
Crìsdean Columbus
Crìsdean - an duine
Rugadh Crìsdean Columbus ann an Genoa anns an Eadailt uaireigin eadar 1450 agus 1452. B' e figheadair agus ceannaiche beairteach a bha na athair. Tha leabhraichean a' toirt cunntas gun d’ fhuair Crìsdean foghlam oilthigh agus gun do dh'ionnsaich e geoimeatras, speuradaireachd agus a bhith a' deilbh mhapaichan. Tha cunntas sgrìobhte aige fhèin air fhàgail gun deach e gu muir aig ceithir bliadhna deug.Co-dhiù, tha fios cinnteach againn gun robh e, nuair bha e mu fhichead bliadhna, a' seòladh ann an soithichean-malairt eadar puirt taobh sear na Mara Meadhan-thìrich. Bha còmhstri mhòr a thaobh mhalairt eadar Genoa agus Venice agus dh'adhbhraich seo iomadh buaireadh agus sabaid.
Nuair bha Columbus 25 bha e air bòrd soithich a chaidh a cur fodha a-mach bho Rubha St Vincent. Thàrr e às gu Portagal agus rinn e a dhachaigh airson greis ann an Lisbon. Ann an seo rinn e a bhith-beò le a bhith a' deilbh agus a' reic mhapaichean agus bha e an-còmhnaidh an cuideachd nam maraichean a b' fhiosraiche a bh' anns an Roinn Eòrpa.
Fhad 's a bha e ann an Lisbon sheòl e gu Innis Tìle, gu na h-Eileanan Canèiridh, gu Madìora agus gu Afraga an Iar. Leugh e sgeulachdan Mharco Polo mu bheairteas na h-àird an ear agus thòisich e fhèin ag ullachadh airson an saoghal mòr a rannsachadh. Bha fios aige gun robh òr ri fhaighinn ann an Afraga nam biodh eòlas aig duine càite an deigheadh e ga lorg. Ach b' e an cunntas a thug Marco Polo air ionmhas Chathay bu mhotha a bha a' gluasad aignidhean.
Bha e ga fhaicinn fhèin mar an duine a lorgadh an t-slighe chun ionmhais seo agus a dh'iompaicheadh na Sìonaich chun chreideimh Chrìosdail. Mar sin rinn e sgrùdadh air mapaichean agus bha e den bheachd gun robh e air slighe ùr a lorg gu Sìona agus gu na h-Eileanan Spìosraidh. B' e an t-slighe seo cùrsa a ghabhail chun iar tarsainn a' Chuain Shiair, timcheall an t-saoghail gu Sìona. Bha e cuideachd den bheachd gun robh e air an t-astar obrachadh a-mach. Ach bha e gu tur ceàrr.
An t-ullachadh
Nuair chaidh Columbus gu rìgh Phortagail le na planaichean sin cha do chuir an rìgh suim sam bith annta. Bha planaichean eile aig an rìgh anns nach robh Columbus a' tighinn a-steach idir. Dh'fhàg sin e a' dol gu Rìgh Ferdinand agus bànrigh Isabella anns an Spàinn airson cuideachadh.Dh'èist iad ri na bh' aige ri ràdh ach bha uallach mòr orra airson nam Mùireach a ruagadh às an Spàinn agus cha robh iad ro dhèidheil airgead a chosg air sgeama Cholumbuis. Thug Columbus còig bliadhna a' feuchainn ri an inntinn atharrachadh mun chùis.
Mu dheireadh, ann an 1492, chaidh buaidh fhaighinn air na Mùirich agus dh'fheuch Columbus a-rithist. Bha barrachd ùidh aig Isabella anns a' phlana a bh' aige airson nan Sìonach iompachadh na bh' aice anns a' mhalairt ach dh'aontaich i cuideachadh a thoirt dha.
Ach bha uaislean anns an Spàinn a bha airson a bhith a' dèiligeadh dìreach ris an àird an iar an àite a bhith an urra ri luchd-malairt Arabanach. Bha fios aca cuideachd gun robh Portagal air seilbh fhaighinn air na h-Asòraichean agus air Eileanan Rubha Verde. Bha na Portagalaich air ìbhri agus air òr a thoirt air ais à Afraga an Iar agus bha na Spàinnich farmadach.
Ach bha an Spàinn air seilbh fhaighinn air na h-Eileanan Canèiridh ann an 1479 agus bha Columbus agus na h-uaislean a bha taiceil dha den bheachd gum biodh iad feumail mar àite-analachaidh nuair bhiodh iad a' dèanamh slighe chun iar.
Aon uair 's gun d' fhuair Columbus cead bho Isabella chuir e fhèin cùmhnantan rithe. Dh'iarr e oirre a ghairm mar àrd-mharaiche nan cuantan agus mar mhòr-uachdaran agus àrd-riaghladair nan tìrean ùra a dhleasadh e don Spàinn. Bha e cuideachd ag iarraidh an deicheamh earrainn den phrothaid a bha e an dùil a dhèanamh às an turas air an robh e a' dol.
A thuilleadh air an sin dh'iarr e cead a bhith na fhear-seilbh air buannachd sam bith a dh'fhaodadh a bhith an lùib tursan-rannsachaidh eile. Gu h-iongantach dh'aontaich Isabella ri na tagraidhean sin agus thug i litir dha a bheireadh e chun a' Mhòr Khan ann an Sìona. Chaidh Columbus gu Palos faisg air Cadiz a dh'fhaighinn shoithichean deiseil airson a thurais. Thug e deich seachdainean ag uidheamachadh nan soithichean agus a' togail sgiobaidhean.
Cha robh seo cho furasta oir bha eagal air seòladairean a dhol air a leithid de thuras. Fhuair Isabella dòigh àraid air sgiobaidhean fhaighinn dha. Gheall i gun deigheadh maitheanas a thoirt do dhuine sam bith a bha a' feitheamh dìteadh airson eucoir nan seòladh e còmhla ri Columbus. Sin mar a sheòl Columbus, le taic bho eucoraich.

Saoghal Cholumbus
Duilgheadasan
Dh'fhàg Columbus Palos aig toiseach an fhoghair 1492 ach cha robh e fada air an t-slighe nuair a thòisich duilgheadasan a' nochdadh. Bha trioblaid aige le na sgiobaidhean agus cha robh na soithichean freagarrach airson turas fada tro chuan fiadhaich. Bha fios aig Columbus gur ann gu mòr an aghaidh an càileachd a bha a' chuid mhòr a' seòladh còmhla ris.B' fheudar dhaibh a dhol air tìr anns na h-Eileanan Canèiridh a chàradh nan soithichean agus a dh'fhaighinn stòr. Cha robh e càil ach air seòladh a-rithist nuair a chuala e gun robh trì soithichean Portagalach air a thòir. Fhuair e air an seachnadh ach a dh'aindeoin sin bha an sgioba do-riaraichte agus bha trioblaid gu leòr aige an lùib sin fhèin. Mar a bha iad a' seòladh, latha an dèidh latha agus gun tìr air fàire bha na maraichean a' fàs iomagaineach.
Thuig Columbus seo agus dh'fheuch e ri chleith bhuapa an t-astar a bha iad air siubhal. Bha e a' sgrìobhadh astar na bu lugha anns an leabhar-clàraidh gach latha. Ach bha an aimsir fàbharach agus bha sin na chuideachadh dhaibh an toiseach. Ach thàinig sin fhèin gu bhith na thrioblaid. Aig aon àm cha robh deò air a' ghaoith agus thug iad greis gun adhartas idir a dhèanamh.
Bha eagal orra gum bàsaicheadh iad anns an t-suidheachadh sin. An dèidh dhaibh faighinn às an sin shaoil leotha gum faca iad tìr a' nochdadh dà uair ach gach uair bha iad air am mealladh. Bha seo cus dha na maraichean agus bhris ceannairc a-mach nam measg. Cha sheasadh iad ris a' chòrr.
Bha iad a' gearain mu dheidhinn a bhith aig muir cho fada ach dh'fheuch Columbus ri an sìtheachadh cho math agus a dheigheadh aige air le bhith a' gealltainn prothaid mhòr dhaibh nuair ruigeadh iad na h-Innseachan. Bha na maraichean den bheachd gun robh iad air seòladh ro fhada deas agus a-mach às an t-slighe gu Asia. Dh'fhàs cùisean cho dona mu dheireadh agus gun do gheall e mura biodh tìr air fàire ann an latha no dhà gun tilleadh iad.
Ged a gheall e seo cha robh càil a dhùil aige cumail ri ghealladh ach gu fàbharach, an ath latha chunnaic iad duilleag craoibhe anns an uisge agus cha b' fhada gus an tàinig fearann am fianais.
Sàbhailte - ach càite?
Thàinig iad air tìr air eilean agus thug Columbus San Salbhador mar ainm air nuair chuir e bratach na Spàinne ri crann ann. Chruinnich an sluagh timcheall air nuair lùb e a ghlùinean ann an ùrnaigh air an tràigh agus e a' toirt fianais ann an sin gun robh e a' gabhail seilbh air an eilean.Seo an cunntas a dh'fhàg e air an t-sluagh:
"Tha fìor choltas na bochdainn orra agus tha iad uile rùisgte.
Chan fhaca mise duine na bu shine na 30 bliadhna. Tha am falt goirid agus garbh mar earball eich. Tha iad gam peantadh fhèin dubh ged is ann odhar a tha an craiceann aca gu nàdarrach. Chan aithne dhomh gum faca iad armachd a-riamh oir nuair thug mi claidheamhan dhaibh gheàrr iad iad fhèin leotha.
Dhèanadh iad deagh shearbhantan oir saoilidh mi gu bheil iad tuigseach.
Bidh e furasta an iompachadh chun chreideimh oir chan eil càil de choltas orra gu bheil creideamh idir aca."
Bha Columbus gu math riaraichte le San Salbhador - àite le craobhan agus le measan. Bha e den làn bheachd gun robh e air fear de na h-eileanan an ear air Iapan. B' e lnnseanaich a bh' aige air an t-sluagh. Lorg e beagan òir agus thug sin air smaoineachadh gum b' fhiach dha a dhol gu na h-eileanan eile a bha air fàire gus an ruigeadh e tìr-mòr Shìona.
B' e Ciuba aon de na h-eileanan sin ged nach robh fios aig Columbus air an sin. Bha Ciuba bòidheach ach cha do lorg iad òr. Bha Columbus fhathast den bheachd nach robh Sìona fad às.
Seo an cunntas a dh'fhàg e:
"Tha, gun teagamh, òr anns na h-eileanan seo. Tha lnnseanaich againn air bòrd a tha ag innse gu bheil òr ga chladhach anns na h-eileanan agus gu bheil an sluagh gan sgeadachadh fhèin leis. Tha iad ag innse cuideachd mu chlachan luachmhor, neamhnaidean agus mòran spìosraidh.
Tha cotan gu leòr ann cuideachd agus tha mi an dùil prothaid mhath a dhèanamh às nuair a ruigeas mi Sìona."
Trioblaidean eile
Cha robh sgiobaidhean Cholumbuis idir riaraichte leis a' chuibhreann den phrothaid a bha dol a thighinn thuca. Theich aon de na soithichean aige, am Pinta, air tòir saoibhreis.Cha robh an fheadhainn a dh'fhuirich ro onarach a bharrachd. Bha iad an-còmhnaidh a' feuchainn ris a' char a thoirt à sluagh nan eileanan agus bha seo a' cosnadh thrioblaidean do Cholumbus. Bha e airson gun dèanadh iad malairt chothromach ach bha an sannt a bha nan cridheachan cho mòr 's nach b' urrainn dhaibh seo a dhèanamh.
Sheòl Columbus à Cuba mu dheireadh leis an dà shoithich a bh' aige air fhàgail. Bha dùil aige map a dhèanamh de na h-eileanan a bh' anns a' cheàrnaidh sin.
Ach gu mì-fhortanach cha robh e air a dhol glè fhada nuair a rinn soitheach eile, an Santa Maria long-bhriseadh air sgeir chorail. Chleachd Columbus seo mar leisgeul airson ionad a shuidheachadh air an eilean seo, Hispaniola. Ghabh e am baile a-null, thug e ainm ùr air - Villa de Navidad, agus thog e daingneachd ann.
Bha e riaraichte gun robh suidheachadh an eilein seo gu math freagarrach airson a dhol an lùib obair nam mèinnean òir agus airson mhalairt. Dh'fhàg e 39 duine anns an daingneachd le bathar gu leòr airson malairt a dhèanamh ann an òr. Dh'fhàg e biadh agus fìon aca a sheasadh dhaibh airson bliadhna. Chaidh armachd agus bàtaichean fhàgail aca cuideachd gus am biodh iad deiseil airson a dhol a shireadh òir aig àm sam bith. A thuilleadh air an sin dh'fhàg Columbus sìol aca airson a chur air an eilean.
Dh'fhuirich luchd-ciùird Spàinnteach air an eilean an dèidh do Cholumbus falbh. Mar sin nuair sheòl Columbus air ais don Spàinn bha colonaidh beag Spàinnteach aige air fhàgail às a dhèidh air Hispaniola.
Air ais 's air adhart
Thug Columbus feadhainn de na h-Arawaks leis air bòrd nuair sheòl e dhachaigh. B' iadsan na fir-iùil a bh' aige nuair bha e falbh bho Ciuba gu Hispaniola. Bha pitheidean agus cotan aige air bòrd cuideachd ach b' e glè bheag de òr a bh' aige agus cha robh e air spìosraidh idir fhaighinn.Cha robh Columbus air a dhol fada air a shlighe dhachaigh nuair nochd am Pinta agus an caiptean ag ràdh gur e ceannairc na sgioba bu choireach gun do theich e. Cha b' e àm a bh' ann airson peanasachadh agus leig Columbus leotha tilleadh na chuideachd air ais don Spàinn. Cha robh an aimsir cho fàbharach air an t-slighe dhachaigh agus a bha i nuair dh'fhàg iad an Spàinn. Bha iad uair agus uair ann am fìor chunnart am beatha.
Dh'òrdaich Columbus nam faigheadh iad dhachaigh sàbhailte gun deigheadh turas cràbhach a chur air chois gu 'Our Lady of Guadeloupe'. Chaidh croinn a chur agus thuit an crann air Columbus fhèin. B' ann aige fhèin a bha ri dhol air an turas chràbhach seo.
Ach sheas na stoirmean agus chaidh soitheach Cholumbuis agus am Pinta a dhealachadh bho chèile agus cha do choinnich iad a-rithist gus an do ràinig iad an Spàinn. Bha na stoirmean air uimhir de dh’eagal a chur orra agus gun robh na seòladairean gu lèir air aontachadh a dhol air turas cràbhach mus do ràinig iad caladh. Nuair ràinig iad na h-Asòraichean thug Columbus air leth na sgioba a dhol air tìr don eaglais a dh'adhradh.
Fhad 's a bha iad an sin chaidh an cuairteachadh agus an glacadh le na Portagalaich aig an robh seilbh air na h-eileanan sin. Nuair thuig Columbus dè a bh' air tachairt cha robh aige ach cur gu muir agus am fàgail às a dhèidh. An dèidh iomadh gàbhadh eile ràinig e dhachaigh agus ged nach robh a thuras cho prothaideach 's a bha e an dùil a bhiodh e rinn Ferdinand agus Isabella gàirdeachas ris.
Bha am Pinta agus a caiptean Pinzar roimhe anns an Spàinn ach bhàsaich Pinzar an ceann seachdain agus mar sin thàrr e às bho dhìoghaltas Cholumbuis. Dh'iarr Columbus cead air Isabella a dhol air turas eile agus fhuair e sin.
Sheòl e a-rithist ann an 1493. Air an turas seo bha 17 soithichean aige le 1,000 Spàinnteach - saighdearan, sagartan, agus tuathanaich agus cuideachd eich, crodh agus pòran ùra mar siùcar airson an cur. Ràinig iad Dominica agus à sin sheòl iad gu Hispaniola.
Fhuair e Navidad air a chreachadh agus gun ach aon Spàinneach air fhàgail beò. Stèidhich Columbus àite tuineachaidh ùr air an tug e an t-ainm Isabella mus do dh'fhalbh e a-rithist air tòir òir. Nuair a thill e gu Isabella bha an t-àite gun rian; chan obraicheadh na h-Arawaks dha na Spàinnich, cha dèanadh iad cuideachadh sam bith dhaibh.
Cha robh air ach tionndadh orra
Chaidh mìltean de Arawaks a mharbhadh anns na sabaidean a bha eatarra agus mu dheireadh fhuair na Spàinnich làmh an uachdair agus thug iad air na h-Arawaks a bhith nan tràillean aca. Ge bith de an t-adhartas a rinn e an turas seo cha deach leis idir an treas uair.Bha Isabella air Columbus a ghairm na riaghladair air a' Charabian ach nuair ràinig e Hispaniola dh'èirich na Spàinnich a bh' air na h-eileanan sin na aghaidh. Bha cùisean cho dona agus gun do chuir Isabella riaghladair eile a-mach an àite Cholumbuis. Chuir esan Columbus an grèim agus chuir e dhachaigh e na chùis mhaslaidh. Shaoileadh duine gun dèanadh siud a' chùis dha ach cha do rinn.
Thug Isabella maitheanas dha agus dh'aontaich i ri turas eile. Dh'fhalbh e ann an 1502 ach cha b' ann càil na b' fheàrr a chaidh dha an turas seo. Ma bha òr anns na h-Innseachan cha do lorg esan e.
Thill e don Spàinn airson an turas mu dheireadh agus bhàsaich e ann an 1506 làn de bhriseadh-dùil nach do rinn e a' phrothaid ris an robh dùil agus den bheachd nach b' e saoghal ùr a lorg e idir ach eileanan faisg air Sìona.
Mar a thionndaidh cùisean a-mach anns na bliadhnachan an dèidh a bhàis thug an saoghal ùr seo saoibhreas mòr don Spàinn.

Na ceithir tursan a rinn Columbus chun a’ Charabian
