Photograph by Malcolm Roderick

Thig a-nall air an Drochaid

le Iain MacIomhair

Thig a-nall air an drochaid, thig a-nall,

Thig a-nall air an drochaid, thig a-nall,

Nuair a ruigeas tu 'n Taigh-sgoile

Thig a-steach gu cupa "cofaidh",

Thig a-nall air an drochaid thig a-nall.

Thig na "tourists" na millean às gach àite,

As an Fhraing, às an Eadailt 's bho na Bàigh;

Bi na cailleachan nan cabhaig

A' fighe stocainnean bhoban

'S iad gan reic mar "souvenirs" air an t-sràid.

Chan fheum sinne tuilleadh èirigh tràth

Oir bi 'n Caolas "accessible" le càr,

Cha bhi cabhaig anns a' mhadainn

Cha bhi cabhaig faighinn dhachaigh,

Ach chì sinn na 'L' plates dol an-àird.

Prìomh-dhuilleag Scalpaigh

Main Scalpay Menu

Thig a-nall air an drochaid, thig a-nall,

Thig a-nall air an drochaid, thig a-nall,

Nuair a ruigeas tu 'n Taigh-sgoile

Thig a-steach gu cupa "cofaidh",

Thig a-nall air an drochaid thig a-nall.