Ro-ràdh
Thàinig an fhiosrachadh a leanas a thoirt às an leabhar ‘Tìr air Fàire’ a dheasaich Alexina Ghreumach do sgoiltean, às leth Comhairle nan Eilean Siar. Chaidh an leabhar fhoillseachadh le Acair Earranta ann an 1992.
Anns an latha an-diugh tha fios againn gu ìre mhath co ris a tha an saoghal coltach. Tha sinn air dealbhan den t-saoghal fhaighinn bho shoithichean-fànais. Tha mapaichean agus atlasan a' sealltainn dhuinn far a bheil tìrean cèine.
Mar sin ged a tha coilltean dùmhail, fàsaichean tetha agus dùthchannan fuara còmhdaichte le deigh air nach eil sinn mion-eòlach fhathast, cha mhòr nach fhaodamaid a ràdh gu bheil ar n-eòlas ag iadhadh crìch na cruinne.
Eadhon o chionn còig cheud bliadhna bha daoine den bheachd nach b' ann cruinn a bha an saoghal agus nan deigheadh gluasad ro fhada air an aon chùrsa gun deigheadh tuiteam bhon oir. Bha iomadh sgeulachd neònach a' dol mu àiteachan cèin - sgeulachdan mu uilebheistean le cinn dhaoine agus daoine gun chinn idir.
Anns an t-sreath seo leanaidh sinn còignear a leudaich ar n-eòlas air an t-saoghal agus chì sinn a' mhisneachd a bh' aca agus na cruaidh-chàsan tron deach iad ann a bhith a' fosgladh na cruinne don chinne-daonna.
Bha iomadach adhbhar aca airson siubhal; uaireannan b' ann airson malairt agus airson slighean malairt ùra a lorg a dh'fhalbh iad; uaireannan b' ann airson colonaidhean ùra a stèidheachadh; uaireannan b' e òr agus clachan prìseil a bha gan tàladh agus bha feadhainn eile a dh'fhalbh nam miseanaraidhean airson an creideamh spioradail a bh' aca fhèin a thoirt gu treubhan aig nach robh e.
Bha feadhainn dhiubh cuideachd a dh'fhalbh a-mhàin air sgàth na miann a bh' aca air fiosrachadh fhaighinn mun t-saoghal.
A’ chiad mhapaichean

Bha a' chiad mharaichean no rannsachairean a' cumail notaichean de na tursan a ghabh iad. Bha iad a' tomhais nan astaran a shiubhail iad agus a' cumail chunntasan air suidheachaidhean nan àiteachan a lorg iad - eileanan, bailtean, beanntan agus tùs aibhnichean.
Bha mapaichean air an dèanamh stèidhichte air an eòlas sin. B' e fear Claudius Ptolemy, às a' Ghrèig, a dh'fhàg a' chiad mhapaichean againn.
Chan eil mòran fiosrachaidh againn mu dheidhinn ach gun robh e a' sgrìobhadh ann an Alexandria anns an Èipheit timcheall air 150 AC. Sgrìobh e dà leabhar - Almagest agus Geography. Anns an leabhar Geography tha e a' mìneachadh mar a ghabhas mapaichean a dheilbh agus tha e a' toirt fiosrachadh air suidheachadh iomadh àite. Thog e am fiosrachadh a bh' aige à leabharlann mòr a bh' ann an Alexandria agus bho sheòladairean agus luchd-malairt.
Cho fad 's as aithne dhuinn cha robh mapaichean idir anns an leabhar aige.
Chaidh leabhraichean Ptolemy air chall an dèidh a bhàis agus gu ìre mhòr chaidh an t–eòlas a chruinnich e air dìochuimhne.
Thog an leabhar Geography ceann ann an 1407 agus bha buaidh mhòr aige air maraichean a chaidh a shireadh tìrean cèin, anns an 15mh linn. Chaidh mapaichean a dheilbh stèidhichte air an fhiosrachadh a bh' aig Ptolemy ann an Geography. Ma sheallas sinn ris a' mhap aig toiseach na h-earrainn seo chì sinn nach eil e ceart a rèir an eòlais a th' againn an-diugh ach b' e toiseach tòiseachaidh a bh' ann.
Bha am fiosrachadh ùr a bha daoine a-nise a' faighinn air mòr-thìrean agus air cuantan a' toirt sealladh ùr dhaibh air an t-saoghal anns an robh iad beò.
