Council Logo - Link to Home Page
  Comhairle nan Eilean Siar | Council  
Library Home Page
Audio Visual
Charges
Coffee Shop
Contact
Gaelic
Local Studies
Mobile Libraries
Online Library Catalogue
Opening Hours
Regulations
School Library Services
Youth Services
Britannica Online
Britannica Online
Britanica Online

Cruinneachadh Gàidhlig - Gaelic Collection

Tha àite sònraichte aig Gàidhlig mar chainnt mhàthaireil anns na h-Eileanan an Iar ann am beatha litreachais is cràbhachd, cultair, sòisealtachd agus foghlaim sa choimhearsnachd.

Tha Seirbhis an Leabharlainn ag amas cothrom a thoirt seachad air gach sealladh de Ghàidhlig clò-bhuailte agus clàrte anns gach meur. Tha aon leth-bhreac de gach leabhar glèidhte ann an cruinneachadh ionnsachaidh ann an leabharlann Steòrnabhaigh.

Leabhraichean

'S iad cànan, litreachas, beul-aithris agus cràbhachd cuspairean tradiseanta leabhraichean Gàidhlig ach tha an raon chuspairean a' leudachadh. Tha an leudachadh as motha ann an leabhraichean cloinne.

Irisean

Tha Gairm, TGSI agus Scottish Gaelic Studies rim faotainn airson an cleachdadh, maille ri àireamh de shreathan nas sine mar An Gàidheal agus Guth na Bliadhna. Tha mòran de stuth eachdraidhe feumail anns na h-irisean seo.

Paipearan-naidheachd

Tha e inntinneach Alba agus Mac-Talla bho shean a leughadh. Bha Sruth bho dheireadh nan 1960an air ainmeachadh mar phàipear-neadheachd dà-chànanach na h-Albann. An-diugh is tric a tha nithean Gàidhlig ann an Gasaet Steòrnabhaigh agus anns a' Phàipear Bheag.

Mapaichean

Tha Mapaichean Clàrachas Dùthcha bhon 19mh linn nam meadhan luachmhor airson ainmean-àitean Gàdhlig. Tha àireamh mhapaichean nas ùire a tha feumail rim faotainn cuideachd.

Leabhraichean Cloinne

Tha leabhraichean ùra ficsein agus fìrinne do chloinn agus do dheugairean rim faotainn anns gach leabharlann. Thàinig leudachadh mòr air foillseachadh anns an raon seo bho chionn bliadhna no dhà.

Casaetean

Gheibhear òrain agus searmonan Gàidhlig air casaet air iasad bhon mhòrchuid de leabharlannan. Tha cruinneachadh fiosrachaidh ri fhaotainn ann an leabhar-lann Steòrnabhaigh airson adhbharan ionnsachaidh.

Taic Curaicealaim

Tha raon de stuth-taice curaicealaim tro mheadhan na Gàidhlig do thidsearan ri fhaotainn ann an leabharlann Ionad Leasachaidh Foghlaim. E-mail kay-mackinnon@cne-siar.gov.uk

Tha cuideachd leth-bhreacan de phrògraman Gàidhlig sgoiltean a rinneadh le cead foghlaim rim faotainn ann an Ionad Leasachaidh Foghlaim.

An Stordata Fiosrachaidh (GRD)

Tha timcheall air 13000 clàran de dh'fhiosrachadh a bhiodh feumail do luchd-teagaisg air an stòrdàta. Am measg rudan eile tha fiosrachadh mu leabhraichean, phasgain-obrach, rannan agus òrain. Seòladh eadarlìon: http://db.svtc.org.uk/grdb/grdmain.htm

Cursaichean Ionnsachaidh Canain

Tha cùrsaichean ionnsachaidh cànain rim faotainn, mòran dhiubh le casaetean claisteachd agus bhidio. Gheibhear iad sin air iasad an toiseach airson 8 seachdainean, ach gabhaidh an t-iasad a leudachadh a-rèir iarrtais.

Ag Obair Còmhla Airson Nan Eilean - Working Together For The Western Isles