Eòin agus ainmhidhean
Marco Polo

Marco Polo

Rugadh Marco Polo ann an Venice ann an 1254. B' e stàit-bhaile beairteach agus cumhachdach a bh' ann an Venice aig an àm oir b' e am prìomh bhaile malairt eadar an Roinn Eòrpa agus an Ear Mheadhanach. B' e 'Bànrigh an Adriatic' an t-ainm a bh' air oir bha a chuid acarsaidean air ghoil le soithichean à tìrean cèin agus a shràidean air bhoil le teangannan coimheach.

Bha Venice fortanach gun robh e am meadhan na Roinn Eòrpa agus nach robh e ro fhada bhon Mhuir Mheadhan-thìreach oir bha bathar à Innsia, Persia, Arabia agus Sìona a' faighinn a shlighe ann. A thuilleadh air an sin bha bathar à dùthchannan mar an Òlaind, Sasann agus meadhan na Roinn Eòrpa a' tighinn gu Venice air muir agus air tìr agus à sin air a chur gu dùthchannan an ear air a' Mhuir Mheadhan-thìreach. Bha sìoda, seudan, tì agus porsalain bhon Ear Chèin, clobhan bho na Moluccas, piobar agus dinnsear bho Malacca agus caineal bho Ceylon a' taomadh a-steach a Venice agus bha ceannaichean Venice air fàs anabarrach beairteach ri linn seo. Bha feadhainn dhiubh a' cur an cuid airgid ri malairt agus bha cuid aig an robh soithichean mòra a bha a' seòladh gu gach port san Roinn Eòrpa no suas aibhnichean fada an Ruis a' giùlain an cuid bathair.

Bha ceannaichean Venice air ionadan-malairt a stèidheachadh ann an Layas agus ann an Constantinople agus bha sin a' fàgail gun robh iad tric air falbh bhon taigh air gnothaichean malairt. B' ann am measg gach ùpraid agus soirbheachadh a bha seo a rugadh Marco Polo. B' e ceannaiche beairteach a bha na athair, Niccolo Polo, agus nuair rugadh Marco bha athair agus bràthair-athar Maffeo air falbh bhon taigh.

Bha an saoghal anns an robh Marco òg beò làn de sgeulachdan mu na dùthchannan iongantach anns an robh athair a' siubhal. Fhuair Marco foghlam nàdarrach mar a bh' ann na latha ach bha ùidh mhòr aige ann an cànanan coimheach gu h-àraidh Laideann. Bha e mar gum biodh e ga ullachadh fhèin airson an t-seòrsa beatha a bh' aig athair.

An Teaghlach Polo

Anns an 13mh linn bha an Roinn Eòrpa làn de sgeulachdan iongantach mu na nithean mìorbhaileach a bha rim faicinn ann an dùthchannan nam Mongolach (no nan Tartarach).

Anns a' bhliadhna 1260 sheòl na bràithrean Polo à Venice air turas inntinneach gu Sudak anns a' Chrimea. B' e Sudak am port far an robh malairt a' dol air adhart eadar luchd-malairt Venice agus an Ruis. Ach ged a b' ann air Sudak a rinn iad an toiseach b' e turas gu math eadar-dhealaichte agus cunnartach a bha san amharc aca. Bha iad a-nise air fàs cho dàna agus cho misneachail agus nach robh iad a' faicinn duilgheadasan sam bith romhpa nam feuchadh iad ri malairt a chur air adhart eadar iad fhèin agus na Mongolaich. Ged a bha sgeulachdan air ruighinn an Roinn Eòrpa mu bhorbarachd nan daoine sin cha robh mòran fiosrachaidh aig daoine mun deidhinn. Chuir na bràithrean turas air chois gu Khan Barka, tighearna nam Mongolach, ann am Bolgana, baile-phailleanan air abhainn Volga. Bha miann an airgid a' cur sgleò air na cunnartan a dh'fhaodadh a bhith an cois a leithid de thuras.

Mar a bha àbhaisteach anns an àird an ear shiubhail iad le càmhail ann an carabhan a-steach do dhìomhaireachd na h-Aisia agus cho fad 's a bha fhios aig muinntir Venice chaidh iad à sealladh.

Ach tro na bliadhnachan a bha na bràithrean air seachran b' ann a bha iad air an glacadh suas ann an cogaidhean a bha a' dol air adhart eadar na tighearnan Khan. Fhuair iad cothrom seasgaireachd a ghabhail còmhla ri Barak Khan nach robh an sàs anns na cogaidhean seo agus dh'fhuirich iad còmhla ris airson bhliadhnachan. Ach b' ann gu math an-fhoiseil a bha iad a' faireachdainn ged a sheall e coibhneas gu leòr dhaibh agus nuair fhuair iad cuireadh a dhol an lùib luchd-siubhail eile a bha a' dol na b' fhaide chun ear ghabh iad ris agus dh'fhalbh iad. Ràinig iad Peking far an d’ fhuair iad aoigheachd bho Khan Kubilai agus an dèidh greis a chaitheamh na rìoghachd-san thog iad orra gu Venice a-rithist.

Ged nach b' e Crìosdaidh a bh' ann an Kubilai chuir e fios an cois nam bràithrean chun Phàp - fios a dh'iarraidh 100 duine a bha foghlamaichte anns a' chreideamh Chrìosdail agus sgileil ann an ealain eile, a thighinn don chùirt aige. Ach nuair a ràinig na bràithrean Acre chuala iad gun robh am Pàp air bàsachadh agus thill iad dhachaigh a Venice.

Agus dè a bha tachairt do Mharco anns an ùine a bha athair agus bràthair-athar air falbh? Bha a mhàthair air bàsachadh agus b' e beachd dhaoine ann an Venice gum b' e dìlleachdan a bh' ann oir cha robh guth air a thighinn mu athair o chionn bhliadhnachan. Ach cha b’ e sin beachd Mharco fhèin. Bha athair air inntinn gach latha agus a h-uile uair a thigeadh soitheach bhon ear bha Marco a' feitheamh airson fios air choreigin. Ach cha robh naidheachd sam bith a' tighinn.

Aon latha, gun rabhadh sam bith, nuair bha Marco 15 nach ann a nochd na caillteanaich. Abair gun robh naidheachdan aca mu na dùthchannan agus mu na daoine iongantach a chunnaic iad, gu h-àraidh mu Kubilai Khan, prìomh ìompaire Shìona.

Bha iad air an t-saoghal mhòr a shiubhal agus bha fiosrachadh gu leòr aca mu dheidhinn gach nì a chunnaic iad. Cha robh iad air a bhith dìomhainn a thaobh mhalairt na bu mhò oir bha dèiligidhean prothaideach air a bhith aca cuideachd.

Marco a’ falbh

An ceann dà bhliadhna ann an 1271 dh'fhalbh na bràithrean Polo a-rithist a Shìona. Thug iad Marco leotha air an turas seo agus dithis mhanach a bha a' dol còmhla riutha le òrdugh a' Phàp. On a bha Marco na sgoilear cho math b' e esan a bha a' gabhail notaichean mu dheidhinn nan dùthchannan tron deach iad agus mu gach nì a chunnaic iad. B' iad seo na notaichean a chleachd e airson eachdraidh nan tursan a sgrìobhadh bliadhnachan an dèidh seo.

Cha b' e nì furasta a bh' ann siubhal anns na làithean sin; bheireadh turas goirid mìosan. Bheireadh turas mòr, mar a bha dùil aig na bràithrean Polo a ghabhail os làimh, caob mhòr a-mach à beatha neach. A dh'aindeoin stoirmean bha turas mara fada na bu shàbhailte agus na bu luaithe na turas air tìr. Cha robh mòran rathaidean ann agus an dèidh na soitheachan fhàgail dh'fheumadh luchd-siubhail cumail orra air eich no air càmhail, air neo 's dòcha air chois. Bhiodh iad a' siubhal ann an carabhan fada le mòran luchd-cuideachaidh agus luchd-dìon oir gu math tric bhiodh robairean a' toirt ionnsaigh orra.

Bha a' chiad phàirt de thuras Mharco air muir ach b' fheudar dhaibh an t-soitheach fhàgail aig Laiazzo faisg air Armenia. An seo fhuair Marco a chiad shealladh air an àird an ear - baile le margaidhean làn de bhathar coimheach, de dhathan agus de chùbhraidhean. Ach dh'fhidir iad gun robh sabaid a' dol air adhart na b' fhaide a-steach anns an dùthaich agus air los sin chuir iad na manaich dhachaigh.

Lean na gaisgich eile orra agus Marco a' sgrìobhadh mu na h-iongantasan a bha a' tachairt riutha - coilltean àrda, àrdchlair air an losgadh leis a' ghrèin agus beanntan far an robh am fuachd cho nimheil agus gun robh fiasagan a' reothadh. Ann am Baku chunnaic Marco a chiad thobar-ola. Seo mar a sgrìobh e, "Chan eil an ola seo math ri h-òl ach tha i math airson losgadh agus mar acfhainn dha daoine agus dha càmhail air a bheil an tachais. Bidh daoine a' tighinn gu math fada air a tòir."

Lean iad orra gu Baghdad, uaireannan a' marcachd air càmhail, uaireannan ann an cairtean mì-chofhurtail, gu math tric a' coiseachd agus air an oidhche a' cadal a-muigh. Bu mhòr an toileachas a rinn iad nuair a ràinig iad Baghdad le a mhoscan agus a stìopaill ioma-dhathach, a chraobhan-pailme agus a liosan àlainn. Cha robh e na iongnadh ged a thuirt Marco gum b' e seo "am baile a b' uaisle agus a bu mhotha anns a' cheàrnaidh seo den t-saoghal."

À sin chùm iad orra gu Hormuz, port air Camas Phersia. Bha Hormuz a cheart cho trang ri Venice fhèin - làn stuthan luachmhor mar shìoda, spìosraidh, neamhnaidean agus toscan ailbhein air an t-slighe bho lnnsia chun àird an iar.

Ach cha robh athair Mharco deònach fuireach ro fhada ann. Cha robh am biadh a' còrdadh riutha - iasg saillt, deitean agus uinneanan. Bha an aimsir theth a' cur dragh orra cuideachd agus nuair a fhuair Marco seachad air tinneas trom a ghabh e thog iad orra a-rithist.

Turas Mharco Polo

Bho bheinn gu fàsach

Bha Marco lag agus tuainealach an dèidh a thinneis ach mar a bha iad a' siubhal gu tuath bha e a' faireachdainn na b' fheàrr agus thòisich e a' sgrìobhadh mu na measan a bha e ag ithe, mu na boireannaich bhrèagha a chunnaic iad agus mu uillt agus easan deàlrach.

Lean iad orra a' sìor dhìreadh gus an do ràinig iad àrdchlar Pamir. B' e seo ‘mullach an t-saoghail’. Anns an àite seo cha bhruicheadh biadh glè mhath agus cha robh lasair nàdarrach ann an teine. Tha e ag innse gun robh caoraich uabhasach mòr ann - caoraich Pholo a th' orra an-diugh. Bha na h-adharcan aca cho fada agus gun robh iad air an cleachdadh mar phuist-feansa. Ach bha an sneachd agus an deigh ag adhbhrachadh thrioblaidean mòra gun ghuth air na h-ionnsaighean a thugar orra le daoine fiadhaich.

Mu dheireadh chrom iad bho na beanntan gu baile Kashgar, far an do dh'fhuirich iad airson 30 latha. À sin chaidh iad gu baile Lap far a bheil Sìona a' dearbhadh armachd niùclasach an-diugh. Bha fàsach Ghobi a-nise romhpa. Bha iad air rabhaidhean gu leòr fhaighinn mun fhàsach seo - cho furasta ‘s a bha e a dhol iomrall. Sgrìobh Marco mu na spioradan aingidh a bha deiseil airson luchd-siubhail a thàladh gu an sgrios. Chan fhac iad eun no ainmhidh ach chùm iad a' dol ged is iomadh uair a chuir fuaim dhrumachan, a shaoil leotha a chuala iad, eagal orra.


An dearbh dhuine

Bha an Khan Mòr na lùchairt ann an Shang-tu air cluinntinn gun robh an teaghlach Polo air an t-slighe agus chuir e coimheadaich gan coinneachadh.

Tha Marco ag innse mu na Mongolaich seo - b' iad na saighdearan bu lùthmhor a chunnaic e a-riamh air eich. Dheigheadh iad gun bhiadh airson 10 latha, beò air fuil nan each nan tigeadh orra. B' e sluagh ingheilteach a bh' annta a' falbh bho àite gu àite le an cuid sprèidh. Bha na ‘taighean’ cruinn aca air an dèanamh de theàrr-anairt agus b' e na boireannaich a bha a' dèanamh na h-obrach air fad oir bha na fir cho trang a' sealg, a' seabhagaireachd agus a' sabaid.

Nuair a ràinig iad Shang-tu chaidh aoigheachd mhòr a thoirt dhaibh anns an lùchairt mhàrmair. Bha sùilean Mharco mar shàsaran a' coimhead a' bheairteis a bha mun cuairt air. Bha an Khan toilichte le na litrichean a thug iad thuige bhon Phàp agus leis an ola choisrichte a ghiùlain iad à Ierusalem.

Cha robh Kubilai Khan fada gus an do thuig e gum b' e Marco an dearbh dhuine a bha e ri lorg - duine a bheireadh cunntas cho inntinneach air dùthchannan eile, air cleachdaidhean eile agus air nithean annasach agus gun saoileadh an luchd-èisteachd gun robh iad fhèin gam faicinn.

Aig cùirt Kubilai Khan

Ach dè an seòrsa dùthcha a bh' ann an Sìona far an robh Kubilai na ìompaire?

Bha na Sìonaich air adhartas mòr a dhèanamh ann an saidheans agus ann an ealain. Bha siostam riaghlaidh math aca agus bha iad a' meas gun robh e iomchaidh don ìompaire a chuairteachadh fhèin le sòghalachd agus le òirdheirceas. Bha a lùchairt a' deàlrachadh le dathan na bogha-froise agus bha a bhallachan còmhdaichte le dealbhan de bhatail, de dh’eòin agus de bheathaichean, gu h-àraidh dràgoin.

Bha cuirmean mòra air an cumail anns an lùchairt seo aig am biodh suas ri 40,000 aoigh. Bha ullachadh mòr air a dhèanamh airson nan cuirmean sin. Bha 5,000 ailbhean a' giùlain nan soitheachan òir agus airgid airson na cuirme. Nan dèidh bha càmhail a' giùlain biadh agus deoch. Bha luchd-ciùil agus cleasaichean air am fastadh airson na cuirme cuideachd.

Bha ùidh mhòr aig Kubilai ann an sealg agus ann an seabhagaireachd cuideachd agus bhiodh e tric air ceann buidhne seilge anns an robh 20,000 duine. Cha robh cuimhne aig Marco air na h-àmhgharan tron tàinig e roimhe oir bha a' bheatha ùr seo air a shlugadh suas gu mòr.

Na h-annasan a chunnaic e

Thug e 20 bliadhna ann an seirbheis a' Khan. Ged nach do sgrìobh e mòran mu na nithean a rinn e fhèin dh'fhàg e fiosrachadh gu leòr againn mu na nithean a chunnaic e. Thàinig e gu bhith na riaghladair air pàirt den ìompaireachd agus rinn e mòran siubhail a' dol gu àiteachan mar Innsia, Java, Sumatra agus eileanan eile ris an robh dèiligeadh aig Sìona.

B' e an t-airgead a bh' aca bu mhotha a chuir iongnadh air oir b' e airgead pàipeir a bh' ann. Cha robh Marco air a leithid seo fhaicinn a-riamh oir b' e buinn ris an robh esan cleachdte. Bha e fo mhòr iongnadh a' faicinn an airgid seo ga dhèanamh a-mach à rùsg siciamin.

Bha seirbheis postaireachd gu math soifiostaiceach aca cuideachd; bha fiosan a' dol bho àite gu àite air an giùlain le marcaich no le teachdairean a bha a' ruith leotha bho aon taigh-puist gu fear eile. Bha 10,000 dhiubh sin ann air na prìomh-rathaidean a-mach à Peking far am faodadh na teachdairean sin an oidhche a chur seachad nan tigeadh orra. Eadar na taighean-puist sin bha stèiseanan far an robh teachdairean a' feitheamh. Bha clagan crochte ri aodach nan teachdairean gus an deigheadh an cluinntinn a' tighinn agus gus nach biodh dàil sam bith anns a' chùis. Anns an dòigh seo ruigeadh teachdaireachd a bheireadh 10 latha gu nàdarrach bho aon neach ann an aon latha agus bha fiosrachadh ga chumail ri Kubilai mu gach nì a bha dol air adhart na rìoghachd gu h-àraidh mu ionnsaighean bho nàimhdean.

Agus dè an dealbh a dh'fhàg e againn air Kubilai fhèin? Duine mu àirde nàdarrach. Tha feòil gu leòr air a ghàirdeanan agus air a chasan – tha e tapaidh is chan ann reamhar. Tha a dhreach geal agus dearg mar ròs. Tha sùilean dubha ann agus tha coltas uasal air a shròin.

Kinsai

Sgrìobh Marco barrachd mu dheidhinn Kinsai (ris an canar Hang-chow an-diugh) na sgrìobh e mu dheidhinn àite sam bith eile. Chunnaic e uimhir de mhìorbhailean ann agus gur e 'Am Baile Nèamhaidh' a bh' aige air.

Seo an dealbh a dh'fhàg e againn: “Bha e rudeigin coltach ri Venice ann an cruth oir bha e air a thogail air canàlaichean air an robh 12,000 drochaid. Ann am margaidhean a' bhaile, dh'fhaodadh duine a h-uile seòrsa feòla a cheannach eadhan feòil chon, sitheann, iasg ùr, glasraich is measan a rèir an t-sèasain. Bha na bùthan a' reic fìon spìosrach agus rudan annasach eile."

Cha robh Marco fada anns a' bhaile gus an do dh'fhàs e dèidheil air gach nì a bha seo. Bha na ceannaichean a bha an sàs anns a' mhalairt seo air an riaghladh le an cùirtean lagha fhèin.

Bha sràidean sònraichte aca air an cur air leth airson foghlamaichean agus speuradairean a bhiodh ag oideachadh sgoilearan ann an leughadh agus ann an sgrìobhadh. Air bruachan a' chanàil bha teampaill, manachainn agus dachaighean nan daoine beairteach le liosan brèagha a' ruith sìos chun an uisge. Bha pàircean poblach air dhà de na h-eileanan le taighean-bidhe a bha a' dèanamh ullachadh airson 100 cuirm no 100 banais còmhla. Cia mheud àite a tha a' tairgsinn a leithid an-diugh?

De gach cur-seachad a bha a' dol b' e cuairt sìos an abhainn air bàta a b' fheàrr a bha a' còrdadh ris. Agus dè an seòrsa dhaoine a bha a' fuireach ann am baile mar seo? "Bha iad aoigheil agus dòigheil agus na boireannaich mar ainglean nan giùlan."

Ach a dh'aindeoin 's na chunnaic Marco bha àiteachan eile ann a bha air an sgrios le na Tartaraich agus na liosan brèagha a bh' aca air a dhol fàs.

Mìorbhailean na h-àird an ear

Dh'fheuch Marco ri cunntas gu math fìrinneach a thoirt air gach nì a chunnaic e ach nuair a thòisich luchd-ealain ri dealbh a dhèanamh air na nithean sin bliadhnachan an dèidh a bhàis 's e dealbhan neònach dha-rìribh a rinn iad.

Dh'fhàg Marco cunntas air eun mòr mun cuala e, ged nach fhaca e fhèin a-riamh e. A rèir a' chunntais bha an t-eun seo ri fhaighinn ann am Madagascar. Thogadh e ailbhean bhon talamh, shadadh e sìos e a-rithist gus an deigheadh e na phronnach agus thigeadh e a-nuas ga itheadh an uair sin. B' e gryphon no rukh a chanar ris an eun seo. Chaidh cnàmhan eòin mhòir fhaighinn ann am Madagascar ceart gu leòr. Ach an togadh e ailbhean? 'S i sin a' cheist.

Thug Marco iomradh air nathraichean uabhasach le casan agus le beòil a shlugadh duine le aon ghlàmhadh. Sgrìobh e cuideachd mu dheidhinn 'unicorn' mòr grànda mar ailbhean le adharc am meadhan a bhathais.

Saoil de na beathaichean a bha seo? Ged a tha sinne a' smaoineachadh gun robh Marco a' cur ris an fhìrinn feumaidh sinn cuimhneachadh nach robh leabhraichean no telebhisean aige a bheireadh fiosrachadh dha mu dheidhinn rudan air nach robh e eòlach. Airson dealbh a dhèanamh orra bha aige ri an coimeas ri nithean a chunnaic e roimhe. Bha inntinn bheòthail aig Marco a bha a' sùghadh a-steach gach nì annasach a thachair ris.

A thuilleadh air a bhith a' sgrìobhadh mu dhùthchannan, mun aimsir, mu dhaoine le aodach, biadh agus cleachdaidhean coimheach, mu eòin is ainmhidhean, dh'ionnsaich e cuideachd mu spìosraidhean agus mar a bhatar gam measgachadh. Fhad 's a bha Marco a' rannsachadh agus a' sgrìobhadh bha Niccolo, athair, na fhear-gnothaich mòr beairteach.

Ach a dh'aindeoin a' ghàirdeachais a rinn Kubilai ris an ola choisrichte agus ri na litrichean bhon Phàp cha tàinig e gu bhith na Chrìosdaidh. Bha ùidh aige anns a h-uile seòrsa creideimh, eadhan ann an creideamhan Pàganach.

Kokachin

Ach an dèidh 17 bliadhna ann an Sìona bha an teaghlach Polo deiseil gu leòr airson a dhol dhachaigh. Cha robh Kubilai ro dhèidheil air an seo oir cha robh e airson gun toireadh iad am fiosrachadh a bh' aca gu dùthchannan eile agus cuideachd bha iad air a bhith uabhasach feumail dha. B’ e cho feumail agus a bha iad a b' adhbhar gun d' fhuair iad cothrom an dùthaich fhàgail cuideachd. Dh'iarr Kubilai orra bana-phrionnsa a thoirt a-mach à Sìona gu Persia. Bha e ga cur gu Khan eile mar mhnaoi.

Thug Kubilai cead dhaibh siubhal tron ìompaireachd agus bha ullachadh a thaobh bidhe air a dhèanamh dhaibh anns gach àite gun deach iad agus gu leòr bidhe nan cois a sheasadh dhaibh airson dà bhliadhna. B' e turas mara a ghabh iad à Sìona gu Persia. Chaidh cùisean gu math gus an do ràinig iad faisg air Singapore. Air sgàth 's nach robh gaoth fhàbharach aca dh'fhuirich iad air eilean Sumatra airson còig mìosan - eilean làn chnothan-coco, campar agus clòbhan.

Thug Marco an aire mar a bha an sluagh a' dèanamh sàgo à glaodhan nan craobhan-pailme. Bha iad a' dèanamh sleaghan den fhiodh agus bha iad sin cho cruaidh agus nach robh feum air barran stàilinn a chur orra. Mhothaich Marco dhan seo oir cha robh an sluagh ro chàirdeil; b' fheudar dhaibh dùin a thogail airson iad fhèin a dhìon bhuapa.

Chaidh feadhainn de chompanaich Mharco a mharbhadh a' sabaid riutha agus bhàsaich feadhainn eile le fiabhras. Mar sin b' e buidheann bheag a dh'fhàg airson Sri Lanka (no Ceylon mar a bh' air an uair sin). Mar a bha iad a' siubhal gu tuath bha Marco a' gabhail cofhurtachd a bhith a' faicinn an Reul Iùil anns an adhar. Mu dheireadh thall ràinig iad Hormuz ach b' e droch naidheachd a bha romhpa; bha Arghun, an Khan a bha a' bhana-phrionnsa a' dol a phòsadh air bàsachadh.

Mun àm a ràinig iadsan bha a mhac, Ghazan, na Khan an àite athar agus deònach gu leòr air a' bhana-phrionnsa Kokachin a ghabhail mar mhnaoi. Cha do ghearain ise mu dheidhinn an rèiteachaidh ùir seo na bu mhò ach bha i air fàs measail air a fir-dìon agus ghuil i gu goirt nuair dhealaich iad.

A' dol dhachaigh

Nuair thog iad orra airson falbh dhachaigh chuala iad gun robh na Saracanaich air Acre a ghabhail a-null agus mar sin cha b' urrainn dhaibh an taobh sin a ghabhail dhachaigh. Ach thug Khan Ghazan litrichean dìon dhaibh agus fhuair iad gu Trebizand air a' Mhuir Dhuibh. À sin cha tug iad fada gus an do ràinig iad Constantinople agus à sin dhachaigh a Venice. Ràinig iad Venice ann an 1295 agus bha an naidheachd romhpa gun robh Kubilai air bàsachadh ann an Cathay.

Agus dè eile a bha romhpa ann an Venice? Bha iad air a bhith air falbh airson 24 bliadhna agus cha do dh'aithnich duine iad nan aodach Sìonach agus iad a' bruidhinn cànan coimheach. Bha Marco air 4 cànanan ùra ionnsachadh ach cha thuigeadh muinntir Venice aon aca. 0 nach robh dùil gun tilleadh iad bha an cuid air a roinn am measg oighrean. Cha robh na h-oighrean sin a-nise deònach na nithean air an d 'fhuair iad seilbh a thoirt seachad do na coigrich neònach seo a bha a-nise air tighinn agus gun iad a' tuigsinn an cànan.

Nuair a fhuair iad air còmhradh air choreigin a dhèanamh riutha agus a dh'innis iad dhaibh mu na nithean annasach a chunnaic iad b’ ann a bha muinntir Venice a' smaoineachadh gun robh iad às an ciall. Ach chaidh gach duilgheadas a bha seo a dhìochuimhneachadh nuair a chùm an teaghlach Polo cuirm mhòr far an tug iad seudan luachmhor seachad do na h-aoighean.

A thuilleadh air seudan bha Marco air rudan neònach eile a thoirt dhachaigh - pìos clobhd asbestois, eisimpleir de fhionnadh yak, pìos sàgo, sìol de fhiodh Brazil, ceann agus casan fèidh air an ciùrraigeadh, corp-spìosraichte muncaidh agus e air cruth duine agus dòrlach den talamh dhearg bho theampall Naomh Tòmas ann an Innsia.

Ach b' e eòlas an rud bu chudromaiche a thug e dhachaigh leis - eòlas air saoghal ùr mìorbhaileach, air daoine eadar-dhealaichte le caochladh chleachdaidhean.

Leabhar Mharco

Bha Marco ag innse nan sgeulachdan ann an dòigh cho inntinneach agus nach robh dìth luchd-èisteachd air ged nach robh iad an-còmhnaidh ga chreidsinn. Ciamar a b' urrainn do neach sam bith a bhith air siubhal cho fad às? An robh dha-rìribh a leithid de dhùthchannan anns an t-saoghal mu nach cuala iad guth a-riamh? Agus ciamar a bha biadh gu leòr anns an t-saoghal airson na bha de shluagh ann a bheathachadh? B' e glè bheag a bha ga chreidsinn, ach bha feadhainn ann a bha a' cur diù anns na bha aige ri innse. Bha iadsan airson gun sgrìobhadh e leabhar mu dheidhinn a thursan ach an toiseach, airson adhbhar air choreigin, cha d’ fhuair e cothrom seo a dhèanamh.

Ach thàinig an cothrom thuige ann an dòigh neònach. Bhris cogadh a-mach eadar Venice agus Genoa mu dheidhinn còirichean malairt eadar an ear agus an iar. Thàinig Marco gu bhith na phrìosanach ri linn seo agus chaith e ùine còmhla ri fear à Pisa - Rustichello. B' e sgrìobhadair a bh' ann an Rustichello agus bha e a' faireachdainn na h-ùine fada anns a' phrìosan agus gun sgeulachd aige ri sgrìobhadh.

Anns a' chòmhradh a bh' aige fhèin is Marco 's ann a rinn iad an-àirde gun sgrìobhadh iad leabhar ag innse na chunnaic agus na dh'fhiosraich Marco air a thursan. Tha an fhìrinn anns an leabhar ach tha sgeulachdan ro-iongantach ann cuideachd oir bha Rustichello dèidheil air a bhith a' cur ris an fhìrinn.

Thug iad 4 bliadhna a' sgrìobhadh an leabhair. Anns a' bhliadhna a chur iad crìoch air, ann an 1299, rinn Venice agus Genoa còrdadh agus chaidh na prìosanaich a leigeil ma sgaoil. Thill Marco dhachaigh a Venice gu bhith na cheannaiche beairteach. Ged nach deach a leabhar a chlò-bhualadh gu 1477, fada an dèidh a bhàis, bha buaidh aig an rannsachadh a rinn e air mòran luchd-siubhail. Lean mòran a cheumannan tro na bliadhnachan gus an deach crìochan Shìona a dhùnadh ann an 1371 agus an tàinig malairt eadar an ear agus an iar gu ceann.

Aon uair 's gun deach a leabhar a chlò-bhualadh bha ùidh mhòr aig luchd-siubhail ann. Chaidh eadar-theangachadh a dh'iomadh cànan - feadhainn eadhon air nach robh eòlas aig Marco. Bha e a' toirt sealladh do chuid air saoghal seunta ach do dhaoine eile sealladh air saoghal falaichte fìor a' feitheamh ri cuideigin a lorg, nam b' e agus gum b' urrainn dhaibh a ruighinn.

B' e Crìsdean Columbus aon de na daoine sin aig an robh ùidh mhòr ann an leabhar Mharco.