GRD > Rosg Gàidhlig > Seann sgoil
Beul-aithris - Rosg Gàidhlig

Seann sgoil
Chaidh an earrann a leanas a sgrìobhadh le Dòmhnall MacFhionghain, Àrd-ollamh na Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èidinn agus chaidh a cur a-mach an toiseach anns an iris, ‘An Gàidheal’, sa bhliadhna 1874.

Tha e an seo ag innse mun sgoil a fhritheil e air Eilean Colbhasa. Nochd an earrann cuideachd anns an leabhar, ‘Rosg Gàidhlig’ a chuir An Comunn Gàidhealach a-mach an toiseach ann an 1915. Tha i air a sìmpleachadh an seo is air a sgrìobhadh an Gàidhlig an latha an-diugh. Feumar cuimhneachadh gur ann o chionn fhada a-nis a bha na sgoiltean ùra, air a bheil an t-ùghdar a’ bruidhinn, ann.

Bho Linn an Ath-leasachaidh bha lagh na rìoghachd a’ cur an cèill gum bu chòir sgoil is eaglais a bhith anns gach sgìre; ach bha sgìrean na Gàidhealtachd farsaing is b’ ann gu math gann a bha sgoiltean annta. Mar sin, bha dorchadas a thaobh foghlaim air taobh an iar na Gàidhealtachd gu h-àraidh. Gus seo a leasachadh chaidh buidheann a chur air chois a bha a’ dol fon ainm, ‘A’ Chuideachd Urramach airson Eòlas Crìosdaidh a sgaoileadh air feadh Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba’, buidheann a stèidhich sgoiltean san taobh an iar. A rèir riaghailtean na buidhne seo bha aig uachdarain fearainn ri taighean freagarrach a thogail is croitean beaga a chur air leth do mhaighstirean-sgoile. B’ e a’ bhuidheann seo a bha a’ cumail suas an t-seann sgoile.

‘S dòcha nach canadh duine gun robh an taigh-sgoile air a thogail ann an àite ro mhath oir cha robh beanntan àrda, glinn no coilltean san t-sealladh ach bha an taigh faisg air far an robh na sgoilearan a’ fuireach agus bha pàirce bheag ann far am faigheadh a’ chlann air cluiche; bha lochan faisg air a bhiodh math airson speileirich ri àm reothaidh; is bha a’ mhuir faisg airson snàmh. Ged nach saoileadh luchd-turais mòran de bhòidhchead an àite b’ e dachaigh na cloinne a bh’ ann is mar sin bha gach gleann is beinn cho brèagha nan sùilean-san ri àite air an t-saoghal. Agus a thuilleadh air sin bha iomadh nì ri fhaicinn a bheireadh aire an sgoileir bho obair — an tràigh air an robh sabaid o chionn fhada is a shinnsearan a’ dìon an dachaigh bho choigrich a thàinig thar chuain; dùn a tha cuideachd a’ sealltainn mar a bh’ aig na daoine a bh’ anns an àite ri an dìon fhèin; cladh far a bheil muinntir an àite nan laighe sàmhach an cadal a’ bhàis; agus an cuan fhèin a tha cho iongantach ann am fèath is ann an stoirm.

Agus an taigh-sgoile fhèin?
Bha e fada, farsaing, dorcha le ballachan ìosal de chloich ghlais a bha dubh le ceò air an taobh a-staigh; tuill airson dorais air gach taobh den taigh ach gu math trice b’ e fraoch a bha annta is cha b’ e còmhla; bha an làr de thalamh fhliuch ach a-mhàin far an robh làrach an teine; uinneagan leth lìonte le pluic is dà tholl an druim an taighe airson a’ cheò, bhon dà theine bha am meadhan an làir, a leigeil a-mach. Eadar an dà theine bha clach mhòr is b’ e seo stòl an aithreachais far am bitear a’ cur sgoilearan a rinn rudeigin ceàrr. (‘S iomadh uair a rinn mi rudeigin ceàrr air latha fuar geamhraidh dìreach gus cothrom fhaighinn suidhe air an stol sin ri taobh an teine.) Airson àitean-suidhe bha dèilichean bhon chladach sìnte air clachan agus bha dà sheann bhòrd le casan briste ann airson sgrìobhadh. Ma bha àirneis na sgoile gann cha robh mòran aig na sgoilearan ri ghiùlan don sgoil na bu mhò; sglèat ghlas, pàipear cho saor ‘s a gheibheadh, inc de shùgh na craoibhe daraich, peann de dh’ite an t-sùlanaich, Gray, Leabhar Aithghearr nan Ceist, Bìoball Gàidhlig air a chòmhdach le craiceann caorach, agus caman.

Bhiodh e doirbh don mhaighsir-sgoile a b’ fheàrr air an t-saoghal sgoilearan math a dhèanamh le cothroman mar seo agus cuideachd cha robh eòlas a’ mhaighstir fhèin ro fharsaing co-dhiù; cha d’ fhuair e cothrom air na dòighean a b’ fheàrr airson sgoil a riaghladh is cha deach sealltainn dha ciamar a bu chòir dha an t-eòlas a bh’ aige a thoirt do na sgoilearan. Bha e ga cheasnachadh ann an Glaschu, ceart gu leòr ach dh’innseadh dha an sin nach b’ urrainnear leasan Gàidhlig a thoirt dha. Cha robh ann cho eòlach ris air an riaghailt Ghàidhlig, ‘leathann gu leathann, is caol gu caol’, ach nam biodh an sgoil air a pàigheadh a rèir mar a fhreagradh na sgoilearan na ceistean a bhios a’ dol air cloinn an-diugh tha eagal orm nach biodh tuarastal a’ mhaighstir càil na b’ àirde na bha e san latha sin fhèin.

‘S ann le urram bu chòir seann mhaighstirean-sgoile na h-Alba a bhith air an cuimhneachadh. Ged nach deigheadh mo sheann mhaighstir a thaghadh airson obair-sgoile an-diugh ‘s ann le meas is le tlachd a tha cuimhne aig gach sgoilear a bha fo theagasg air. Bhàsaich e mus robh mise seachd bliadhna a dh’aois ach tha deagh chuimhne agam air a dhreach is air a dhòigh fhathast. Bha e anns an airm na òige is dh’ionnsaich e an sin a bhith a’ seasamh dìreach is a’ gluasad gu fearail is bha e mar sin fad a bheatha. Bha e na dhuine breac-liath mu thrì fichead ‘s a deich le aghaidh thuigseach, cridhe blàth, nàdar sèimh, a cheum air fàs trom ach a spiorad cho aotrom ri aois ochd bliadhna deug. Cha robh balach san sgoil cho math ris air camanachd.

Saoilidh mi gum faic mi an seann duine sunndach air madainn reòite gheamhraidh le aid a bha uaireigin dubh, le a chòta clò is le bhata darach na làimh. Chì e a mhac fhèin a’ leigeil seachad na cnaige ann an camanachd: “A thuaisd, a thràill, a sgaraire bhochd,’’ ars an t-athair is a-nuas leis na chòta mòr. Ghreimich e air ceann caol a’ bhata agus ann an tiota tha e air tadhal a chur. Chaidh ar gairm a-steach is na camain a chur fon bhòrd. Thòisich obair an latha le ùrnaigh Ghàidhlig; chaidh earrann den Bhìoball a leughadh is na Ceistean a chur. Thòisich sgrìobhadh is cunntadh, cunntadh is sgrìobhadh an uair sin gu feasgar. Chaidh am Bìoball a leughadh a-rithist is thàinig an là-sgoile gu crìch le ùrnaigh. Chaidh na camain a thoirt a-mach a-rithist is chaith sinn an còrr den fheasgar a’ cluich.

‘S dòcha gun can sibh gur e sgoil thruagh a bh’ innte is gur e teagasg bhochd a fhuair sinn ach ‘s e a chanas mise gur e taigh-sgoile thruagh a bh’ againn is teagasg nach robh cho math ri sin ach teagasg a dh’fhaodadh a bhith buannachdail ann an cuid de sgoiltean san latha an-diugh.

Bha aig maighstirean-sgoile na Gàidhealtachd anns na làithean a dh’fhalbh ri cur an-àirde ri taighean dona is droch phàigheadh. Tha foghlam is sgil nan dreuchd ga iarraidh air maighstirean-sgoile an-diugh nach robh idir air iarraidh air an athraichean ach a dh’aindeoin sin b’ fheàirrde maighstirean-sgoile an latha an-diugh barrachd de chleachdaidhean nan seann fheadhainn a leantainn. Bha dithis shàr Ghàidheal a bha san dreuchd air tuarastal de ₤10 sa bhliadhna; b’ iad sin Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair agus Dùghall Bochanan.

Tha eagal orm, an-diugh, gur e as motha a th’ aig maighstirean-sgoile san amharc ach dè na chosnas iad de dh’airgead is gu bheil clann air an deagh theagasg, nam beachd-san, ma leughas iad cànan nach tuig iad is ma sgrìobhas iad air latha ceasnachaidh 103, 070, 010 ged nach eil fhios aca no aig na daoine a tha gan teagasg dè a tha na figearan sin a’ ciallachadh. Tha leughadh, sgrìobhadh is cunntadh feumail anns an sgoil oir cha dèanar sgoilear às aonais ach chan eil dleastanas a’ mhaighstir-sgoile crìochnaichte le sin. Tha oileanachadh cho feumail ri foghlam agus deagh chleachdadh cho feumail ri eòlas farsaing.

Bhiodh e doirbh dhomh creidsinn gun robh dòighean eadar-dhealaichte aig Dùghall Bochanan air teagasg san eaglais agus san sgoil. Is ann anns a’ chànan a thuigeadh an sluagh a shearmonaich is a sheinn e; an ann ann an cànan nach tuigeadh iad a theagasg e na sgoilearan? An uair a bha Mac Mhaighstir Alasdair a’ brosnachadh nan Gàidheal gu èirigh a sheasamh còir nan Stiùbhartach sheinn e òrain ainmeil an Gàidhlig; saoil an ann ann am Beurla a theagasg e na sgoilearan?

Ach tha mòran de mhaighstirean-sgoile na Gàidhealtachd de atharrachadh beachd. Nach eil e duilich nuair a tha sgoiltean brèagha gan cur suas anns gach àite is nuair a tha an rìoghachd a’ pàigheadh mòran airgid gach bliadhna airson na maighstirean-sgoile sin ionnsachadh ma bhios adhbhar againn ri ràdh mun teagasg a th’ anns na sgoiltean Gàidhealach againn, “B’ fheàrr leam fhìn an t-seann dòigh.”


© na dealbhan Christine Campbell & GRD