Obair Daingneachaidh
Crìsdean Columbus, Eanraig am Maraiche, Magellan, Marco Polo agus Vasco da Gama
Leugh a-rithist mu euchdan nan rannsaichean sin.Tha thu air prògram telebhisein far a bheil an dùthaich a’ bhòtadh airson an rannsaiche bu mhotha a thug buaidh air an t-saoghal aig an àm sin.
Tagh thusa aon dhiubh agus dèan argamaid air a shon, a’ toirt cunntas, fo 5 phuingean, air na rinn e agus air cho làidir ‘s a bha e na bheachdan, agus ag innse carson a tha e airidh air a’ bhòt a bhuannachadh.
(Dh’fhaodadh seo a dhèanamh cuideachd mar obair daingneachaidh ann am buidhnean.)
