GRD > Rosg Gàidhlig > Anns a’ Choille Bheithe
Beul-aithris - Rosg Gàidhlig

Anns a’ Choille Bheithe
Chaidh an earrann a leanas a sgrìobhadh le Dòmhnall MacLaomainn agus bha i am measg earrannan eile a bh’ aige anns an leabhar, ‘The Prose Writings of Donald Lamont’. B’ e ministear soisgeulach a bh’ ann an Dòmhnall MacLaomainn. Nochd an earrann cuideachd anns an leabhar, ‘Rosg Gàidhlig’, a chuir An Comunn Gàidhealach a-mach an toiseach ann an 1915. Tha i air a sìmpleachadh an seo is air a sgrìobhadh an Gàidhlig an là an-diugh. Tha MacLaomainn dìreach mar gum biodh e a’ bruidhinn ri aon duine - an leughadair.

Air madainn Diluain tha e mar chleachdadh agam cuairt a ghabhail do choille bheithe a th’ air cùl mo thaighe; is ged a bhios mi uaireannan a’ toirt rabhadh do dhaoine eile mu inntinnean falamh a bhith aca feumaidh mi aideachadh nach bi càil sam bith as fhiach bruidhinn air a’ dol trom inntinn fhìn aig na h-amannan sin.

Bha fear de na ministearan san eaglais faisg orm ag innse dhomh o chionn ghoirid gu bheil inntinn-san cho math air ghleus is gun tèid aige air a bhith a’ smaoineachadh air nithean dìomhair is domhainn an uair a bhios e a’ coiseachd an rathaid no ag obair anns an lios. Tha e na ghàirnealair sònraichte is ma tha na searmonan aige cho math ris a’ chàl, ri na curranan is na h-ùbhlan a chunnaic mise san lios aige aig deireadh an fhoghair chan eil adhbhar gearain aig a choitheanal. Ach ged a tha farmad agam ris an t-seòrsa dhaoine as urrainn an smuaintean a chumail air dòigh nuair a tha iad ag obair sa ghàrradh no a’ coimhead às dèidh sheilleanan dh’fhàillig e orm a-riamh dà obair a dhèanamh aig an aon àm.

Tuigidh tu bhon seo, a leughadair, nach robh smuaintean cudromach sam bith a’ ruith air m’ inntinn nuair a shuidh mi air a’ mhadainn ghrianaich seo air stoc craoibhe far a bheil sealladh farsaing agam air gleann cho brèagha ‘s a tha ri fhaicinn air feadh Alba. Tha an geamhradh seachad; tha àm seinn nan eun air teachd; ach cha chualas riamh aig Mòd Gàidhealach còisir cho binn ris a’ chòisir a tha a’ gabhail nan òran anns a’ choille bheithe seo an-dràsta.

Bu mhath leam a chreidsinn gur ann a chur fàilte na maidne orm a thog an lòn-dubh a tha a’ seinn air a’ chraoibh ud thall a ghuth ceòlmhor. Tha adhbhar aige fàilte a chur orm oir is tric a fhuair e biadh om làimh air latha geamhraidh nuair nach robh e furasta dha biadh fhaighinn ann an dòigh sam bith eile. Tha e furasta gu leòr dhomh aithneachadh am measg chàich oir tha ite gheal am bàrr a sgèithe. Saoilidh tu nuair a thòisicheas e a’ seinn nach eil eun cho naomh no cho blàth-chridheach ris air an talamh is chanadh tu nach biodh e comasach ceòl cho brèagha a thighinn à bodhaig olc; ach ‘s e an fhìrinn nach eil anns an òranaiche ris a bheil mise ag èisteachd le tlachd ach creutair fèineil, mosach. Mheall e mi gu mòr. Chan eil a leithid de nì is truas na chridhe.

An uair a chuirinn sprùilleach arain a-mach air bonn na h-uinneige bha mi a’ ciallachadh gun robh gach eun air an robh an t-acras làn di-beathte a chuid a ghabhail dheth. Ach ged a bha barrachd bìdh mu choinneimh an lòin-duibh na b’ urrainn dha a chur na bhroinn bha de shannt sa chreutair mhosach-sa is nach leigeadh e le brùdhearg no glaisean no bricean-beithe an gob a chur air. An uair a dh’fheuchadh iad ri criomag fhaighinn thogadh e a sgiathan is dhèanadh e orra le feirg gus am b’ fheàrr leotha teicheadh is fasgadh fhaighinn o chorraich na bèiste. Cha do rinn rìghrean borba na h-àird an ear a-riamh làmhachas-làidir no aintighearnas na bu chruaidhe air an ìochdarain na rinn an lòn-dubh seo air na h-eòin eile.

Ach thachair a shamhail fhèin ris mu dheireadh. Tha coileach peucaig agam is tha e coltach gun do thuig esan mar a bha cùisean. Cho luaithe ‘s a chluinneadh e an uinneag ga togail thigeadh e, le ceum stàtail, chun na cuirme. Ghabhadh e a chuid fhèin de na bha a’ dol, ach ged nach cuireadh e dragh sam bith air na h-eòin bheaga, cha leigeadh e leis an lòn-dubh aon làn beòil a thogail. Chan eil fhios agam-sa dè a bha am brùdhearg is am bricean-beithe ag ràdh riutha fhèin nuair a dh’atharraich cùisean dhaibh mar sin, oir cha thuig mi an cainnt; ach bha e furasta gu leòr dhomh a thuigsinn dè a bha an lòn-dubh ag ràdh ris a’ pheucaig is e na shuidhe air meangan craoibhe an sealladh na cuirme aig nach fhaodadh e suidhe. An-dràsta ‘s a-rithist leumadh e os cionn na peucaig, a’ crathadh a sgiathan is a’ sgreuchail gu h-oillteil. Cha robh mòran ciùil na ghuth is cha b’ e am port a b’ fheàrr a bha na bheul. An uair a thèid duine no beathach às a rian is a thòisicheas e a’ mionnachadh tha e furasta gu leòr tuigsinn dè a tha e a’ dèanamh ge bith an ann ann am Beurla, no am Fraingeis, no an Greugais no eadhon an cànan nan eun a tha e a’ toirt faochadh do dhroch nàdar; is bha guidheachan an lòin-duibh cho uabhasach is nach leigeadh mo nàire leamsa an cur sìos air an duilleig seo.

Ach tha fuachd is acras a’ gheamhraidh seachad is faodar maitheanas a thoirt don lòn-dubh air sgàth a’ chiùil bhrèagha leis a bheil e a’ togail mo chridhe air a’ mhadainn seo. Ged a tha na dàin a tha e a’ seinn a’ còrdadh cho math riumsa tha mi glè chinnteach nach ann airson mo thoileachadh-sa a thòisich e a' seinn ach airson a thoileachadh fhèin is gus innse do leannan air choreigin a tha air falach sa choille an gaol a th’ aige oirre.

Bithear ag ràdh nach eil anns an lòn-dubh ach pìobaire an aona phuirt ach chan eil sin fìor. Dh’atharraich e a phort ceithir uairean o shuidh mise air an stoc craoibhe seo agus seo fear de na puirt a sheinn e, facal air an fhacal:

Bun a’ ghuib, bun a’ ghuib,
Bàrr a’ ghuib, bàrr a’ ghuib,
Eun dubh air an nead,
Sheinn an lòn-dubh,
Eun dubh, ho, ho, ho,
Gràdh air na feadagan.

Ach ged a dh’fhalbh òran an lòin-duibh le mo smuaintean airson greis is ged a thug e orm bruidhinn air nithean nach robh idir air m’ aire nuair a shuidh mi air an stoc craoibhe air a bheil mi nam shuidhe tillidh mi a-nis air ais chun nì a bha nam inntinn an uair a chaidh mi dhan choille airson sàmhchair. Ged is e rud nàireach a th’ ann, chuir mi romham gun dèanainn aoir.

Feumaidh mi innse dhut gu bheil mi air mo shàrachadh le radain a tha an ìmpis mo dhachaigh a chur fodhpa fhèin. Cha leig mi leas gearain ris a’ chlèir oir tha na biastan cho beag-nàireach is chan eil dragh aca de chlèir no mhinistearan. Thug bana-charaid còir cat dhomh ach tha e air fàs leisg is an àite a bhith ag obrachadh gu dìcheallach airson biadh chan eil càil air inntinn bho thàinig an t-earrach ach a bhith a’ suirghe air cait Bhail-uaine. Tha e cho glan na bhian is cho deas na phearsa ri cat san dùthaich ach chan eil ann ach ramalair gun fheum.

Aig toiseach a’ gheamhraidh cha robh mun cuairt an taighe seo ach aon radan; is ged nach robh mi ro mheasail air a stairirich cha do ghabh mi mòran umhail dheth oir bha e na chreutair ciallach aig an robh urram don t-Sàbaid. San t-Samhain dh’fhalbh e a dh’àiteigin air choreigin; ach air Latha Fèill Brìghde thàinig e air ais, is ma thàinig cha b’ ann na aonar! Bha bean is clann is oghaichean aige a-nis is b’ e sin an teaghlach gun smachd. Eadar bìogail is gearradh-leum is stairirich nam biastan bha e cho math dhomhsa an taigh fhàgail aca fhèin, oir chuir iad às dhan t-sìth ‘s dhan t-sàmhchair a bha a’ riaghladh anns an taigh seo. Ma bha urram aig an t-seann fhear don t-Sàbaid chan eil sin aig an òigridh is ‘s e oidhche na Sàbaid an aon oidhche a th’ aca airson cuirm is fleadhachais. Tha amharas agam gu bheil iad a’ toirt cuireadh do gach radan eadar Bruar is Ceann na Coille a thighinn a chèilidh orra air oidhche na Sàbaid is chan e cèilidh uaislean a tha sin idir. Cha bhi iad fada còmhla nuair a thèid an ceòl air feadh na fìdhle is a thèid na seòid às an rian. A-raoir chaidh iad às an ciall buileach.

Bha caraid còir a’ sealltainn orm o chionn ghoirid is nuair a dh’innis mi dha mar a bha sìth mo dhachaigh air a mhilleadh le na radain thuirt e seo rium, “Dèan thusa aoir dhaibh is cuiridh sin teicheadh orra.” “Aoir,” arsa mise. “Seadh, aoir,” ars esan.

Tha mo charaid anabarrach fiosrach air seann nithean is dh’innis e dhomh gun d’ fhuair na h-athraichean glic a-mach o chionn nan ceudan bliadhna nach seas an radan as dalma ri aoir, is gur fheàrr leis a dhol tro theine is tro uisge na èisteachd ri rannan far a bheilear a’ fanaid air. Cha b’ urrainn dha innse dhomh carson a bha seo ach bhòidich e gur e an fhìrinn a bh’ aige agus dh’aithris e rannan dhomh leis na dh’fhuadaich fear à Bàideanach radain a-mach à sabhal Bhialaid gu Dail na Spideil agus rannan eile leis an do chuir Fear Srath Mhathaisidh sgaoth dhiubh gus milleadh a dhèanamh air òstair nach bu toigh leis ann an Dùn Chailleann. Chan eil cuimhne agam ach air aon rann de na chuala mi.

Ma ghabhas sibh mo chomhairle, a radain,
Trusaidh sibh oirbh is bidh sibh falbh;
Ma thèid mise a dhèanamh aoir dhuibh,
Cha bhi aon agaibh gun chearb;
Chan eil cat eadar Ruadhainn
Is bràigh Chluainidh nach bi sealg;
Is ann an sabhal Bhialaid
Gheàrr sibh an snàth às a’ bhalg.

Cha robh fios agamsa gu bheil faireachdainnean maoth aig creutairean cho olc ri radain; ach tha làn chreideis agam ann am facal mo charaid; is an dèidh na gleadhraich is na h-ùpraid a rinn iad a-raoir, chuir mi romham nach deigheadh grian eile fodha gus am faigheadh iad an càineadh ann an Gàidhlig chruaidh Thiristich.

Canaidh tusa rium, a leughadair, gur suarach an obair e do dhuine a tha a’ gabhail air a bhith glic, a bhith na shuidhe air stoc craoibhe air madainn Diluain a’ dèanamh aoir do radain. Tha mi glè choma dè a chanas tu no a shaoileas tu; ach ma tha feum san leigheas a thug mo dheagh charaid dhomhsa, chan eil radan sa bhaile nach bi le earball air a ghualainn a-nochd, a’ dèanamh air Peairt.


© na dealbhan Christine Campbell & GRD