GRD > Rosg Gàidhlig > Iarla Mhàrr is Fear na Briagaich
Beul-aithris - Rosg Gàidhlig

Iarla Mhàrr is Fear na Briagaich
Thàinig an sgeulachd seo bhon phàipear, ‘Cuairtear nan Gleann’, is nochd i san leabhar, ‘Rosg Gàidhlig’, a chlò-bhuail An Comunn Gàidhealach an toiseach ann an 1915. Tha i air a sìmpleachadh an seo is air a sgrìobhadh ann an Gàidhlig an latha an-diugh.

Ann an aon de na cogaidhean a bha eadar Crùn na h-Alba is Clann Dhòmhnaill nan Eilean bha na Rìoghairich fo smachd Alasdair Stiùbhairt, Iarla Mhàrr, agus Dòmhnall Stiùbhart, Iarla Chataibh. Ràinig iad Loch Abar gus ionnsaigh a thoirt air buidhinn de Chloinn Dhòmhnaill. Bha a’ bhuidheann seo fo cheannas Dhòmhnaill Bhallaich is nuair a chuala iad gun robh an nàmhaid faisg ghabh iad an aiseag, gach fear na bhàta bheag fhèin, gu taobh thall a’ chaoil.

Champaich feachd an rìgh san àite anns an robh Clann Dhòmhnaill air a bhith is iad den làn bheachd gum biodh iad sàbhailte an sin ach thill Clann Dhòmhnaill mu mheadhan-oidhche is mharbh iad Iarla Chataibh is chaidh mòran de fheachd an sgrios cuideachd no an sgapadh.

Fhuair Iarla Mhàrr air teicheadh tron oidhche na aonar, is ràinig e Uamh a’ Chait (a tha a-nis air a h-ainmeachadh Uamh Mhàirr) mu thrì mìle an iar-dheas air gearastan Inbhir Lòchaidh. Dh’fhuirich e an sin latha is dà oidhche gun chàil òl no ithe. Air madainn an dara latha dh’fhàg e an t-àite far an robh e a’ falach is e claoidhte is chaidh e a dh’ionnsaigh a’ mhonaidh.

Cha robh e fada air a shlighe nuair a choinnich boireannach bochd e is dh’fhaighnich e dhith an robh biadh sam bith aice a dhèanadh feum do dhuine a bha feumach air.

“Chan eil,“ thuirt i is i a’ spìonadh poca beag às a pocaid, “ach rud beag de mhin-eòrna.”
“Is mòr ‘s cha bheag e,” thuirt e rithe is e a’ gabhail a’ phoca bheag bhuaipe.

Shuidh e ri taobh uillt, thug e dheth a bhròg, chuir e a’ mhin-eòrna innte is mheasgaich e leis an uisge e.
Thòisich a’ bhean bhochd ri gearain dha ach thuirt esan:

Is maith an còcaire an t-acras
is mairg a ni tarcuis air biadh
fuarag eòrna à sàil mo bhròige
biadh as fheàrr a fhuair mi riamh.

An dèidh taing a thoirt seachad airson na fhuair e dh’fhalbh e tarsainn Fèith na Sgathaich, a-steach bealach Ruighe an Fhìdhleir is tro choilltean brèagha a’ Ghlinn Ruaidh. Ro bheul na h-oidhche ràinig e doras O’ Birinn Chamshròin, duine bochd a bha a’ fuireach anns a’ Bhriagaich, am bràighe Loch Abair. Thug fear an taighe dha gach coibhneas a b’ urrainn dha is seach nach robh biadh eile a-staigh, no eadhon a-muigh aca thuirt e ri mhnaoi gum marbhadh iad a’ bhò mhaol, odhar airson biadh dhan choigreach.

“A’ bhò mhaol, odhar,“ thuirt ise le gruaim oirre, “Cha mharbh thu. Chan eil innte ach a’ phrìomh mhart a bheathaicheas ar teaghlach.”

Ach cha do dh’èist an Camshronach is mharbh e a’ bhò is ròst e am pìos a b’ fheàrr dhith is rinn iad pailteas de shùgh oirre.

Dh’ith Màrr agus an teaghlach às an aon shoithich agus chaith iad an còrr den fheasgar gu dòigheil ag aithris dhàn is seann sgeulachdan.

An uair a thàinig àm cadail sgaoil O’ Birinn seiche na bà maoile air beulaibh an teine is dh’iarr e air Màrr laighe sìos. Chuir an t-Iarla a bhreacan fhèin mu thimcheall is laigh e sìos air seiche na bà is chaidil e gu sunndach.

Sa mhadainn mus do dh’fhalbh e dh’fhaighnich Màrr de O’ Birinn an robh fhios aige cò dha a thug e aoigheachd.

“Chan aithne dhomh,“ ars esan, “’S dòcha gur ann do aon de dh’oifigearan an rìgh; ach ge bith cò thu thàinig thu an seo ann an trioblaid agus b’ e mo dhleastanas cobhair a dhèanamh ort.”

“Is mise, ma-tà, Alasdair Stiùbhart agus an dèidh seo ma bhios tu ann an èiginn sam bith ruig mise; tha Caisteal Chill-droma farsaing fialaidh.”

Goirid an dèidh seo chruinnich feachd an rìgh a-rithist ach nuair a chunnaic iad na bh’ aig an nàimhdean de shaighdearan sgap iad is chaidh gach fear dhachaigh gu àite fhèin.

Nuair a chuala na Dòmhnallaich gun tug O’ Birinn fasgadh don Iarla b’ fheudar dha a dhùthaich fhàgail. Ràinig e fhèin, a bhean ‘s a chlann lùchairt Mhàirr. Dh’iarr e a-steach le dànadas nach do chleachd a bhith aige ach thuirt an dorsair ris gu borb gun robh am morair aig a dhìnneir còmhla ri uaislean eile agus nach fhaodadh duine dragh a chur air. Nuair a chuala O’ Birinn seo dh’fhàs e na bu dhàine buileach is ‘s ann a chaidh e fhèin is an dorsair a shabaid.

Nuair a chuala Màrr cò a bha a-muigh dh’èirich e bhon bhòrd le bàrdachd ag ràdh,

Ionmhainn am fìrean tha muigh,
O’ Birinn às a’ Bhriagaich;
bha mi oidhche ann a thaigh
air mòran bidhe ach beag aodaich.

Chaidh O’ Birinn a thoirt a-steach sa bhad, is chaidh deagh aoigheachd a thoirt dha, mar a b’ fhiach e.

Nuair a chuala an t-Iarla mar a thachair dha thug e dha fearann a b’ fhiach ceithir marg, faisg air a’ Chaisteal, far a bheil mòran de shliochd O’ Birinn gus an latha an-diugh.



© na dealbhan Christine Campbell & GRD