|
An diugh aig coinneamh de Foram Cànan agus Cultar na Gàidhlig,
dh'fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar am
poileasaidh Gàidhlig ath-sgrùdaichte aca. Tha
am poileasaidh a' mìneachadh rùintean agus amasan
na Comhairle a-thaobh cleachdadh agus leasachadh a' chànain.
'Se amas a' phoileasaidh anns an fharsaingeachd gum bì na h-Eileanan an Iar na coimhearsnachd dhà-chànanach far a bheil an aon ùghdarras aig a' Ghàidhlig agus a' Bheurla mar mheadhanan conaltraidh.
Thuirt Neach-gairm na Comhairle, Ailig A Dòmhnallach: Tha am Poileasaidh a bualadh air na prìomh nìthean a tha nochdadh ann am Bile na Gàidhlig mar a chaidh atharrachadh leis an Riaghaltas agus tha sinn an dùil gum bì am Poileasaidh a' fìghe a-steach dhan Phoileasaidh Nàiseanta don chànan. Tha mi gu sònraichte toilichte gu bheil foghlam meadhan Gàidhlig a' faighinn barrachd inbhe anns a' Bhile ùr agus gu bheil cumhachdan air am buileachadh air Bòrd na Gàidhlig a cheadaicheas dhaibh an t-slighe air adhart a dhearbhadh nas cìnntiche. Tha Comhairle nan Eilean Siar a' faicinn foghlam meadhan Gàidhlig mar aon de na prìomh nithean a chuireas spionnadh ann an ath-bheòthachadh a' chànain agus bithidh sinn an dòchas na tha air aithris anns a' phoileasaidh a chuir an gnìomh thairis air na bliadhnachan a tha romhainn. Tha e ann an rùn na Comhairle obrachadh gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig ann a bhith a' coilionadh na targaidean a thèid a chuir romhainn agus tha sinn mar tha air a sinn a dhèanamh foillaiseach tro ar compàirt ann an Plana Cànan nan Eilean Siar.
Chaidh cuideachd ainmeachadh gu bheil Plana Cànan G'aidhlig
nan Eilean Siar air ionmhas fhaighinn fa chomhair na h-ath ìre
de leasachadh, a bhios a' coimhead ri planaichean gnìomh
ionadail a dhealbh, a bhios a' fighe a-steach do Phlana Nàiseanta
don Ghàidhlig.
Comhairle nan Eilean Siar today launched its revised Gaelic
policy at a meeting of the Gaelic Language and Culture Forum.
The policy sets out the Comhairle's objectives and aspirations
for the use and development of the language.
The overall aim of the policy is that the Western Isles should
be a bilingual community in which Gaelic and English have equal
validity as the languages of communication.
Convener Alex MacDonald said: 'The policy targets some
of the key issues which appear in the Gaelic Language Bill as
amended by the Scottish Executive, and we anticipate it will dovetail
into the National Policy for Gaelic. I am particularly pleased
that Gaelic Medium Education has gained a higher profile in the
amended Bill and that Bòrd na Gàidhlig have been
awarded more powers which will help them in their efforts to give
Gaelic a higher national profile.
Comhairle nan Eilean Siar view Gaelic Medium Education as central
to any regeneration of the language and we hope that the aims
set out in the policy will be fulfilled. It is the Comhairle's
aim to work closely with Bòrd na Gàidhlig in carrying
out our agreed objectives and our participation in the Western
Isles Gaelic Language Plan highlights this'.
It was also announced that the Western Isles Gaelic Language
Plan has secured funding to move to the next stage of development
including the drafting of local action plans which will eventually
feed into the National Plan for Gaelic.
Nigel Scott
Communications Officer
Comhairle nan Eilean Siar
Tel: 01851 709389 (Work)
Tel: 07884 236103 (Mobile)
email: nscott@cne-siar.gov.uk |