Vasco da Gama
| Dh'fhàg Vasco da Gama Portagal anns an Iuchar 1497 air a shlighe gu Innsia. Ged a bha iad a' cothachadh ri stoirmean uabhasach cha robh cùisean buileach dona gus an do chuairtich iad Rubha an Deagh Dhòchais. An dèidh seo bha iad a' treabhadh chuantan neo-aithnichte agus cha robh fhios aca dè bha romhpa. | ![]() |

Lean iad orra gu tuath suas costa an ear Afraga agus iad a' cumail gu math dlùth ris an fhearann. Anns a' Mhàirt bha iad aig acair ann am bàgh Mosambìog.
Seo an cunntas a thug iad air an t-sluagh:
‘’S e daoine tapaidh a tha seo. 'S e Mohammadanaich a th' annta agus 's e cànan nam Mùireach a th' aca. Tha aodach brèagha cotain no anairt orra agus bonaidean le obair-ghrèise òir. Tha malairt a' dol air adhart eadar iad fhèin agus Mùirich gheala. Gu dearbh, aig a' cheart àm a tha seo tha ceithir soithichean anns an acarsaid loma làn de stuthan a leithid òir, airgid, chlòbhan, phiobar agus dhinnseir. A thuilleadh orra sin tha na soithichean seo a' giùlain fàinneachan airgid agus tomhas mhòr de neamhnaidean, seudan agus rùbaidhean. Chan fhaca duine riamh a leithid. Tha sluagh na dùthcha gan sgeadachadh fhèin le na seudan seo.
Tha iad ag innse dhuinn nach eil dachaigh Prester John fada à seo a-staigh anns an dùthaich. Chan eil e comasach do dhuine faighinn thuige gun chàmhail agus chan eil iad sin againn.’
An dèidh do da Gama na bha seo de shaoibhreas fhaicinn thuig an luchd-malairt Muslamach gun robh iad ann an cunnart bhuaithe agus ged a thug e ionnsaigh air a' bhaile sgiùrs iad air falbh e.
B' e Mombasa an ath àite anns an do dh'acraich iad ach bha sluagh an àite seo air cluinntinn mun deidhinn agus b' e aoigheachd gu math fuar a bha a' feitheamh orra.
Ach bha cùisean na b' fheàrr nuair a ràinig da Gama Malindi. Bha an sluagh dèidheil air cluinntinn bhuapa mun dùthaich aca fhèin agus mu na dùthchannan eile anns an do thadhal iad. Ann am Malindi chuala da Gama gun robh na h-Arabaich agus na h-Afraganaich eòlach gu leòr air a bhith a' seòladh tarsainn a' Chuain lnnseanaich gu tìr-mòr Innsia. Thug rìgh Malindi fear-iùil dhaibh airson an stiùireadh sàbhailte gu Calicut ann an lnnsia.
lnnsia - mu dheireadh thall
Thug da Gama 23 latha a' dol tron Chuan Innseanach. B' iomadh àmhghar tron deach iad anns an ùine sin le stoirmean agus fèath le teas agus dìth bidhe. Bha amannan aca anns an robh iad gu math eagalach nach robh am fear-iùil gan toirt air an t-slighe cheart. Ach mu dheireadh thall, thàinig tìr air fàire.Seo an cunntas a chaidh a thoirt air Calicut:
‘Bu mhòr an aoibhneas a rinn sinn ri beanntan Chalicut. Dh'acraich sinn seachd mìle bho thìr.
‘S e daoine neònach a tha seo; tha an craiceann odhar. Tha feusagan agus falt fada air feadhainn dhiubh ach tha feadhainn eile air am bearradh ach a-mhàin gu bheil iad a' fàgail dos fuilt am mullach an cinn mar shamhla gur e Hindich a th' annta. Tha an cluasan air an tolladh agus tha failbhichean òir annta. ‘S e glè bheag dhiubh air a bheil aodach idir.’
Nuair ràinig da Gama Calicut bha an rìgh air falbh bhon lùchairt ach chaidh fios thuige gun robh da Gama air ruighinn le teachdaireachd bho rìgh Phortagail.
Chuir an rìgh fios air da Gama ach nuair ràinig da Gama bha an lùchairt làn de shaighdearan agus bha aige ri fuireach ceithir uairean a thìde air taobh a-muigh an dorais mus deach èisteachd a thoirt dha. Cha robh da Gama fada a' còmhradh ris an rìgh gus an do thuig e gun robh an rìgh seo a' sùileachadh tiodhlacan mòra bhuaithe.
Chaidh a cheasnachadh mu dheidhinn adhbhar a thurais agus chaidh a chumail na bhràigh. Cha deach a leigeil ma sgaoil gus an do dh' aontaich na Portagalaich iomlaid a dhèanamh air na stuthan a bh' aca nan soithichean airson spìosraidh.
Thug an rìgh litir do da Gama dha rìgh Phortagail. Bha e ag iarraidh malairt a chur air chois eadar an dà dhùthaich. Bha e a' tairgsinn spìosraidh agus seudan agus ag iarraidh òr, airgead, corail agus aodach sgàrlaid nan àite. A rèir choltais bha na Portagalaich air lorg fhaighinn air tùs na malairt-spìosraidh, a bha iad an dùil a bheireadh saoibhreas thuca. Ach a dh'aindeoin na bh' anns an litir cha robh an rìgh seo càirdeil agus rinn da Gama inntinn an-àirde tilleadh dhachaigh.
Bha iad air lnnsia a ruighinn, air spìosraidh agus seudan fhaighinn agus cha b' urrainn dhaibh adhartas an còrr a dhèanamh aig an àm seo. Thug iad trì mìosan a' dol tarsainn a' Chuain lnnseanaich air an t-slighe air ais. Bha tinneasan neònach am measg nan seòladairean agus bhàsaich mòran dhiubh.
Nuair a ràinig da Gama Lisbon ann an 1499 bha e air dà shoitheach a chall agus bha leth an sgiobaidh a bh' air na soithichean eile air bàsachadh. Ach chaidh aoibhneas mòr a dhèanamh ris: chaidh an t-ainm Don a chur ri ainm fhèin, chaidh pàirt de shuaicheantas an rìgh a chur ri suaicheantas a theaghlaich agus chaidh peinnsean a bhuileachadh air fad a bheatha.
Ach bha an dèiligeadh a fhuair e bho rìgh Chalicut a' dèanamh dragh dha agus ann an 1502 sheòl da Gama gu lnnsia a-rithist. Air a shlighe chuir e às do shoitheach malairteach Muslamach.
Nuair ràinig e Calicut thug e ionnsaigh an dèidh ionnsaigh air a' bhaile. A thuilleadh air an sin ghlac e soithichean Muslamach, agus mharbh e 32 den sgioba. Gheàrr e na cinn, na làmhan agus na casan dhiubh.
Ma bha teagamh ann an Calicut roimhe seo mu rùintean nam Portagalach bha an teachdaireachd a-nise soilleir gu leòr - bha Portagal an dùil ùghdarras fhaighinn anns a' Chuain lnnseanach.

Bàta da Gama

