, ghabh i sìos a dh'fhaicinn ciamar a bha e. Chuir i an uair sin, mar a b' àbhaist, a sròn air a dhruim cho coibhneil 's a b' aithne dhi; ach, mo chreach, leum agus ghlaodh esan cho cruaidh 's ged a chuirte saighead ann.

Bha mi dìreach gus a dhol às mo chiall a' feuchainn ri sìth a chumail eadar na creutairean sin. Leum mi air mo bhonn; bhrist mi suas an camp is ghabh sinn an rathad a-rithist.

Bha taigh mo sheanar sa ghleann fodhainn is chaidh sinn an taobh sin. An uair a ràinig sinn chaidh mi a-steach ach dhruid mi an doras nam dhèidh, a chumail a-mach muinntir na h-ana-riaghailt. Cha robh aig an taigh ach mo sheanmhair, 's i a' cur crìch air deasachadh arain. Thuirt mi rithe gun an doras fhosgladh seach gun robh na fèidh a-muigh ach tha amharas agam nach cuala i ceart mi oir bha i caran bodhar. Bha cruach den aran a dh'fhuin i, aran-coirce, air a' bhòrd is a' chuid mu dheireadh den fhuine ga chruadhachadh ris an teine. Gu mì-fhortanach, chaidh ise chun an dorais is dh'fhosgail i e.

Bhrùchd a' chuideachd a bha a-muigh a-steach. Nuair a thuig mise dè a thachair leum mi air mo bhonn is chuir mi an t-aran a bha air a' bhòrd suas air dèile a bha shuas aig mullach an taighe. Ach cha robh ùine na bha ris an teine a shàbhaladh; bha sin na chriomagan air an ùrlair ann am prioba na sùla. Rachadh na creutairean fiadhaich ud tro theine Bhàail airson aran-coirce. Fhuair mi air na coin a chur taobh a-muigh an dorais ach mus d' fhuair mi air sin a dhèanamh bha na fèidh air crìoch a chur air na bha ris an teine den aran is iad a' sealltainn airson tuilleadh.

Fhuair Jessie a sùil air na chuir mise an àird air an dèile is leum i suas air a' bhòrd is bha an còrr den fhuine air an làr mus b' urrainn bacadh a chur oirre. Cha robh agam air ach an slaodadh a-mach air chluasan, aon an dèidh aoin dhiubh; agus mun d' fhuair mise an t-aon mu dheireadh dhiubh a-mach cha robh mòran air fhàgail de fhuine na cailliche.

Bha mi fìor dhuilich mar a thachair; cha robh aig a' bhoireannach caomh ach tionnadh ris an fhuine as ùr, ach bha foighidinn mhath aice. An dèidh na rinn iad de chron cha tuirt i ach, "O, na creutairean, nach bòidheach iad."

Chuidich mi i a' rèiteach an taighe 's a' sguabadh an ùrlair; is an sprùilleach arain a sgap a' ghràisg feadh an taighe, thrus mi is chuir mi ann am poca e, is air eagal gun èireadh tubaist eile, dh'fhalbh mi le mo threud.

Throid mi ri na coin airson na h-aimhreit a thog iad agus an tàmailt a thug iad orm. Dh'èist iad rium le an cinn crom agus, a rèir choltais, le aithreachas airson na thachair; ach fhad 's a bha mi a' bruidhinn riutha bheireadh an seann chù sùil ghruamach an-dràsta 's a-rithist air Jessie, a' leigeil ris gu soilleir dè a bha na bheachd. Thionndaidh mi ri na fèidh, a dh'fheuchainn ri beagan comhairle a thoirt orra ach bu bheag feum a rinn sin. An uair a bha mise a' cur Lagh nam Modhannan fan comhair bha Jessie suas gu a dà shùil na mo phòcaid far an do mhothaich i don sprùilleach arain a thog mi bhon làr. Thug i làn a beòil leatha 's cho luath 's a mhothaich càch gun robh rudeigin agam cha mhòr nach do shlaod iad an còta bho mo dhruim is cha b' fhada gus an do dh'ith iad a h-uile mìr a bha nam phòcaid.

Fhuair sinn mu dheireadh air ais chun àite a dh'fhàg sinn sa mhadainn is nuair thàinig àm an treud a chur dhan chrò, am beul na h-oidhche, bha iad cho gaolach 's ged a bhiodh an dol a-mach tron latha cho modhail 's a mhiannaichinn. "O, luchd nan ceann gun chèill”!

Mun àm seo bha dhà no trì de ghaoisneanan dubha a' strì rin cinn a nochdadh air uachdar a' chraicinn, eadar mo bheul 's mo shròn. Bha mi cho moiteil à seo is bha mi fìor chùramach mun deidhinn; gan leasachadh le ìm ùr; gan slìogadh lem mheòir is gan treòrachadh an taobh am bu mhiann leam iad a ghabhail.

Chan e gum b' fhiach am beagan a bh' ann dhiubh na h-uiread seo de dhragh a ghabhail riutha ach bha dòchas agam nach robh an seo ach comharraidhean air na bha dol a thighinn, agus le cothrom na Fèinne a thoirt dhaibh co aige a bha fios nach dh'fhaodadh Freasdal sprùilleach feusaig a chur nan cois. An ùine ghoirid dh'fhàs seo chun na h-ìre 's gun robh e a' dèanamh seòrsa de shrianag dhubh mum bhilean.

Bha a h-uile nì ceart gu leòr gus an do mhothaich Jessie dè a bha a' tachairt. An uair a mhothaich, dh'fheumadh ise, mar a b' àbhaist, faighinn a-mach dè a bha ceàrr. Cha chreideadh duine mar a dh'fhuiling mise fon chreutair ghogaideach ud air sgàth am beagan fàis a bha siud. A' chiad nì sa mhadainn is an nì mu dheireadh feasgar bha Jessie a' sparradh a gnùis am aodann, 's i a' feuchainn ri grèim fhaighinn air na bunnan beaga ud a bha cho prìseil agam fhìn. Cha diùltainn-sa Jessie a phògadh, nam b' e sin a bha a dhìth oirre, oir mar a thuirt Donnchadh Bàn:

Cha robh a h-anail breun
Ge b' e phògadh i.

Ach bha fios na faigheadh ise a' bhileig fuilt ud eadar a càirean 's a fiacail, nach fhàgadh i càil às a dèidh. Thàinig na gaoisneanan fuilt sàbhailte tro chunnart no dhà eile ach cha do rinn sin iad càil nas tlachdmhor dhomh an-diugh 's a bha iad nuair a bha sùil Jessie orra.

Bha dà dhamh san treud seo is nuair a dh'fhàs an ciad cabar, thòisich iad, mar bu dual don t-seòrsa, air na cabair sin fheuchainn air duine 's air beathach ge b' e cò a bhiodh faisg orra. Bha mi latha àraidh a' cur seachad na tìde, a' spaidsearachd suas is sìos ri taobh na h-aibhne. Chunnaic Tòmas mi is bho nach robh a' bheag aige ri dhèanamh, thàinig e a chumail cuideachd rium. Cha luaithe a thàinig e na thòisich e air cuid de chleasan fheuchainn orm. A-nis, bha cleasachd Thòmais math gu leòr fhad 's nach robh ann fhèin ach am maol-cheann; ach bhon bha a-nis a cheann armaichte le sleagh 's le pic, cha robh mi cinnteach nach fhaodadh an rud a bhiodh dha-san na fhealla-dhà a bhith dhomhsa na dha-rìribh. Rug mi air chluais air agus threòraich mi a chum an rathaid mhòir e. Ghabh sinn an rathad le chèile; esan 's a cheum cho uallach agus a cheann cho àrd is ged a bu leis fhèin am baile; mise a' tachais a chluaise is ag innse dha mu chor an t-saoghail.

Bha sinn mar seo, a' sràid-imeachd air druim an rathaid mhòir an uair a thug mise sùil uam is a chunnaic mi ‘banarach dhonn a' chruidh’ a' tighinn dhachaigh às a' bhuaile. Leig mi às cluas Thòmais is thòisich mi air slìobadh nan gaoisnean a bha a-nis soilleir rim faicinn air uachdar mo bhuis, agus aig a' cheart àm stad mo chonaltradh ri Tòmas. Thug esan fa-near; chan eil fhios agam an robh e mothachail air nach robh mi a' toirt na h-aire air an robh e airidh, dha no nach robh; agus dìreach a thoirt sanais dhomh gun robh mi a' dìochuimhneachadh mo dhleastanais, thug e bruideadh dhomh sna h-aisnean 's thilg e an dìg an rathaid mhòir mi. Bha an rathad gu math na b' àirde na an dìg a bha ri thaobh agus thug e, mar sin, beagan ùine mus d' fhuair mise air mo chasan a shlaodadh a-mach às a' pholl is an suidheachadh air talamh tioram.

Tha mi a' smaoineachadh gun do thuig Tòmas air mo ghuth 's air mo chainnt, fhad 's a bha mi a' sreap ri bruach na dìge nach robh mi uile gu lèir toilichte leis; co-dhiù, dh'fhuirich e pìos uam is an dèidh dha greis a thoirt a' dannsadh air mo bheulaibh, chuimhnich e gun robh gnothach aige taobh-eigin eile is dh'fhàg e an-siud mi, a' glanadh a' phuill bhom thrusgan is a' leigeil ruith le sreing de ghuidheachan, an dòchas gum beireadh cuid dhiubh air Tòmas; ach cha do rug; cha tug iad buaidh sam bith air.

2.
Bha e glè iongantach a thoirt fa-near an t-eadar-dhealachadh a bha eadar na creutairean sin a thaobh càileachd. Cha robh a dhà dhiubh den aon nàdar. Bha an t-eadar-dhealachadh seo na b' fhaicsinniche sna daimh - Tòmas agus Jack. Bha Jack fìor uasal na dhòigh; cha b' fhiach leis a bhith ri amaideas mar a bhiodh Tòmas is cha robh droch charan sam bith ann. Bha na h-aighean san aon dòigh, càil fa leth aig gach aon diubh.

Bha an t-àm a-nis a' dlùthachadh anns am b' fheudar dhomhsa dealachadh ri mo threud. Cheannaich duine uasal mòr an oighreachd greis roimhe sin; ach cha robh cabhag air a thighinn ga faicinn. Mu dheireadh thàinig e fhèin 's a shearbhantan a shealltainn air an àite. Bha a' Bhaintighearna fo iomagain air sgàth 's cho fiadhaich 's a bha a h-uile nì a' coimhead: beanntan gruamach; coilltean dorcha; muir luasganach, is gun fiù acarsaid ann airson bàta, no rathad-mòr airson carbad.

"Dè a thug ort," ars ise ris a' Mhorair, "a leithid de dh'àite a cheannach?" "Àite," ars ise, "gun eaglais no taigh-sgoile; gun phosta a' tighinn nas dlùithe na seachd mìle de dh'astar; gun dhotair eadar dà cheann an eilein, agus, nas miosa na sin uile, gun grèim de dh'aran cruithneachd ri fhaighinn nas fhaisge na Ceann Loch Gilb, fichead mìle air falbh is deich dhiubh thar fairge. Dè, idir," dh'fhaighnich i a-rithist, "a thug ort an t-àite seo a cheannach?"

Cha robh an duine còir ro chinnteach mun chùis agus smaoinich e a dhol cuairt a dh'àiteigin gus an ciùinicheadh a' Bhaintighearna. Bha uinneag an t-seòmair ìsle ris an talamh is thog e i is thug e ceum a-mach air a' ghlasaich.

Thàinig Jessie mun cuairt; chunnaic i an uinneag fosgailte is ghabh i ceum a-steach. Bha a' Bhaintighearna na seasamh taobh eile an t-seòmair, is a cùl ris an uinneig. Bha ceum na h-aighe cho grinn is am brat-ùrlair cho tiugh is nach d' fhuair a' bhean-uasal an sanas a bu lugha gus an do chuir Jessie a sròn fhuar air a lethcheann. Chunnaic i, aig a' cheart àm anns an sgàthan a bha fa comhair, faileas a' bheathaich a bha ri taobh; ghlaodh i gu cruaidh is thuit i seachad air an ùrlar. Thàinig aon de na searbhantan a dh'fhaicinn dè a bha ceàrr. An uair a chunnaic e a' Bhaintighearna na laighe air a druim air an làr agus am fiadh-bheathach grannda na sheasamh os a cionn thug esan cuideachd sgiamh uabhasach às is air ball bha an còrr de na searbhantan cruinn. Thòisich an sin ùpraid mhòr a dh'fheuchainn ris an uilebheist seo a chur a-mach. Shaoil Jessie bhochd gur ann ri fealla-dhà a bha iad is dh'aontaich i leotha sa mhionaid; is rèis i mun cuairt an t-seòmair is leum i thairis air gach ball àirneis a thàinig na rathad ach a-mach cha rachadh i idir; carson a rachadh; nach robh a h-uile nì a' còrdadh rithe far an robh i? Chaidh fios cabhaig a chur gu a' bhuachaille a thighinn le a ghunna is le a chuid chon gus cur às don bheathach-sgiathaich a bha an ìmpis an taigh 's na bha ann a chur bun os cionn. Thàinig e, ach gun ghunna no chù leis; chuir e a làmh air sròin na h-aighe is dh'iarr e oirre a leantainn, is rinn ise sin cho toileach 's a rinn na radain Pìobair ballach Hamelin a leantainn.

Chuir seo iongantas air na Goill; ach cha robh fios aca gun robh criomag arain ann an dòrn a' bhuachaille is gun do mhothaich Jessie dhe sin nuair a chuir e a làmh air a sròin.

Bha a' Bhaintighearna ann an droch staid. Theab i bàsachadh leis an eagal, is bha i a-nis, mar gum b' ann, eadar nèamh is talamh, is gun fhios aice am fanadh i no am falbhadh i, agus sin air tachairt ann an àite gun dhotair no chungaidh-leighis: ‘gun ìocshlaint an Gilead, gun lèigh an sin’. "O, dè a thug air an duine ghòrach an t-àite a cheannach?" Ach, bha i a' tighinn thuice fhèin ùidh air n-ùidh.

Air madainn làrna-mhàireach dhùisg i le crith mhòir is i a' bruadar gun robh an creutair gun mhodh gun nàire sin, Jessie, aig taobh a leapa is i a' strì ri a pògadh an aghaidh a toile. Ach shaoilinn nach leigeadh i a leas a bhith mar sin; bheirinn-sa an-diugh sia sgillinn airson pòig-mhaidne Jessie.

Leis an eagal a ghabh a' bhean-uasal, is gun fhios dè an ath bhuaireadh a dh'fhaodadh a thighinn san àite seo, leum i air a casan, dh'fhosgail i an uinneag, is sheall i a-mach. Bha a' ghrian ag èirigh air cùl nam beann 's a' cur gathan solais tro na neòil thana a bha a' snàmh os an cionn. Bha an Caolas Diùrach, air nach do ràinig ach faileas nan gathan sin fhathast, mar shruth mòr leathann de airgead-beò, le gach dath air am b' urrainn dhi breithneachadh a' dol 's a' tighinn air a h-aodann, mar an lannair a chluicheas air muineal a' chalmain. Bha an driùchd air an fheur is boltrach chùbhraidh a' tighinn às a' choille a bha dlùth ri làimh. Air a' ghlasaich fon uinneig bha na h-uimhir de chreutairean nach fhaca i a-riamh roimhe cho dlùth air taigh; coilich-dhubha is liath-chearcan; easagan is cearcan-tomain; maighich is coineanan; is iad uile cho peatail 's ged nach biodh taigh no duine mìle de dh'astar bhuapa.

'S dòcha nach robh an t-àite cho gruamach 's a shaoil i. Chaidh i dhan leabaidh a-rithist, ach dh'fhàg i an uinneag fosgailte; bha fàileadh na coille ro-annasach leatha. Chaidil i gu suaineach gus an robh a' ghrian àrd sna speur, 's an uair a dhùisg i mhothaich i gun robh i cho acrach ri seabhaig.

An dèidh dhi a bracaist a ghabhail bha i airson tuilleadh den àite fhaicinn, ach mus earbadh i i fhèin an taobh a-muigh de bhallachan an taighe, chuir i luchd-coimhid a shealltainn mun cuairt, a dhèanamh cinnteach nach robh fiadh-bheathaichean sa choimhearsnachd. Thug iadsan fios air ais nach robh creutair fiadhta san t-sealladh.

Ghabh i a-mach, a' stiùireadh a ceum sìos an cois na coille, a bha a-nis na làn thrusgan uaine. Bha iongantas oirre cho ùrar 's cho pailt 's a bha gach seòrsa luibhe a' fàs mun cuairt. An raineach fhèin, shaoil leatha nach fhaca i a-riamh a leithid de phailteas de gach seòrsa. An fhrith-raineach a' ruighinn an àird gu a h-achlais; cuinnlein na dubhchasaich na bu ghrinne na chunnaic i idir, is teanga-an-fhèidh cho spreideach, cuimir 's ged a bhiodh i a' feuchainn ri duais fhaighinn airson cho math 's a bha i a' fàs. Bha a' chùbhraidheachd a bha timcheall oirre a' còrdadh cho math ris a' Bhaintighearna an uair a chuala i sporghail sa choille. Thionndaidh i air falbh rathad eile gun fhios nach fhaodadh math-ghamhainn leum a-mach an taobh sin.

Cha robh i fada air an rathad sin nuair a chunnaic i, mar a shaoil ise, trì fichead fiadh a' brùchdadh a-mach às a' choille is a' tighinn nan leum thuice. Cha robh ann dhiubh ach trì-deug ach mheudaich sùil an eagail an àireamh. Bha iad mun cuairt oirre ann an tiota, is a h-uile h-aon a' strì ri fàilte is furan a thoirt dhi nan dòigh fhèin, ach gu mì-fhortanach cha do thuig ise dè a bha nam beachd; shaoil i gur ann ag iarraidh a h-ithe a bha iad. Gu fortanach, chunnaic mise an suidheachadh san robh a' bhean-uasal is chaidh mi eatorra; ach, mo chreach cha b' e an taing a b' fheàrr a fhuair mi air a shon. 'S ann a thòisich i a' trod rium a chionn 's nach do dh'ionnsaich mi na fèidh ceart. Mo thruaighe, ciamar a bheirinn-sa do na fèidh an nì sin nach robh agam dhomh fhèin?

Ach tha na h-uaislean cho mì-reusanta. Cho luath 's a fhuair a' Bhaintighearna fo dhìon an taighe thug i breith orm fhìn 's air na fèidh agus abair breith luath, dhuilich: ar fògradh le chèile às a' bhaile, gun latha dàlach.

Chaidh crò mòr iarainn a dhèanamh an àird a' mhonaidh airson nam fiadh, far am faiceadh is an cuireadh iad eòlas air fèidh eile; fèidh nach deach am buachailleachd a-riamh is nach do bhlais grèim de aran-coirce. An uair a bha sin deiseil air an son thug am buachaille leis iad is thug e làn chothrom dhaibh air an dachaigh dhuirch ud a bha cho mì-nàdarra dhaibh is a dh'fhuathaich iad len uile neart. Chuireadh staid nan creutairean ud bior ann an cridhe cloiche an uair a thuig iad gun robh iad gu bhith air an cuingealachadh ann an àite nach b' urrainn dhaibh fhèin a dhèanamh farsaing. Ghuidh is dh'èigh iad orm nan dòigh fhèin an saorsa a thoirt dhaibh. Bha Tòmas a' sileadh nan deur, is a chleasan gu lèir air a thrèigsinn. Bha Jessie is a sùilean cho leathann ri beanntaig a' gealltainn gum biodh i modhail à seo a-mach nam fosglainn geata a' phrìosain ud, ach chan fhaodadh e a bhith; chaidh a' bhinn a thoirt a-mach is cha robh laghannan nam Medach is nam Persianach cho teann ri òrdugh na Baintighearna.

B' fheudar dhomhsa togail orm is am fàgail an-siud is bha an cor anns an do dh'fhàg mi mo threud bòidheach a' cur mulad mòr orm 's mi a' fàgail Dhiùra.


© na dealbhan Christine Campbell & GRD