Eòin agus ainmhidhean
Ferdinand Magellan

Ferdinand Magellan

Còmhstri

Rugadh Ferdinand Magellan ann am Portugal ann an 1480. B' e duine-uasal beairteach a bha na athair agus bha e fhèin na phèidse aig cùirt Righ Iain II. Fhad's a bha e na ghille òg aig a' chuirt bha Columbus air falbh air a chiad thuras agus bha Vasco da Gama air an t-slighe gu Innsia a lorg.

Mar sin, chaidh àrach agus sgeulachdan an t-saoghail ùir air taobh a-muigh crìochan Phortagail daonnan na chluasan. Chaidh e fhèin an cois turas rannsachaidh uair no dhà cuideachd. Airson adhbhar air choreigin chaidh Magellan agus Rìgh Iain ceàrr air a chèile agus dh'fhàg e Portagal.

Rinn e a dhachaigh anns an Spàinn agus thòisich e an sin a' sireadh cuideachadh airson sgeama rannsachaidh a bh' aige. Bha e airson seòladh sìos costa Ameireagaidh a Deas agus e an dùil gun robh caolas eadar an Cuan Siar agus an Cuan Sèimh. Gheall rìgh na Spàinne, Teàrlach V, gun toireadh e taic dha.

Cha robh na Portagalaich airson gun soirbhicheadh leis idir oir nan lorgadh na Spàinnich an caolas seo dheigheadh aca an uair sin air seòladh gu na h-Eileanan Spìosraidh. Mhilleadh seo an ceannas a bh' aig na Portagalaich air a' mhalairt seo. Cha robh iadsan airson gun cleachdadh dùthaich sam bith eile an t-slighe a lorg iad timcheall costa Afraga.

'S dòcha gur e an t-eudach a bh' eadar an dà dhùthaich bu choireach gun robh rìgh na Spàinne cho buileach deònach air Magellan a chuideachadh. Gheall e còig soithichean do Mhagellan agus 234 de sgioba. Gheall e cuideachd gun toireadh e dha an còigeamh earrainn de phrothaid sam bith a thuigeadh às an turas agus sochairean sònraichte ann an dèiligeadh sam bith eile a bhiodh aige an dèidh làimh. Thug Magellan 18 mìosan ag ullachadh airson an turais. Bha na soithichean a chaidh a thoirt dha aosta agus ann an droch staid.

A thuilleadh air an càradh a bh' aige ri dhèanamh air na soithichean bha an t-uabhas ullachaidh aige ri dhèanamh a thaobh bidhe. Mu dheireadh bha iad deiseil airson seòladh ach cha robh càil a dh'fhios aig an sgioba aige càite. Bha e air seo a chleith orra gus nach biodh eagal orra. Cha robh cùisean glè mhath eadar e fhèin agus na sgiobaidhean co-dhiù. Cha robh earbsa sam bith aca ann seach gur e Portagalach a bh' ann dheth. Bha fuath air a bhith eadar Portagal agus an Spàinn o chionn fhada. A dh'aindeoin sin ghabh iad a chomhairle.

Gu ruige Patagòinia

Mu dheireadh air 10 Lùnastal 1519 sheòl na còig soithichean - San Antonio, Trinidad, Concepcion, Bhictòria agus Santiago - a-mach à Seville. Bha Magellan fhèin air bòrd a' Bhictòria. Mus do dh'fhàg iad an Spàinn thug Magellan air an sgioba gu lèir a dhol a dhèanamh aidmheil. Rinn iad air na h-Eileanan Canèiridh an toiseach far an do dh'fhuirich iad airson trì latha gu leth a' luchdachadh.

Bàta Mhagellan – A’ Bhictòria

Bàta Mhagellan – A’ Bhictòria

An dèidh dhaibh a dhol tarsainn a' Chuain Shiair chaidh iad air tìr ann an Santa Lucia. B' e àite iongantach a bha seo. Fhuair iad measan annasach ann mar battate (buntàta milis) agus anann. Cha robh sluagh Santa Lucia air daoine mar na Spàinnich fhaicinn a-riamh roimhe. Bha iad den bheachd gur e diathan a bh' annta agus thòisich iad a' tabhann leanabain dhaibh airson an ithe! Ach mar a b' fhaide deas a sheòl iad b' ann a b' iongantaiche a dh'fhàs cùisean. Cha robh soithichean air a bhith a-riamh anns na ceàrnaidhean sin.

Nuair a ràinig iad St Julian anns a' Mhàirt thug Magellan òrdugh gum b' fheàrr dhaibh fuireach an sin fhèin airson còig mìosan a' gheamhraidh. Fhad 's a bha Magellan ann an St Julian bha trioblaidean gu leòr aige. Bha sluagh an àite a' sabaid riutha agus a thuilleadh air an sin dh'èirich na sgiobaidhean aige fhèin na aghaidh. Cha robh iad ro dheònach seòladh còmhla ris co-dhiù agus a rèir choltais bha na Portagalaich air brìbean a thoirt do na caipteanan airson buaireadh a chosnadh dha.

An t-slighe a ghabh Magellan agus an t-slighe a ghabh a’ Bhictòria às aonais Magellan

An t-slighe a ghabh Magellan agus an t-slighe a ghabh a’ Bhictòria às aonais Magellan

Nuair thàinig seo gu aire Mhagellain chuip e aon de na h-eucoraich gu bàs, thug e òrdugh fear eile a bhith air a stobadh le claidheamh agus dh'fhàg e an dithis eile às a dhèidh nuair sheòl iad a Patagòinia. Tha cunntas eile a' dèanamh iomradh gun do chroch Magellan na h-eucoraich air a' chladach air beulaibh nan sgiobaidhean. Chan eil fhios dè an cunntas a tha fìor ach tha e fìor gun robh trioblaidean aige ann an St Julian.

Ach, dè an seòrsa àite a bh' ann an St Julian? Seo an cunntas a dh'fhàg an sgrìobhaiche aca, Pigafetta:
"'S e àite neo-thorrach a tha seo. Bha sinn dà mhìos ann mus fhaca sinn duine beò.

Ach nuair a chunnaic abair duine! B' e famhair a bh' ann agus bha e a' seinn agus a' dannsa air an tràigh agus gun stiall aodaich air. Fhad 's a bha e ri seinn bha e a' crathadh gainmhich air a cheann.

Bha aodann air a pheantadh dearg agus buidhe agus dealbh de dhà chridhe air a ghruaidhean. B' e glè bheag de fhalt a bh' air agus bha a cheann fhèin air a pheantadh geal.

Nuair chaidh a thoirt fa chomhair Mhagellain bha e air a chòmhdach le seice beathaich air choreigin. Thug Magellan Patagòinia mar ainm air an àite (tha am facal 'Patagon' a' ciallachadh mòr-chasach mar mhathan ann an Spàinntis).

Tha sinn air a bhith bliadhna air falbh. Feumaidh sinn a-nise slighe a lorg gu na h-Eileanan Spìosraidh agus an geamhradh seachad."

Tìr an teine

Fhad 's a bha iad air St Julian bha Magellan a' cur shoithichean sìos an costa a rannsachadh ach cha robh na tursan seo ro shoirbheachail. Rinn an Santiago long-bhriseadh ach lean ceithir soithichean beaga a' seòladh gu deas. Mu dheireadh thàinig iad gu caolas a shaoil leotha a bha a' ruith eadar bheanntan chun an iar. Dh'fheumadh iad seo a rannsachadh.

Bheir cunntas Phigafetta beachd dhuinn air cuid de na duilgheadasan a bh' aca:
"Bha an sgioba gu lèir cinnteach nach robh an caolas a' fosgladh chun an iar agus mur b' e agus gun tug Magellan òirnn a dhol a rannsachadh cha bhiodh sinn idir air a dhol air àrainn.

Chaidh dà shoitheach, San Antonio agus Concepcion a chur a rannsachadh ach dh'fhuirich sinne ann an Trinidad agus a' Bhictòria aig beul a' chaolais.

Nuair thill na soithichean sin thug na saighdearan cunntas nach robh an t-uisge ann an àiteachan ach mu thrì chilemeatairean a dhoimhne. Bha beanntan àrda air gach taobh agus bha iad a-nise cinnteach gun robh an t-uisge a' ruith chun an iar agus gur h-iongantach mur an robh caolas air thoiseach orra. Chaidh sinn gu lèir air adhart a-nise ach bha sinn fuar agus acrach agus cha sheasadh sinn ri mòran tuilleadh.

Mar a bha sinn a' seòladh mhothaich sinn do theintean neònach air an oidhche.

Thug Magellan ‘Tierra del Fuego’ mar ainm air an àite fàsail seo.

Thug e air dhà de na soithichean fuireach aig acair a-rithist agus chaidh na dhà eile air adhart a rannsachadh."

Ged nach do chuir Pigafetta an còrr ris a' chunntas seo aig an àm tha fhios againn gun do theich aon de na soithichean, an San Antonio, oir bha na seòladairean airson tilleadh don Spàinn. Chuir iad an caiptean an grèim, leòn iad e agus cheangal iad an iarainn e agus air ais dhachaigh leotha. Ach lean na soithichean eile orra.

Seo an cunntas a th' anns an leabhar-clàraidh air 28 Samhain 1520:
"Thàinig sinn a-mach às a' chaolas agus tha sinn a-nise anns a' Chuan Shèimh."

Bha iad air 38 latha a thoirt a' seòladh bho bheanntan àrda an taobh tuath gu Tierra del Fuego - Tìr an Teine. Ach bha iad cinnteach gun robh an t-slighe fosgailte a-nise gu na h-Eileanan Spìosraidh.

Cuan gun chrìoch

Ged a bha dìth bidhe air na sgiobaidhean nuair ràinig iad an Cuan Sèimh bha gàirdeachas aca cuideachd nach robh iad fada bho an ceann-uidhe.

Seo cunntas Phigafetta:
"Bha sinn anns a' Chuan Shèimh airson còrr agus trì mìosan gun ùrachadh bidhe. Cha robh againn ach briosgaidean aosta làn chnuimhean agus salchar rodain agus bha an t-uisge buidhe. B' fheudar dhuinn eadhon seichean dhamh ithe.

Bha iad air an cruadhachadh, air an sailleadh agus air an ròstadh air teine. Nuair dh'fhàs cùisean buileach teann dh'ith sinn na rodain fhèin.

Chan eil fhios agam an e droch bhiadh a b' adhbhar dha ach dh'fhàs càireasan nan seòladairean cho mòr agus nach deigheadh aca air càil idir ithe.

Fhuair mòran bàs ri linn seo."

Mu dheireadh, an dèidh gach duilgheadais, ràinig Magellan eileanan beaga. B' e eileanan nam Filipìonan a bha seo ach thug iadsan Ladrones mar ainm orra. Bha aon de na h-eileanan seo na b' àirde na càch agus thug Magellan òrdugh seachad a dhol air tìr ann airson ùrachadh bidhe. Fhad 's a bha iad ag ullachadh airson sin a dhèanamh thàinig sluagh an eilein agus ghoid iad sgoth bheag a bha ceangailte ri soithich Mhagellain.


Na Filipìonan, na h-Innseachan an Ear agus Malèisia agus cuid de na h-àitichean anns an do thadhal iad

Chuir seo fearg mhòr air Magellan, chaidh e air tìr le 50 duine agus mharbh iad seachdnar de na h-eileanaich. Fhuair iad an sgoth. Mar a bha iad a' tadhal nan eileanan thuig iad gun robh na h-eileanaich gu mòr an sàs ann am malairt. Ann an Cebu choinnich iad ri fear-malairt a bha air cluinntinn mu Chrìosdaidhean geala.

A rèir Phigafetta seo an còmhradh a bh' aig Magellan ri rìgh Cebu:
"Bi faiceallach dè a nì thu, a rìgh, oir sinne na daoine a cheannsaich sluagh Chalicut agus Innsia.

Ma bheir thu aoigheachd mhath dhuinn thèid gu math leat.

Tha an rìgh againne mòran nas cumhachdaiche ann an soithichean agus ann am fearann na rìgh Phortagail. Tha e na rìgh air an Spàinn agus na ìompaire air a' Chrìosdachd gu lèir. Mura bi thu coibhneil rinne thèid ionnsaigh a thoirt ort."

Ged a chuir Magellan ris an fhìrinn an siud 's an seo ghabh rìgh Cebu an rabhadh agus chaidh malairt air adhart eatarra. Fhuair Magellan òr, rus, goibhre agus mucan an àite meatailt, iarann agus stuthan eile. Cha robh Magellan deònach gun deigheadh cus òir a thoirt bhuapa aig an àm seo. Cha robh e fada gus an deach fiosan tro na h-eileanan mu Mhagellan.

Chuir ceannard eilean Mhactain faisg air Cebu, fios gu Magellan a dh'fhaighneachd carson nach do thadhal e airsan. Bha e ag iarraidh cuideachadh air Magellan an aghaidh ceannaird eile. Bha e cuideachd a' mìneachadh dè an cuideachadh a bha dhìth air - soitheach làn dhaoine airson a' choistritheach a cheannsachadh. Ghabh Magellan seo mar nì cudromach agus rinn e inntinn an-àirde gun deigheadh e fhèin gu Mactan. Dh'fhalbh e tron oidhche le trì soithichean agus 60 fear le armachd. Ràinig iad Mactan mus tàinig an latha.

Cha robh Magellan dèidheil air ionnsaigh a thoirt air a' cheannard seo gun feuchainn ri sìth a dhèanamh an toiseach. Chuir e teachdaire Mùireach air tìr le cùmhnantan. Thuirt e nan gabhadh iad ri rìgh Crìosdail na Spàinne mar cheannard agus nan dèanadh iad ùmhlachd iomchaidh gum biodh iad càirdeil riutha. Mura dèanadh iad mar sin dhearbhadh Magellan gun leònadh a chlaidheamhan. Cha do chlisg na h-eileanaich. Fhreagair iad gun robh claidheamhan acasan cuideachd.

Bàs Mhagellain

Gu dearbh, b' fhìor na thuirt na h-eileanaich seo.

Seo an cunntas a dh'fhàg Pigafetta air na ghabh àite:
"Dh'fhuirich sinn gus an tàinig an latha; an uair sin leum sinn don uisge suas gu ar sliasaidean. Bha an t-uisge cho eu-domhainn agus nach b' urrainn do na bàtaichean a thighinn a-steach chun a' chladaich.

Bha 49 againn ann an aghaidh 1500 acasan.

Thàinig iad òirnn le èigheach uabhasach gar cuairteachadh bho gach taobh.

Dh'amais iad air ar casan o nach robh dìon orra. Chaidh saighead phuinnseanach tro chas a' chaiptein agus thug e òrdugh dhuinn teicheadh air ar socair. Ach rinn a' chuid bu mhotha às agus b' e seachdnar againn a dh'fhuirich còmhla ris.

Lean sinn òirnn cho math 's a b' urrainn dhuinn airson uair a thìde gus an d' fhuair e leòn dona air aodann.

Mharbh e an Innseanach a leòn e ach bha e a-nise cho lag agus nach b' urrainn dha a chlaidheamh a làimhseachadh.

Chunnaic na h-Innseanaich an suidheachadh anns an robh e, leum buidheann aca air agus mharbh iad e.

Sin mar a chaill sinn ar fear-treòrachaidh, ar solas agus ar taic."

Tha cunntas eile a' dèanamh iomradh gun deach Pigafetta, a bha cho dìlis na obair fhèin, a leòn gu dona anns a' bhatal seo.

Air adhart -'s air ais dhachaigh

An dèidh bàs Mhagellain chaidh comanndair ùr a thaghadh. B' e Barbosa a b' ainm dha. Nuair thuig rìgh Cebu nach robh iad cho gaisgeil 's a bha e an dùil thionndaidh e fhèin nan aghaidh cuideachd agus chuir e 25 dhiubh an grèim. Chuir na Spàinnich fhèin an Concepcion na teine oir cha robh daoine gu leòr aca airson trì soithichean a làimhseachadh. Sheòl an dà shoitheach eile gu eileanan Mhindanao agus Phalawain. Fhuair iad mucan, goibhre, eòin, buntàta milis, bananathan, cnothan còco, siùcar agus glasraich coltach ri snèip ann an sin.

À sin sheòl iad gu Borneo agus mu dheireadh gu na Moluccas - na h-Eileanan Spìosraidh. Rinn iad gàirdeachas gun robh iad aig an ceann-uidhe mu dheireadh thall agus thug iad buidheachas do Dhia. Bha iad air dà bhliadhna agus trì mìosan a thoirt air an t-slighe. ‘S iongantach mur an robh Pigafetta air faighinn seachad air an leòn a fhuair e oir tha e a' fàgail cunntas inntinneach againn air na ghabh àite an seo:
"Dihaoine 8 Samhain thàinig sinn air tìr air eilean Tidore.

An ath latha thàinig an rìgh, Rajah Manzor, gar coinneachadh. Bha e deònach a dhol fo cheannsal an rìgh againn agus gheall e clòbhan dhuinn. Thog e taigh dhuinn airson gnothaichean malairt. Ghluais sinne ar stuthan gu lèir an sin agus thòisich am malairt.

Seo mar a chaidh cùisean:
stuthan de aodach dearg - 4 quintal clòbhan
15 làmh-thuathan - 1 quintal clòbhan
35 cupain glainne - 1 quintal clòbhan
stuthan anairt - 1 quintal clòbhan
150 sgeinean - 1 quintal clòbhan
50 bonaidean - 1 quintal clòbhan
50 siosaran - 1 quintal clòbhan
(Bha 1 quintal mar 100 cileagram an-diugh).

Stad cunntas Phigafetta an seo ach tha aithris eile a' toirt cunntas gun d’ fhuair iad cnò-mhionnt agus dinnsear cuideachd. Bha na soithichean a-nise cho trom air sgàth an luchd seo agus gun deach pàirt de na clòbhan a thilgeil a-mach air eagal 's gum fosgladh iad. Sin mar a chuir iad an aghaidh air an dachaigh. Ach bha feadhainn cho mòr leis an eagal air losd truimead an luchd agus gun do dh'fhuirich iad anns na Moluccas.

Ghabh an dà shoitheach slighean eadar-dhealaichte. Sheòl a' Bhictoria chun an iar gu Afraga agus à sin chun na Spàinne ach b' e slighe tarsainn a' Chuain Shèimh a ghabh an Trinity. Bha cunnartan air gach slighe. Bha an Cuan Sèimh farsaing agus na caolasan cunnartach eadhon ged nach biodh droch thìde ann ach air an t-slighe eile bha iad dualtach tachairt ri soithichean Portagalach mu chosta Afraga.

Bha Pigafetta air bòrd a' Bhictoria:
"Bha cuid de na seòladairean, gu h-àraidh an fheadhainn a bha tinn, airson a dhol air tìr ann am Mosambìog oir bha an soitheach air tòrr uisge a ghabhail a-steach.

Bha sinn air mòran fhulang le fuachd agus cha robh againn de bhiadh ach rus agus uisge. Ach bha a' chuid mhòr againn airson a dhol air adhart dhachaigh.”

Gu h-iongantach b' e an Trinity a chaidh a ghlacadh le na Portagalaich agus cha do rinn iadsan an Spàinn dheth idir. Air 6 Sultain 1522 ràinig a' Bhictoria bàgh San Lucar. Cha robh aca air fhàgail ach 18 fir den 60 a dh'fhàg na Moluccas agus bha a' chuid mhòr dhiubh fhèin tinn. Cha b' e bàs nàdarrach a bh' air a thighinn air a h-uile duine idir ged a bhàsaich feadhainn leis an acras.

Theich pàirt dhiubh nuair chaidh iad air tìr air eilean Thimoir agus chaidh àireamh mhòr aca am marbhadh airson eucoir ris an robh iad. Agus dè dha-rìribh a thàinig a-mach às gach cunnart agus gàbhadh tron deach iad? Bha aon soitheach, a' Bhictòria, air seòladh timcheall an t-saoghail agus b' e euchd mhòr a bha sin. Chaill Magellan agus iomadh maraiche eile am beatha ri linn.

Cha deach ach aon luchd spìosraidh a thoirt air ais don Spàinn. Thug e 50 bliadhna mus do mheantairig maraichean eile tron Chuan Shèimh. B' e Francis Drake, à Sasainn, an ath dhuine a chaidh timcheall an t-saoghail. Cha do dh'fheuch an Spàinn fhèin no Portagal air an t-slighe seo gu na h-Eileanan Spìosraidh na bu mhò. Bha an t-slighe timcheall Rubha an Deagh Dhòchais na bu shaoire agus na bu sgiobalta.