|
Tha Comhairle nan Eilean Siar air fàilte chridheil a chur air an BBC Alba, an seanail ùr digiteach Gàidhlig, a thàtar a’ cur air bhog a-nochd.
Tha a’ Chomhairle bho chionn fhada air a bhith a’ faicinn an seanail mar dhòigh air a’ leasachadh agus a’ misneachadh cleachdadh na Gàidhlig.
Thuirt Neach-gairm na Comhairle, Ailig A Dòmhnallach;
“’Se dha-rìreabh latha eachdraidheil a tha seo don Ghàidhlig agus do dh’Alba air fad. Tha maoin luachmhor shònraichte na h-Alba air a taisbeanadh tro mheadhan telebhisean digiteach. ‘S fhada bha sinn a’ feitheamh ris agus lùiginn meal a naidheachd a chur orrasan uile a bha cho dìcheallach a’ strì gus an ceann-uidhe seo a’ ruighinn. Chan e a-mhàin gun toir seo cothrom nas fharsainge do luchd-amhairc, bidh e cuideachd na mheadhan air cothroman cosnaidh a chruthachadh agus cuiridh e ri luachmhorachd craoladh ann an Alba. Gur math a shoirbhicheas le BBC Alba.”
Comhairle nan Eilean Siar has warmly welcomed tonight’s launch of BBC Alba, the new digital Gaelic Channel.
The Comhairle has long supported the channel as a means of supporting and developing the Gaelic language.
Convener Alex MacDonald said;
“This is a historic day for the Gaelic language and for the whole of Scotland. A unique Scottish asset is to be showcased through the means of digital TV. This is long overdue and I would congratulate all those who have helped to make this a reality. Not only will this present Gaelic in an accessible form to a wide audience, it will also provide employment and add an extra and valuable dimension to Scottish broadcasting culture. I wish every success to BBC Alba.”
Nigel Scott
Communications Officer
Comhairle nan Eilean Siar
Tel: 01851 709389 (Work)
Tel: 07884 236103 (Mobile)
email: nscott@cne-siar.gov.uk |