Council Logo - Link to Home Page
Comhairle nan Eilean Siar | Press Home Page | 2007 Press Releases
Plana Cànan Gàidhlig - Comhairle Nan Eilean Siar Publishes Gaelic Language Plan  13 September 2007

Plana Cànan Gàidhlig

Fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, dh’iarr Bòrd na Gàidhlig air Comhairle nan Eilean Siar còmhla ri còig buidhnean eile Plana Cànan ullachadh.  Bheachdaich Comataidhean na Comhairle air a’ Phlana an t-seachdain sa chaidh, agus tha a’ Chomhairle a-nis a’ sireadh bheachdan bhon choimhearsnachd air a’ Phlana, mus tèid e fa chomhair Bòrd na Gàidhlig air an ath mhìos.

Thuirt Iain MacAoidh, Neach-cathrach Buidheann Obrach na Gàidhlig aig a’ Chomhairle –

 “Chaidh deasbad farsaing a dhèanamh air an dreach Phlana Cànan, agus tha a’ Chomhairle a-nis air gabhail ris mar an stiùir airson an t-slighe air adhart don Ghàidhlig taobh-staigh na h-obrach.  Tha sinn a-nis an dòchas beachdan fhaighinn bhon choimhearsnachd air na th’anns a’ Phlana.  Tha am Plana Cànan air èirigh bho Phoileasaidh Gàidhlig na Comhairle, Plana Cànan nan Eilean Siar agus na seòlaidhean a thàinig bho Bhòrd na Gàidhlig.  Bho chaidh Comhairle nan Eilean Siar a’ stèidheachadh ann an 1975, tha taic don Ghàidhlig air a bhith na nì air leth cudromach agus tha sinn den bheachd gun cuidich am Plana seo ann a bhith ag ath-bheothachadh a chànan anns na h-Eileanan an Iar.  Bi e cuideachd na iùil don fheadhainn a tha an sàs ann am brosnachadh agus leasachadh na Gàidhlig anns na h-Eileanan.  Bu chòir beachdan air a’ Phlana a chuir gu Oifigearan Gàidhlig na Comhairle ro 27 Sultain 2007.

Tha leth-bhreacan den Phlana ri fhaotainn aig Oifisean na Comhairle agus air làrach eadar-lìon na Comhairle

 

Comhairle Nan Eilean Siar Publishes Gaelic Language Plan   

Under the Gaelic Language (Scotland) Act 2005, Comhairle nan Eilean Siar is one of six national bodies which have been asked by Bòrd na Gaidhlig to prepare an organisational Gaelic Language plan.  The Plan was discussed by the Comhairle Committees at the last series of meetings and the Comhairle is now seeking the views of the community on the Plan, before it is submitted to Bòrd na Gaidhlig by the end of September.

Councillor John MacKay, Chairman of the Comhairle’s Gaelic Working Party, said –

“The Comhairle’s Gaelic Language Plan has been fully debated and endorsed by the Comhairle and we would now welcome comments from the community at large on the contents of the Plan.  The Language Plan has evolved out of the Comhairle’s Bilingual Policy, the Western Isles Language Plan and language plan guidelines from Bòrd na Gaidhlig.  Since the Comhairle was established in 1975, it has always been very supportive of Gaelic and we feel that this Plan will help to revitalise Gaelic in the Western Isles and will assist all those who want to see Gaelic thrive and flourish in the Islands.  Comments on the Plan should be submitted to the Comhairle’s Gaelic Officers by 27 September 2007.

Copies of the Plan will be available at Council Offices and on the Council’s internet site”.

 

 


Nigel Scott
Communications Officer
Comhairle nan Eilean Siar

Tel: 01851 709389 (Work)
Tel: 07884 236103 (Mobile)
email: nscott@cne-siar.gov.uk

Ag Obair Còmhla Airson Nan Eilean - Working Together For The Western Isles