Eòin agus ainmhidhean
Eanraig am Maraiche

Eanraig am Maraiche

A’ chiad chothrom

Mu 120 bliadhna an dèidh do Mharco Polo tilleadh dhachaigh a Venice thòisich na Portagalaich a' gabhail ùidh anns an t-saoghal mhòr air taobh a-muigh chrìochan Phortagail. Ged a b' e dùthaich bheag bhochd a bh' ann am Portagal chì sinn bho mhapa gun robh i air a suidheachadh ann an deagh àite airson siubhal-mara.

Mun l4mh linn bha na Portagalaich air na Mùirich, sluagh Moslomach aig an robh smachd air pàirt de Phortagal agus den Spàinn, fhuadach mu dheireadh thall an dèidh iomadh linn. Thug seo cothrom dhaibh ionnsaigh a thoirt air pàirt nam Mùireach ann an Afraga a Tuath. Fhuair iad seilbh air Ceuta an toiseach agus à sin lean iad orra gu deas. B' e seo a' chiad cheum gu seilbh fhaighinn air àiteachan ann an Afraga, Innsia, Sìona agus mu dheireadh lapan.

Rinn am Prionnsa Eanraig à Portagal ainm dha fhèin mar ghaisgeach anns an ionnsaigh a chaidh a dhèanamh air Ceuta agus an dèidh a' bhatail chaidh a dhèanamh na riaghladair air Ceuta. Chuala e iomadh sgeulachd bho luchd-malairt mu na bha air taobh thall an Sahara ann an Afraga an lar agus rinn e inntinn an-àirde gun ruigeadh e na dùthchannan beairteach sin. Thuig e gun robh malairt phrothaideach ri dhèanamh à òr, à ìbhri, à piobar agus eadhon à bhith a' togail dhaoine mar thràillean.

Bha fhios aige nach robh Portagal cumhachdach gu leòr airson seilbh fhaighinn air Morocco a bha làn de bheanntan agus de fhàsaichean. Mar sin, b' ann air a' mhuir a leag e a shùil oir bha na Portagalaich air an dearbhadh fhèin nan deagh mharaichean o chionn fhada.

Stèidhich e ionad ann an Sagres far an do chruinnich e ri chèile fir a bha air leth sgileil ann a bhith a' stiùireadh bhàtaichean, a' deilbh mhapaichean, a' togail shoithichean agus cuideachd ann an gnothaichean saidheansail. Bha na h-eòlaichean sin a' rannsachadh agus a' cumail fiosrachadh ri caipteanan Eanraig a bha a' falbh gach bliadhna air tursan mara sìos cost an iar Afraga.

Eanraig an duine

Dè an seorsa duine a bh' anns a' Phrionnsa seo? Seo an dealbh a th' air fhàgail againn:

An dèidh batal Cheuta ann an 1415 rinn e cinnteach gum biodh soithichean cogaidh aige uidheamaichte airson ionnsaigh a thoirt air na Moslamaich agus cuideachd airson a bhith deiseil gu siubhal gu taobh thall Rubha Bhogadoir. Bha miann mhòr aige faighinn a-mach dè an seòrsa dhùthchannan a bha air an taobh eile den rubha seo.

Bha mòran sgeulachdan neònach a' dol mu na dùthchannan sin anns an robh a' ghrian cho teth agus gun robh a' mhuir fhèin a' goil. Cha robh e furasta do Eanraig toirt air seòladairean an t-slighe sin a ghabhail. Gu dearbha thug e 19 bliadhna mus do dh'fueuch iad, ach mus do bhàsaich Eanraig ann an 1460 bha na soithichean aige air crios-meadhain na talmhainn a ruighinn.

Nuair thill na soithichean sin a Phortagal chaidh am fiosrachadh a bh' aca mu aimsir, mu shluagh, mu mhalairt agus mu chunnartan a lìbhrigeadh chun ionad-fiosrachaidh ann an Sagres. Thug sin cothrom do luchd-deilbh nam mapaichean am fiosrachadh sin a chleachdadh gus siubhal a dhèanamh na bu shàbhailte.

Bha Eanraig dèidheil air a dhol thairis air Rubha Bhogador airson iomadh adhbhar. Bha e den bheachd nach fheuchadh caiptean soithich ri seo a dhèanamh air a cheann fhèin. Bha e fhèin cuideachd airson rannsachadh a dhèanamh saoil an robh buidheann de Chrìosdaidhean anns na h-àiteachan sin no eadhon an robh acarsaidean sàbhailte ann far an deigheadh malairt phrothaideach a dhèanamh.

B' e an trìtheamh adhbhar fiosrachadh fhaighinn air dè cho cumhachdach 's a bha na Mùirich ann an Afraga. Tro na bliadhnachan mòra a bha e a' sabaid an aghaidh nam Mùireach cha d’ fhuair e taic no cuideachadh bho phrionnsa Crìosdaidh sam bith agus bha dèidh aige faighinn a-mach an robh neach sam bith den t-seòrsa sin air taobh thall an Rubha a bheireadh a leithid de thaic dha. Bha miann anabarrach aige sluagh Afraga iompachadh anns a' chreideamh Chrìosdail. Airson nan adhbharan sin thòisich Eanraig a' cur a shoithichean sìos cost an iar Afraga.

Cha robh na tursan seo ro shoirbheachail an toiseach agus cha b' e naidheachdan ro dhòchasach a bh' aig na seòladairean a' tilleadh. Seo mar a sgrìobh aon dhiubh:

"Chan eil càil air taobh thall an rubha - chan eil sluagh ann agus chan eil càil a' fàs - fàsaichean tioram gun bheatha sam bith. Tha a' mhuir cho eu-domhainn agus gur gann gu bheil i aitheamh de dhoimhne trì mìle bhon chladach. Cha till soitheach sam bith a thèid gu taobh eile an rubha gu bràth oir thèid an slugadh suas anns an t-seòl-mara làidir a tha ag iadhadh an rubha."

Ach cha tug Eanraig cus feairt air na sgeulachdan sin.


Àitichean far an do thadhal soithichean Eanraig

Àitichean far an do thadhal soithichean Eanraig

Caipteanan Eanraig

Caipteanan Eanraig

Mu dheireadh thall thàinig duine gu aire Eanraig a bha deònach an turas mar seo a ghabhail os làimh. B' e esan Gil Eannes, ridire a bh' aige. Dh'fhalbh e a dh'aindeoin gach sgeulachd a bha a' dol agus lorg e a-mach air a shon fhèin nach robh cùisean idir cho uabhasach ‘s a bha na sgeulachdan a' dèanamh a-mach. Ged nach fhaca e taighean idir an toiseach bha lorgan dhaoine agus lorgan chàmhail a' daingneachadh dha gun robh beatha ann. B' e toiseach tòiseachaidh a bha an sin fhèin. An dèidh an turais mhisneachail ud cha robh am fear seo mòran air dheireadh air.

Cha robh Goncalves air a dhol glè fhada nuair a fhuair e a-mach gun robh am bàta aige - an Caravel - a' cur feum air càradh. Cha do rinn mo laochan càil ach a dhol air tìr gu dòigheil, an Caravel a ghlanadh agus a chàradh fhad ‘s a bha e a' feitheamh ris an làn, dìreach mar gum biodh iad ann an acarsaid Lisbon. Lean iad orra à sin gu rubha air an tug iad an t-ainm Rubha Blanco. Mar sin, beag air bheag, bha adhartas ga dhèanamh tro na bliadhnachan ged a bha e gu math slaodach aig amannan.

‘S dòcha gur e Eadailteach Alvise Cadamosto bu mhotha a rinn de dh’adhartas. Thàinig esan gu aire Eanraig oir bha e air mòran siubhail a dhèanamh roimhe seo agus cha robh dìth misneachd air.

‘S iongantach mur e e fhèin a thàinig ga thairgsinn fhèin oir seo mar a thuirt e:
"Tha mise air seòladh mu chostaichean na mara Meadhan-thìrich agus aon uair 's mi a' gabhail fasgadh faisg air Rubha St Vincent thàinig orm a dhol a-steach do bhaile a' Phrionnsa. B' ann an sin a chuala mi mu dheidhinn euchdan a' Phrionnsa Eanraig. Thug seo buaidh mhòr orm agus mi fhèin cuideachd dèidheil air cliù agus buannachd a chosnadh. Nach eil m' òige, mo threise agus mo sgil gam chuideachadh airson a leithid a ghabhail os làimh?

A thuilleadh orra sin tha a' mhiann a th' agam air an saoghal fhaicinn agus air àiteachan falaichte a rannsachadh gam chur air chrith le dealas."

Mar sin, ann an 1455, sheòl Cadamosto à Portagal gu ruig Madeira - baile a bha a-nise làn de Phortagalaich. À sin thog e air gu na h-Eileanan Canary air a shlighe gu Rubha Blanco far an robh an sluagh "cho dubh ris an t-sùithe agus iad còmhdaichte ann an gùintean geala agus le turbanan mun cinn."

Lean e air airson 400 mìle an dèidh sin gus an tàinig e gu abhainn Senegal. Bha an abhainn seo 250 mìle agus nuair ràinig e a ceann bha e air dùthaich eile a ruighinn.

Seo an cunntas a dh'fhàg e againn air an dùthaich seo:
"Tha an dùthaich seo bochd dha-rìribh; chan eil baile mòr idir ann ach bailtean beaga le bothagan tughaidh. Chan eil tuarastal sam bith aig an rìgh ach tha uaislean na dùthcha gu math dha le tiodhlacan mar eich, crodh, goibhre, fodar, measan agus mileat. Bidh an rìgh seo a' cumail thràillean airson an talamh àiteachadh agus cuideachd airson an reic mar bhathar.

Bidh na fireannaich a' dèanamh obair nam boireannach, obair mar nìghdearachd agus snìomh. 'S e daoine uabhasach glan a th' annta; bidh iad gan nighe fhèin gu h-iomlan còig tursan san latha. Chan eil iad a' cleachdadh mòran aodaich, dìreach drathairsean seiche ach bidh aodach cotain air na h-uaislean. Chan eil bàta no soitheach de sheòrsa sam bith aca. Gu dearbha, cha robh iad air a leithid fhaicinn a-riamh gus an do ràinig sinn fhèin iad."

Goirid an dèidh do Chadamosto tilleadh thog fear eile air gu rannsachadh Gambia. B' e esan Drego Gomes. Seo an cunntas a dh'fhàg esan:
"Nuair fhuair sinn tarsainn air abhainn Rio Grande bha an sruth mara cho làidir agus nach greimicheadh acair. Ghabh na seòladairean eagal mòr agus bha iad airson tilleadh. B' fheudar dhuinn mu dheireadh a dhol air tìr. Ann an seo bha doireachan de chraobhan pailme ri taobh a' chladaich. Nuair chaidh sinn na b' fhaide a-steach don dùthaich thàinig sinn air raointean feòir far an robh beathaichean coltach ri fèidh ag ionaltradh. Chunnaic sinn ailbhein cuideachd.

An dèidh latha a chur seachad an sin thog sinn òirnn a-rithist agus ràinig sinn Cantor.

Cha b' urrainn do na soithichean ar toirt na b' fhaide oir cha robh aibhnichean ann.

Thàinig daoine gar faicinn às gach ceàrn den dùthaich. Chuala sinn bhuapa mun òr a tha ri fhaotainn nas fhaide deas agus dh’fhaighnich sinn mun t-slighe chun àite seo. A rèir choltais 's ann ann an Kuria a tha an rìgh a tha os cionn nam mèinnean òir a' fuireach.

Dh'innis iad mun chnap mhòr òir a bh' aig an rìgh seo air taobh a-muigh doras a lùchairt. Tha seo cho mòr agus gur gann a ghluaiseas 20 duine e. Bidh an rìgh a' ceangal eich ris.

Rinn mi beagan malairt ach cha b' urrainn do na seòladairean an teas fhulang agus b' fheudar dhuinn falbh na bu tràithe na bha dùil agam."

Ach a thuilleadh air malairt bha Gomes mothachail gun robh dleastanas aige feuchainn ri luchd-àiteachaidh nan dùthchannan sin iompachadh chun chreideimh Chrìosdail. Air a shlighe air ais a Phortagal chuir e trì latha seachad aig beul a' Ghambia. Chuala e mu rìgh àraidh a bha air a bhith na thrioblaid do na Crìosdaidhean.

Chuir e tiodhlacan chun an rìgh seo agus nuair thuig an rìgh nach b' e sabaid a bh' air aire thàinig e le sluagh mòr gu beul na h-aibhne a choinneachadh ri Gomes. Bha easbaig Mohammadanach an cois an rìgh agus chaidh Gomes a cheasnachadh mu dheidhinn a' chreideimh Chrìosdail.

Dh'èist an rìgh gu dùrachdach ri na bh' aig Gomes ri ràdh agus nuair sin thug e òrdugh don easbaig an dùthaich fhàgail air ball. B' e adhartas mòr a bha seo agus nuair ràinig Gomes Portagal leis an naidheachd chuir Eanraig easbaig agus ball den teaghlach aige fhèin gu Gambia airson an obair a leudachadh. Bhàsaich Eanraig goirid an dèidh seo.

Malairt eile

Ged a bha turas sìtheil soirbheachail aig Gomes cha b' ann mar sin a bha cùisean a h-uile uair. Cha robh na Portagalaich fada gus an do thuig iad gun robh malairt phrothaideach ri dhèanamh à tràillean. Thòisich iad a' togail thràillean agus gan toirt air ais a Phortagal airson an reic.

Dh'adhbhraich seo gun robh na h-Afraganaich a' sabaid riutha agus uaireannan a' marbhadh nan caipteanan. Cha tug cinn-feadhna Afraganach fhèin fada gus an do thuig iadsan gun robh prothaid an seo dhaibhsan cuideachd.

Thòisich iad fhèin a' glacadh nan tràillean, gan reic ri caipteanan nan soitheachan a reiceadh a-rithist iad ann am Portagal. Mar sin chaidh mìltean de Afraganaich bhochd nach do rinn cron sam bith a thoirt às an dùthaich fhèin gu bhith air an reic air feadh an t-saoghail mar bhathar sam bith eile.

Cha robh na Portagalaich mar Chrìosdaidhean, a' faicinn càil ceàrr air a' mhalairt seo. Thog iad dùin air fad a' chosta far an robh a' mhalairt seo a' dol air adhart agus far an robh iad a' feuchainn ri na h-Afraganaich iompachadh. Bha a' chuid mhòr de na tràillean seo air an cur chun nan planntachasan anns a' Charabian agus ann am Brasil.

Ach dh'adhbhraich a' mhalairt seo trioblaidean dha na Portagalaich. Bha dùthchannan eile anns an Roinn Eòrpa, mar Breatann, ag iarraidh an cuibhreann fhèin den phrothaid seo agus fhuair iad sin oir cha robh gu leòr shoithichean no armachd aig Portagal a dhleasadh a' mhalairt gu lèir dhaibh fhèin.

Prester John

Ged a bhàsaich Eanraig am Maraiche ann an 1460 mus d' fhuaireas slighe cuain timcheall Afraga chaidh an obair aige air adhart. Fhuair ceannaiche beairteach à Lisbon, Fernao Gomes, cead rannsachaidh mu chosta Afraga. Chaidh còir a thoirt dha malairt a chur air adhart le Afraga an lar. Airson seo bha aige ri 2000,000 reis sa bhliadhna a phàigheadh don rìgh. Chaidh Caolas Guinea a lorg aig an àm seo agus chaidh faighinn a-mach gun robh an costa a' ruith deas gu crios-meadhain na talmhainn agus eadhon thairis air an sin.

B' e malairt ann an òr an rud bu chudromaich air an do dh'amais iad agus ghabh iad ùghdarras air a' Chosta Òir.

Nuair thàinig Iain II gu bhith na rìgh ghabh e fhèin ùghdarras air malairt. Leis na bha de fhalbh is thighinn eadar Afraga agus Portagal thachair gun tàinig Rìgh Bhenin a Phortagal. Chuala Rìgh Iain bhuaithe-san mu dheidhinn Innsia agus mu rìgh ann an sin a bha na Chrìosdaidh. B' e Prester John a b' ainm dha agus a rèir chunntais bha e anabarrach beairteach.

Dh'fhàg an naidheachd seo Rìgh Iain gu math an-fhoiseil oir bha e airson coinneachadh ri Prester John. Dh'fheuch e ri tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn ach b' e sgeulachdan eadar-dhealaichte a bha a' tighinn thuige - feadhainn aca ag ràdh gun robh e ann an Innsia agus feadhainn eile a' dèanamh a-mach gur ann an Afraga an ear a bha e. Ged a bha sgeulachdan gu leòr a' dol mu dheidhinn cha chuala an rìgh bho neach sam bith a bha air coinneachadh ris.

Bha dèidh mhòr aig Rìgh Iain a lorg airson dà adhbhar. Ma bha e dha-rìribh na Chrìosdaidh bhiodh e na thaic dha an aghaidh nan ana-creidmheach; ma bha e beairteach bhiodh e feumail a thaobh mhalairt.

Mar sin ann an 1487 chuir Rìgh Iain dithis air falbh air tìr, aon gu Innsia a rannsachadh mu mhalairt agus am fear eile airson Prester John a lorg. Chuir aon dhiubh Peadar à Covilhan cunntas air ais a Phortagal air a’ choinneachadh a bh' aige ri Prester John. ‘S iongantach mur an robh ùine gu leòr aige bruidhinn ris oir cha robh e ceadaichte dha tilleadh dhachaigh agus bha e fhathast ann ann an 1520. Bha e cuideachd air fios a chur mu bheairteas Innsia agus mun mhalairt anns an robh Innsia an sàs.

Ach a dh'aindeoin sin cha robh Rìgh Iain riaraichte agus chuir e soithichean à Portagal airson slighe-mara gu Innsia a lorg. Bha fiosrachadh a' tighinn a Phortagal cuideachd mu dhùthaich Etiòpia anns an robh Crìosdaidhean agus bha daoine den bheachd gur ann an seo a bha Prester John a' riaghladh.

Ged a b' ann ga lorg a chaidh Peadar à Covilhan, aon uair 's gun cuala Rìgh Iain mu bheartas na h-àird an ear cha deach an còrr de rannsachadh a dhèanamh.

Rubha an Deagh Dhòchais

Ann an 1487 cuideachd dh'fhàg Bartholomew Diaz Portagal le trì soithichean airson turas rannsachaidh sìos costa an iar Afraga a Deas. Bu mhòr na cunnartan tron deach iad agus thug iad 13 latha aig muir agus gun mhòran fhios aca càite an robh iad. Cha do lorg iad an costa a bha iad a' sireadh agus lean iad orra chun ear ach mu dheireadh thug na seòladairean air Diaz tilleadh gu tuath.

Air an t-slighe sin bhuail iad costa ach mhothaich iad gun robh an tìr a' ruith bhon ear chun iar agus cha b' ann bho tuath gu deas mar a bha e an toiseach. Bha Diaz air a dhol timcheall an rubha gun fhios dha.

Lean e air chun an ear gus an do mhothaich e gun robh an tìr a' lùbadh gu tuath a-rithist. Bha na seòladairean aige a-nise airson a dhol dhachaigh gun tuilleadh dàileachd. Bha iad air a bhith air falbh ro fhada, bha am biadh a' ruith a-mach agus cha robh fios dè na cunnartan a bhiodh rompa nan leanadh iad orra. Ach cha robh an t-slighe air ais càil na bu shocaire. Bha na stoirmean cho uabhasach agus gun tuirt Diaz ri Rìgh Iain nuair a thill iad gun robh iad air Rubha nan Stoirmean a lorg.

Bha an rìgh toilichte fhaicinn ach thuirt e gur e Rubha an Deagh Dhòchais an t-ainm bu fhreagarraiche oir bha dòchas aca a-nise nach cumadh cunnartan air ais iad. Mu dheireadh thall bha an t-slighe fosgailte gu Innsia timcheall costa Afraga.

Sùil ri tuilleadh

Bha Bartholomew Diaz air a dhol timcheall Rubha an Deagh Dhòchais agus air sealltainn gum biodh e comasach slighe fhaighinn gu dùthchannan na h-àird an ear.

Bha na dùin a bh' aig na Portagalaich sìos costa Afraga air seilbh a thoirt dhaibh air malairt. Anns an 14mh linn bha malairt phrothaideach ri dhèanamh ann an Afraga ann an òr, ann an ìbhre, agus ann an sìoda. Bha sìobhaltachd ìompaireachd Ghana air ruighinn inbhe mhòr; bha daoine ann an Timbuctu sgileil ann an saidheans, anns na h-ealain, agus ann an sgoilearachd eile. Bha sgrìobhaidhean nan sgoilearan sin gan eadar-theangachadh gu Greigis agus gu Eabhra agus bha luchd-teagaisg a' falbh agus a' tighinn eadar Timbuctu agus oilthigh Chordova anns an Spàinn. Ach a dh'aindeoin an t-saoibhreis seo air an d' fhuair iad seilbh cha robh na Portagalaich riaraichte. Bha malairt phrothaideach na h-àird an ear gan tàladh.

Bha fios aig na Portagalaich gun robh fir-malairt Muslamach a' toirt phiobairean, spìosraidh agus nithean annasach eile a-steach don Roinn Eòrpa. Bha iadsan airson seilbh fhaighinn air a' mhalairt seo agus mar sin bha e cudromach slighe-mara gu Innsia a lorg.

Ann an 1497 dh'iarr Rìgh Phortagail air Bartholomew Diaz planaichean a dheilbh airson turas gu lnnsia agus 's dòcha gu na h-Eileanan Spìosraidh. Rinn Diaz sin agus chaidh ceithir soithichean uidheamachadh ach cha d' fhuair e fhèin ùghdarras orra. Chaidh sin a thoirt do fhear eile, Vasco Da Gama.