Tha iomairt Ghàidhlig a-measg nam feadhainn a fhuair Duais
Eòrpach nan Cànan am bliadhna. Gheibh an Deasbad Nàiseanta
Gàidhlig son clann a àrd-sgoiltean an duais o Shir
Trevor MacDhòmhnaill aig cuirm shònraichte ann an
Ambasaid na h-Eadailt an Lunnainn air an 26mh den t-Sultuin, Latha
Eòrpach nan Cànan.
Tha an deasbad Gàidhlig air aon de chòig pròiseictean
deug as an Rioghachd Aonaichte a gheibh an duais Eòrpach
son èifeachd is ùr-ghnàthachadh ann an cànain.
A-measg na choisneas an duais tha bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean,
oilthaighean is ionadan foghlaim eile.
Tha an deasbad Gàidhlig air a rianachadh le Uilleam Dòmhnallach
agus Dòmhnall Fearghastan a Aonad-Foghlaim Lionacleit am
Beinn na Fadhla. Tha e fo urras BT Alba, le taice bho Chomhairle
nan Eilean Siar, Comataidh Craolaidh Gàidhlig, Comunn na
Gàidhlig agus BBC Alba. Tha cuairt dheireannach na farpais
air a craoladh beò air Radio nan Gàidheal.
Chaidh an deasbad a cur air chois ann a 1999 agus tha i air barrachd
fharpaisich a thàladh gach bliadhna mar a thàinig.
Ann a 2002 bha 16 buidhnean a 15 sgoiltean a' gabhail pàirt.
Thuirt stiùiriche an deasbaid, Uilleam Dòmhnallach:
"Tha an iomairt air a bhith anabarrach soirbheachail. Tha an
duais chliùiteach seo na sochair as ùr. Tha sinn taingeil
do luchd-taice an deasbaid, na sgoilearan a ghabh pàirt,
agus an luchd-teagaisg a bhrosnaich 'sa chuidich iad."
Tha Duais Eòrpach nan Cànan a' buntainn don Roinn
Eòrpa gu lèir, a' faighinn taice bho Choimisean na
Roinn Eòrpa, agus air a riaghladh anns an RA le CILT, ionad
nàiseanta nan cànan. Tha CILT a' strì ri adhartas
a thoirt air comasan cànain nas fhearr gu nàiseanta,
a' cur taice ri leasachadh ioma-chànanas agus comas eadar-chultarach
anns gach roinn den t-sluagh. Se Sir Trevor MacDhòmhnaill
am priomh neach-taice.
Airson tuilleadh fiosrachaidh:
Uilleam Domhnallach
Fòn: 01870 602043
|