Council Logo - Link to Home Page
Comhairle nan Eilean Siar | Press Home Page | 2006 Press Releases
SGRÌOBHAICHE ÙR 13 March 2006

Tha Colaisde a’ Chaisteil air Iain Moireach à Barabhas fhastadh mar sgrìobhaiche airson sia mìosan gus ìomhaigh sgrìobhadh cruthachail a thogail sna h-Eileanan Siar, chan ann a mhàin taobh a-staigh na Colaiste agus Oilthigh na Gàidhealtachd, ach anns na coimhearsnachdan agus sna sgoiltean cuideachd. ‘S e sàr sgrìobhadair a th’ ann an Iain aig a bheil eòlas farsaing air litreachas na Gàidhlig. B’ e a’ chiad neach deasachaidh a bh’ aig Comhairle nan Leabhraichean agus bha e cuideachd os cionn Radio nan Gàidheal aig aon àm.   

Thathar an dòchas gum bi Iain a’ cuideachadh le bhith a’ leasachadh sgilean cruthachail ann an sgrìobhadh oileanaich Ghàidhlig Oilthigh na Gàidhealtachd agus sgoilearan àrd-sgoiltean nan Eilean Siar agus gum bithear a’ dèanamh ceanglaichean le tachartasan cultarail agus ealain a tha a’ gabhail àite anns na h-Eileanan Siar leithid Fèis Cheilteach Innis Gall agus An Sgoil Shamhraidh.   

Chuir Anna NicSuain Oifigear Leasachaidh Gàidhlig Colaisde a’ Chaisteil fàilte air a’ phròiseact.

 “Tha sinn air leth taingeil do na buidhnean a thug taic airgid dhuinn gus Iain a chur ann an dreuchd gu sònraichte GASD tro Phròiseact nan Ealan agus Comhairle nan Eilean Siar.  Sa chiad dol a-mach leanaidh am pròiseact seo airson 6 mìosan agus thathar an dùil gun tig sgrìobhadh ùr Gàidhlig a-mach às bho oileanaich, sgoilearan àrd-sgoiltean nan Eilean Siar agus inbhich.  Thathar an  dòchas gum bi an sgrìobhadh a nochdas de dh’iomadh gnè eadar rosg, bàrdachd, dràma agus sgrìobhadh èibhinn agus gun tèid teicneolas ùr an là an-diugh a chleachdadh gus fhoillseachadh ann an iomadh cruth. 

Bithear cuideachd a’ sùileachadh a bhith a’ neartachadh cheanglaichean ri cùrsaichean sgrìobhaidh taobh a-staigh Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus leasachaidhean litreachais eile sa Ghàidhlig agus gun tèid aithisg ullachadh mu na cothroman a tha ann a thaobh sgrìobhadh cruthachail sa Ghàidhlig san àm ri teachd.  Tha sinn gu mòr an dòchas nach bi ann an seo ach toiseach tòiseachaidh.”

Thuirt Iain, “’S e cothrom uabhasach math a tha seo dha na h-oileanaich agus dhomh fhèin cuideachd agus tha mi an dòchas gun gabh daoine ùidh ann.”

 

Gaelic Writer In Residence

Lews Castle College has appointed the well known writer, John Murray from Barvas, as their first Gaelic writer in residence. The post will be established for six months and was funded by Comhairle nan Eilean Siar, Proiseact nan Ealan (through Gaelic Arts Strategic Development funding) and Lews Castle College.

The post has been created to stimulate, develop and promote Gaelic creative writing throughout the Western Isles.

Anne Macsween, Gaelic Development Officer at Lews Castle College, said: “We are pleased to have received support from Comhairle nan Eilean Siar and Proiseact nan Ealan to establish this post which will bring many benefits to the Gaelic community in the Western Isles. John Murray will bring experience, enthusiasm and a positive focus to this exciting and challenging new project.

The Convener of Comhairle nan Eilean Siar, Alex MacDonald, said “I am delighted that CNES have been able to provide financial assistance to part fund this post and I am sure that John will use his vast experience to encourage and stimulate Gaelic creative writing”.

 

 


Nigel Scott
Communications Officer
Comhairle nan Eilean Siar

Tel: 01851 709389 (Work)
Tel: 07884 236103 (Mobile)
email: nscott@cne-siar.gov.uk

Ag Obair Còmhla Airson Nan Eilean - Working Together For The Western Isles