Council Logo - Link to Home Page
  Comhairle nan Eilean Siar | Press Home Page | 2003 Press Releases

Co-òrdanaiche Planadh Cànain ‘s na h-Eileanan an Iar

10 Og-mhios 2003

Margaret A MacKay

Tha Buidheann Planadh Cànain (air a bheil Comhairle nan Eilean Siar, Comunn na Gàidhlig, Comataidh Craolaidh Gàidhlig agus Colaiste a' Chaisteil air an riochdachadh an co-bhoinn ri Fòram Cultar na Gàidhlig) air Mairead A NicAoidh fhasdadh mar Cho-òrdanaiche Planadh Cànain ‘s na h-Eileanan an Iar.

Tha Mairead (22) à Nis, Leòdhas, agus tha ì a’ ceumnachadh bho Oilthigh Ghlaschu LLB le Urram ann an Lagh agus Gàidhlig. Tòisichidh Mairead ‘s an obair air Diluain 9 Og-mhios, stèidhichte ann an Colaisd a’ Chaisteal agus ag obair còmhla ri na buidhnean air Fòram Cultur agus Cànan.

Chaidh an obair seo a’ stèidheachadh le taic airgead bho LEADER +, Iomairt nan Eilean Siar, Comhairle nan Eilean Siar agus Comunn na Gàidhlig agus bithidh an co-òrdanaiche an urra ri co-òrdanachadh a' phlana.

Thuirt Iain Aonghas MacAoidh, Neach-cathrach a’ bhuidheann obraich: “Tha sinn air leth toilichte gun d’fhuair sinn neach a tha cho freagarrach airson an dreuchd seo, ‘s e obair air leth cudthromach a tha seo ann a bhith a’ dealbhadh cruth a’ chànain anns na h-Eileanan an Iar anns na bliadhnachan ri teachd.

Fios Do Luchd-deasachaidh

'S iad prìomh dhleastanasan a' phròiseact seo

  • a' faighinn eòlais air na buidhnean poballach a tha stèidhichte sna h-Eileanan Siar agus a' rannsachadh an suidheachadh a thaobh am poileasaidhean Gàidhlig.
  • a' dèanamh mion-sgrùdadh air Cunntas-sluaigh 2001 a thaobh na Gàidhlig.
  • a' cur colabhairt air chois tràth sa phròiseact le stiùireadh bho eòlaiche-cànain.
  • a' cumail coinneamh as t-fhoghar le Luchd-tadhail Dhachaighean gus fiosrachadh a thoirt dhaibh mun Sgrùdadh air Gàidhlig sa Choimhearsnachd.
  • ag ullachadh ceisteachan a thèid a sgaoileadh leis an Luchd-tadhail Dhachaighean (Sultain-Dùbhlachd)
  • a' sgrùdadh nan ceisteachain 's ag ullachadh plana-cànain (Faoilleach - Giblean 2004)
  • ag ullachadh iarrtais do Bhòrd na Gàidhlig airson Giblean 2004 a thaobh Pròiseact Planaidh Cànain airson nan Eilean Siar a mhaireadh 5 bliadhna.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Cuir fios gu:

Anna NicSuain - 01851 770459

(post-dealain annie.macsween@lews.uhi.ac.uk)

Colaiste a' Chaisteil, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, Na h-Eileanan an Iar, HS2 OXR


Nigel Scott
Communications Officer
Comhairle nan Eilean Siar

Tel: 01851 709389 (Work)
Tel: 01851 706412 (Home)
Tel: 07884 236103 (Mobile)
email: nscott@cne-siar.gov.uk

Ag Obair Còmhla Airson Nan Eilean - Working Together For The Western Isles