| |
| Sgoil
nan Loch
'S e sgoil ùr 5-14 a chaidh a dhealbhachadh agus a thogail
le Comhairle nan Eilean Siar a th' ann an Sgoil nan Loch.
Tha an sgoil air cuspairean a thaghadh a tha a' sealltainn
mar a tha an sgoil gach cuid air cur an seilbh, agus air
tarraing air a' bheartas shaidhbhreach ann am beatha dhlùth
nan coimhearsnachdan ann an Eileanan Alba. Dh'fhoghlam iad,
le bhith a' tighinn gu chèile nan aonan bho cheithir sgoiltean
a chaidh a dhùnadh, ma bhathas a' dol a ghleidheadh spiorad
agus caractar nan sgoiltean sin, gu feumadh a h-uile atharrachadh
a bhith air a làimhseachadh air dhòigh 's gum biodh: leantanas
acasan a chaidh a ghluasad; fàilte ro dhaoine ùra; agus
beannachd mhath a bhith air a leigeil leothasan a bhiodh
a' fàgail - le dànadas a bhiodh air àrach leis an sgoil.
|
|
| Dh'fhoghlam an sgoil cuideachd,
gun robh faireachdainn-math na coimhearsnachd, spiorad na
sgoile agus an togalach math ùr, a' toirt dhaibh a' chothruim
a dhol air adhart gu dàna le bhith a' meudachadh cuairteachadh
gach neach. Tha an sgoil cuideachd air nas motha de chom-pairt
a ghabhail ann an cùisean àrainneachd agus ann an dualchas
agus ann am beatha na coimhearsnachd ann an sgìre nan Loch,
air dhòigh 's gu bheil an sgoil dha-rìribh na buaidh agus
na saidhbhreas air leth math. |
| Ro-ràdh
Chaidh Sgoil nan Loch fhosgladh san Lùnastal 2001. Tha
an sgoil ann an Eilean Leòdhais, a tha nas fhaide a-muigh
na an t-Eilean Sgitheanach, air taobh siar Alba. Tha an
sgoil airson muinntir nan Loch. Chaidh trì bun-sgoiltean
agus aon sgoil 5-14 a dhùnadh, agus bha iad sin gu lèir
air a bhith suidhichte sna coimhearsnachdan beaga aca fhèin.
Bha pian agus spàirn an lùib a bhith a' gluasad, eadhon
ged a bhathas a' dol a-steach do sgoil talc ùr. Tha an togalach
sgoile ùr a' togail air eachdraidh agus air neart a bha
sna sgoiltean a dhùin, seach gur ann astasan a thàinig mòran
dhe na sgoilearan agus an luchd-teagaisg. Gu eachdraidheil,
's e coimhearsnachd dhlùth-dhàimheil a th' air a bhith ann
an Leòdhas, agus tha aithne no eòlas air choreigin aig a'
chuid mhòr dhen t-sluagh air a chèile. Tha eòlas fìor mhath
aig a' chuid mhòr dhen chloinn air a chèile. Tha a' chuid
mhòr dhe na teaghlaichean an dàrna cuid faisg no fad' às
an càirdeas dha chèile, agus tha am beatha air a bhith fillte
ri chèile agus air beantainn ri chèile am broinn nan càirdeasan
sin thar nan ginealaichean. Tha seo ga dhèanamh gu math
nas fhurasta a bhith a' togail coimhearsnachd thaiceil san
sgoil, ach a dh'aindeoin sin tha obair na lùib.
Tha 94 sgoilearan againn bho P1 gu S2. Tha àireamh an luchd-teagaisg
mar a leanas: Stiùiriche Sgoile, Iar-Stiùiriche Sgoile,
3 luchd-teagaisg Bun-sgoile làn-thìde agus 1 neach-teagaisg
Àrd-sgoile làn-thìde, 14 luchd-teagaisg pàirt-ùine agus
siùbhlach, 1 neach-cuideachaidh clasrum agus 5 luchd-taice
làn-thìde, agus 3 dhen àireamh sin ag obair còmhla ri na
sgoilearan aig a bheil duilgheadasan ionnsachaidh doirbh
agus iom fhillte. Tha luchd-obrach taice againn, a tha èiseil
airson maith nan uile, agus 's iadsan rùnaire, dorsair,
3 luchd-obrach san ionad-bidhe agus 4 luchd-glanaidh. A
bharrachd air sin, tha 3 luchd-obrach agus 21 a bharrachd
chloinne ann an 'leudachadh' sa choimhearsnachd sgoile againn
agus thèid an ainmeachadh-san nas fhaide air adhart. |
A' socrachadh atharraichidhean
agus a' meudachadh toirt a-steach
Tha e follaiseach gu bheil mòran neart ann an coimhearsnachd
bheag dhlùth-dhàimheil, ach an dèidh sin tha atharrachadh
fhathast a' toirt an fhois na lùib. 'S e pàirt èiseil dhe
bhith a' cruthachadh gnè mhath gun toir e comas dhan a h-uile
neach buaidh a thoirt air atharraichidhean agus dùbhlain.
Tha sinne air feuchainn ris an seo a dhèanamh ann an iomadh
dòigh, 's chan ann air a' char as lugha le bhith a' dèanamh
atharraichidhean nas fhurasta an giùlan agus a bhith a'
meudachadh toirt a-steach. |
|
Ag
ullachadh, a' gluasad, a' com-pàirteachadh …
San teirm mu dheireadh de sheisean sgoile 2000-2001 b'
fheudar dhuinn grunnan cho-dhùnaidhean a dhèanamh airson
gum biodh eileamaidean nan àite airson toiseach an t-seisein
ùir san togalach ùr againn. Bha co dheasbadan a' gabhail
àite air a' fòn 's aig coinneamhan aig àm na sgoile agus
às dèidh na sgoile. Thug Bòrd na Sgoile eadar-àmail, a chaidh
a chur air chois airson sùil a chumail air na h-atharraichidhean
an co-bhonn ris an luchd-obrach, ionnsaigh air ainm ùr a
lorg dhan sgoil ùir. Thàinig iad cuideachd gu co-dhùnadh
air dathan sgoile, suaicheantas a dhealbh, agus am biodh
no nach biodh an sgoil a' cur air adhart gum bu chòir làn-èideadh
sgoile bhith aca. Chaidh sgrùdadh a dhèanamh am measg nam
pàrant air a' phuing dheireannaich seo. Bha iad cha mhòr
uile dhen làn-bheachd gum bu chòir do làn-èideadh sgoile
bhith ann. Chaidh iarraidh air na sgoilearan a dhol a-steach
airson nam farpaisean a bh' ann a dh'aon ghnothaich airson
dathan, ainm sgoile agus suaicheantas fhaighinn, agus thabhaich
fear-gnìomhachais sa choimhearsnachd duaisean a thoirt.
Mun àm seo bha sinn a' faireachdainn gun robh a h-uile neach
a bha a' dol a ghluasad dhan sgoil ùir gu h-èasgaidh an
lùib a bhith a' seatadh an-àirde agus a' sireadh comhairle
air na bha ri dhèanamh.
B' e a' chiad dùbhlan a bhith a' gluasad bho na sgoiltean
a chaidh a dhùnadh gu sgoil ùir le cho beag ùpraid 's a
ghabhadh. Bha aig an luchd-teagaisg ri clasruman ùra agus
gnàth-chùrsaichean ùra a stèidheachadh le cho beag 's a
ghabhadh de bhristeadh air foghlam na cloinne. Chuir iad
seachad mòran uairean a thìde de shaor-làithean an t samhraidh
aig an sgoil ùir, ag obrachadh a-mach ciamar a thigeadh
rudan gu chèile.
Dh'aithnich sinn mar bu mhotha bha sinn a' dol air adhart
gur e fìor thogail-inntinn a bha san togalach fhèin - a'
dèanamh ar n-obair na b' fhasa. Mar a b' fhaisge bha an
teirm ùr a' tighinn, b' ann bu mhotha a bha ar cinn nam
breislich eadar boil agus feagal. Thàinig a' mhòr-chuid
dhen luchd-obrach bho na sgoiltean a dhùin, ach bha luchd
obrach ùr-nodha a' dol a thighinn cuideachd agus dh'fheumaist
fàilte a chur orrasan. 'S math a b' fhiach an samhradh sin
seach gun robh an luchd-obrach ag obair còmhladh le aon
amas. Seach gun robh sinn gu lèir a' gabhail pàirt san aon
dùbhlan thog sin 'ceangal' eatarainn, chan ann a-mhàin aig
an àm èiseil sin ach na b' fhaide air adhart cuideachd. |
A' socrachadh atharraichidhean
nan sgoilearan
Tha an sgoil suidhichte air an rathad mhòr eadar Na Hearadh
agus Steòrnabhagh. Air sgàth sin, tha sgoilearan à sgoiltean
eile air roghnachadh a thighinn do Sgoil nan Loch tro iarrtasan
àite, agus tha iad air saidhbhreas a thoirt do gach ìre
dhen sgoil againn. Tha sgoilearan às na bun-sgoiltean ceangail
air am fiathachadh dhan sgoil againn gus am faigh iad blasad
dhen Àrd-sgoil nuair a tha iad air P7. Bidh iadsan, agus
clann nas òige san sgoil aca cuideachd, a' tighinn gu Sgoil
nan Loch ma bhios sinn a' cur air adhart bùthan-obrach air
dràma no ceòl le ionadan bho muigh. |
|
Tha e air leth cudromach gum
bi neach-teagaisg air a chur air leth airson cùram a shealltainn,
agus fiosrachadh a thoirt, do sgoilearan ùra S1 agus S2.
Airson seo a dhèanamh tha sinn air seiseanan-oideachaidh
a stèidheachadh do sgoilearan san àrd-sgoil. Tha an rèiteachadh
seo a' toirt cothrom do sgoilearan fa-leth bruidhinn ri
oide mu an adhartas, agus mu rud sam bith eile a tha cudromach
dhaibh. Le bhith dèanamh seo, thug e oirnn a bhith a' faicinn
gun robh feum aig sgoilearan a tha a' tighinn às ùr dhan
sgoil fhad 's a tha iad fhathast sa bhun-sgoil, air coinneachadh
ro-làimh ri ar luchd-teagaisg bun-sgoile. Bha e furasta
smaoineachadh gun gabhadh seo àite co-dhiù, ach gu dearbh
cha b' ann mar sin a bha - bha e a' cur feum air oidhirpean
com-pàirteachais gach neach.
Bidh ar clasaichean bun-sgoile a' gabhail pàirt ann an
'Ùine Cearcaill' agus tha luchd-obrach na sgoile air seo
fhaighinn prìseil. Bidh ar sgoilearan àrd-sgoile a' gabhail
pàirt ann an seiseanan 'co-aghaidh' a tha, mar Ùine Cearcaill,
a' toirt cothrom dhaibh bruidhinn air càil sam bith a tha
cudromach dhaibh. Bidh an sgoil againn a' cleachdadh postairean
nan Riaghailtean Òir agus a' misneachadh chloinne gu bhith
a' beachdachadh air na tagraidhean a th' annta. Tha na postairean
an-àirde timcheall na sgoile mar chuimhneachain air mar
a lùigeadh sinn sgoilearan a bhith gan giùlan fhèin agus
a bhith a' dèiligeadh ri càch a chèile, 's a' gabhail a-steach
nan sgoilearan sin a tha ùr dhan choimhearsnachd. Thathas
a' cur a h-uile sgoilear ann an 'taigh' nuair a thig iad
dhan sgoil airson gun cuidich sin iad gus eòlas fhaighinn
air buidhnean nas lugha de sgoilearan agus gum bi e nas
fhasa dhaibh pàirt a ghabhail.
'S e ainmean bheanntan sa choimhearsnachd a thagh na sgoilearan
fhèin airson ainmean thaighean - Mòbhal, Scalabhal, agus
Beinn Mhòr. Tha e mar dhleastanas air caipteanan-taighe
agus iar-chaipteanan taighe còmhla ri buill dhen Chomhairle
Sgoile, a bhith ag obrachadh còmhladh airson math na coimhearsnachd
's na sgoile.
Nuair a tha sgoilearan S2 an ìmpis ar fàgail airson gluasad
gu S3 ann an Steòrnabhagh tha luchd-obrach na sgoile air
fasan a thòiseachadh a bhith a' fiathachadh na h-òigridh
gu dìnneir airson gun tèid an ceum tha iad a' gabhail bho
Sgoil nan Loch a chomharrachadh. Bidh an luchd-teagaisg
a' riaghladh biadh trì-chùrsaichean dhan chloinn le uidheam
airgid agus às dèidh teatha/cofaidh bidh cèilidh againn.
'S e feasgar fìor mhath a th' ann agus tha iadsan a tha
a' toirt ceum gach bliadhna a' feitheamh ris le dùrachd. |
Ged a tha na h-atharraichidhean mòra agus
beaga am broinn na sgoile cudromach, feumaidh ar sgoilearan
cuideachd a bhith ullaichte airson atharraichidhean nas
motha nas fhaide air adhart nam beatha, mar a bhith a' fàgail
na dachaigh, agus do chuid, a bhith fàgail Leòdhais. Fhad
's a tha iad ann an Sgoil nan Loch bidh sinne aig dà àm
a' toirt blasad do na sgoilearan air cò ris a tha e coltach
a bhith a' fuireach air falbh bhon taigh.
Bidh ar bun-chlas as sine a' dol air seachdain a dh'Ionad
Scaladail sna Hearadh, far am faod iad coiseachd, sreap,
aibseileadh, agus currachan a chleachdadh, am measg rudan
eile. Bidh sinn a' toirt na feadhainn as sine san Àrd-sgoil
a Dhùn Èideann fad seachdain far am faod iad mòran a dhèanamh,
m.e., tadhal air Stadium Rugbaidh Mhurrayfield, Caisteal
Dhùn Èideann, taighean-tasgaidh eadar-dhealaichte, agus
an taigh-dhealbh, a dhol a bhobhladh no am bus no an trèana
a ghabhal a Ghlaschu. Tha sinn a' faireachdainn gu bheil
a bhith air falbh mar sin a toirt cothrom dhar sgoilearan
agus dhar luchd-teagaisg eòlas fhaighinn air a chèile aig
ìre nas doimhne. |
|
|
A' meudachadh com-pàirteachadh
ann an coimhearsnachd na sgoile
Rè na bliadhna mus do ghluais sinn gu Sgoil nan Loch bha
a' choimhearsanchd a' seatadh an-àirde cròileagan san ionad
coimhearsnachd aca fhèin. Ach, bha àite a dh'aon ghnothaich
san togalach againne bho thoiseach, nam b' e 's gum biodh
cròileagan ann. Nuair a dh'fhosgail an sgoil bha sinn toilichte
fàilte a chur air a' chròileagan 'Lochies Bheaga' san robh
15 pàiste agus 2 neach-obrach. Tha a' bhuidheann seo an-diugh
na pàirt coileanta dhen sgoil againn agus tha co-obrachadh
eadar ceannardan a' chròileagain agus neach teagaisg nan
ìrean tràtha air fàs gu daingeann gu buannachd nan uile.
Bha dà àite eile san sgoil againn fhathast gun an roinn
agus gun a bhith air an leasachadh airson adhbharan sònraichte.
Cha robh sinn fosgailte ach beagan mhìosan nuair a dh'iarr
an t-seirbheis fo-sgoil ann an roinn an fhoghlaim oirnn
àite a thoirt do bhuidheann beag a bha ag obair le sianar
chloinne air an robh èisean mothachaidh. Dh'aontaich sinn
uile gum biodh seo na bhuannachd dhan chloinn sa bhuidhinn
agus do chloinn na sgoile cuideachd. Dà bhliadhna air adhart
tha iad nam pàirt cudromach agus air leth sònraichte dhen
sgoil againn, agus cuid dhen chloinn sin a' fuireach san
sgoil againn nuair a ruigeas iad aois sgoile, agus cuid
eile a' falbh dhan sgoil sa choimhearsnachd aca fhèin. Am
bliadhna tha cothrom air a bhith againn clas a thòiseachadh
sa bheil triùir chloinne aig aois sgoile aig a bheil feumalachdan-ionnsachaidh
a tha toinnte agus doirbh. Seach gu bheil na buidhnean sin
ann, tha iad air leudachadh a thoirt air coimhearsnachd
na sgoile againn, agus air an cothrom a thoirt dhan luchd-teagaisg
agus dha sgoilearan gu lèir a bhith a' coimhead an t-saoghail
ann an dòigh nas fharsainge, agus a bhith ag aithneachadh
gu bheil luach ann an coimhearsnachd ioma-dhathach. Tha
com-pàirteachadh air a' thighinn air adhart gu cinnteach,
le tuigse ga thoirt do gach sgoilear. |
Na
dìochuimhnichibh an luchd-teagaisg!
Tha broinn gach stafrum na thoradh orrasan a bhios ga
chleachdadh agus 's e stafrum toilichte a th' againne. Bidh
sinn a' feuchainn ri chumail sgiobalta agus saor o obair-pàipeir!
(Nam biodh a h-uile inbheach aig a bheil pàirt air choreigin
ann a bhith a' toirt taic dhar sgoilearan an seo aig an
aon àm bhiodh 54 againn ann).
"Cala sìtheil ach daonnan togail-inntinn, àite airson
fois agus gàire."
(Neach-teagaisg)
Tha saorsainn aig luchd-teagaisg a bhith bruidhinn air
cuspairean, a bhith a' toirt am beachd seachad, a bhith
ag aontachadh agus gun a bhith ag aontachadh gu proifeiseanta;
tha seo gu lèir gu buannachd ar sgoilearan. Mar na sgoilearan,
tha eòlas math aig an luchd-teagaisg air a chèile, bidh
iad a' bruidhinn ri chèile mu leanabain, mu dheugairean,
mu chàirdean aosta … agus tha dragh mòr orra mu chèile agus
airson na coimhearsnachd sa bheil iad a' còmhnaidh agus
ag obair. Tha a h uile neach-obrach, ge b' e dè an seòrsa
obrach a th' aca, a' cur ann an dòigh eadar-dhealaichte
ri obair fharsaing na sgoile. Tha ar n-obair le pàrantan
stèidhichte air tuigse mhothachail mun phàirt a th' aig
gach buidheann ann a bhith a' toirt an cuid chloinne air
adhart. |
A bhith nar pàirt iomlan dhen choimhearsnachd
Tha sinn fortanach a bhith nar pàirt de choimhearsnachd
dhiongmhalt agus tha sinn a' miannachadh pàirt làn is pàirt
taiceil a ghabhail innte, a' tabhairt cho math ri bhith
a' faighinn.. |
A' cur luach air
oighreachd a' chànain
Tha a' Ghàidhlig na pàirt co-cheangailte agus cudromach
am beatha Sgoil nan Loch. Tha a' Ghàidhlig aig a' chuid
mhòr dhen luchd-obrach, tha feadhainn aig nach eil ach beagan
agus tha cuid eile a' feuchainn ri h-ionnsachadh. Tha stiùiriche
na sgoile am measg na feadhnach sin! Tha a' Ghàidhlig air
a teagaisg bho ìre P1 gu ìre S2. Tha grunnan dhen chloinn
bho dhachaighean far a bheil a' Ghàidhlig ga bruidhinn agus
tha fiosrachadh aig a' mhòr-chuid dhen chloinn a bheir dhaibh
comas labhairt de sheòrsa air choreigin innte. Bidh sgoilearan
S1 agus S2 a' faighinn leasanan innte tron t-seachdain.
Tha luchd-teagaisg Gàidhlig eadar-dhealaichte aig luchd-ionnsachaidh
is fileantaich agus bidh iadsan aig a bheil a' Ghàidhlig
san dachaigh a' measgachadh ri na fileantaich airson clasaichean
conaltraidh agus còmhraidh. Chan eil, aig a' cheart àm,
clas tro mheadhan na Gàidhlig san sgoil, ged a dh'fhaodadh
seo a thighinn uaireigin, agus cha bhi sinn a' teagaisg
tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh an sgoil a' cur a-steach
farpaisich chun a' Mhòid Ionadail agus tha an còisir againn
air a bhith soirbheachail aig a' Mhòd Nàiseanta. |
|
Bòrd na sgoile,
Comann phàrant-thidsear agus Comhairle Choimhearsnachd
Airson na bliadhna mus do dh'fhosgail an sgoil ùr bha
Bòrd-Sgoile Eadar-ama ann. Chaidh a stèidheachadh bho bhuill
de dhà dhe na Bùird-Sgoile eile. Dh'obraich am Bòrd glè
chruaidh, agus thàinig na buill gu co-dhùnaidhean cudromach
a bha èiseil do thoiseach an t-seisein 2001-02. Bha e glè
fheumail dhan sgoil ùir gun robh am Bòrd cho èasgaidh. Chaidh
Bòrd-Sgoile Sgoil nan Loch a stèidheachadh ann an 2001 agus
tha na buill air dian-obrachadh airson coimhearsnachd na
sgoile. Tha na ceangail a th' aca ri pàrantan na cloinne,
cho math ri na ceangail a th' aca ris a' choimhearsnachd,
air ciallachadh gum b' urrainn dhuinne a bhith ann an dlùth
dhàimh ri ar coimhearsnachd. B' e Bòrd na Sgoile cuideachd
a chluich am prìomh phàirt ann a bhith a' cur Latha Gala
air chois sa Chèitean a chaidh. Chuir an Latha ri maoin
na sgoile. |
|
Chaidh oidhirp thràth a dhèanamh
PTA a thòiseachadh, ach bha e cus dhuinn. Nuair a chaidh
oidhirpeachadh an dèidh làimhe dh'obraich e, agus tha PTA
soirbheachail againn a-nis, agus 's iad na buill a chuir
air chois fear dhe na tachartasan as ùire tha a' gabhail
àite san sgoil - 's e sin Suipear Burns san sgoil far an
tàinig còrr is 230 neach. 'S e màthair-adhbhair na cùise
fios a thoirt do sgoilearan, pàrantan agus caraidean na
sgoile a bhith làthair aig tachartas sòisealta coimhearsnachd.
Tha sinn air cluinntinn gun do chòrd am feasgar ri na bh'
ann!
Tha sinn miannach dha-rìribh air ceangal ris a' chomhairle
choimhearsnachd a dhaingneachadh. Aig a' cheart àm tha sinn
a' co obrachadh leotha air proiseact a bheir, tha sinn an
dòchas, a' choimhearsnachd a bhroinn na sgoile againn (faic
a-rithist san earrainn air Àrainneachd). |
Feasgar
iom-ionaid agus ceangal ri gnothaichean ionadail
Sa Ghearran 2003 chuir an sgoil feasgar iom-ionadail air
adhart. Thug seo cothrom do dh'ionadan eadar-dhealaichte
(Parentwise, Proiseact nan Sgoiltean Ùra Coimhearsnachd,
Raon-dèilig Meidigeach, Poilis a' Chinn a Tuath, Bòrd na
Sgoile/PTA, Roinn an Fhoghlaim, Foghlam Coimhearsnachd agus
buidheann ionadail a tha a' toirt comhairle do mhaoineachadh
Foghlam Àrd-ìre/Àrdachadh) ceangail a thogail ri sgoilearan,
pàrantan agus coimhearsnachd agus cuideachadh agus comhairle
a thabhann. Bha sinn ag iarraidh gun deigheadh an sgoil
a chleachdadh mar mheadhan-saoghail airson fiosrachadh,
àite far am faighist agus san toirist seachad fiosrachadh.
Chaidh gabhail ris an fheasgar glè mhath agus tha dùil againn
a leithid a chumail dà uair sa bhliadhna.
Tha sinn air a bhith glè fhortanach gu bheil gnìomhachasan
ionadail air ùidh a shealltainn agus air taic a thabhairt.
Tha grunnan chompanaidhean ionadail air a dhol an urras
diofar rudan a tha gu math na sgoile, m.e. ar leabhraichean-latha
sgoile agus Bogsa Ghoireasan Urras Rìoghail na Gaidhealtachd. |
A' cleachdadh agus a' gabhail cùram airson na
h-àrainneachd agus ar soirbheas fhèin
Tha sinn glè mhothachail air ar n-àrainneachd seach gu
bheil sinn a' fuireach ann an àite a tha rudeigin iomallach
agus bòidheach - tha buaidh mhòr aig a seo air beatha na
sgoile. |
Adhartasan àrainneachd
agus eag-eòlas
Nuair a dh'fhosgladh an sgoil againn bha an talamh mun
cuairt lom, ach làn cothruim. A-nis, faisg air an sgoil,
tha stòras lusan-cura againn agus raon ball-coise (faic
Dealbh G).
"Tha an raon ball-coise math. Is toigh leam a bhith a'
cur tadhal".
(Sgoilear P3)
|
|
Bha cuideachd pìos mòr talmhainn againn
na b' fhaide air falbh on sgoil, glè dheiseil airson piseach
a thoirt air. 'S e fear dhe na ciad smaointean a bh' againn
craobhan a chur. Chuir sinn craobh do gach ball fa-leth
dher coimhearsnachd sgoile agus an ainm ris. Smaoinich sinn
cuideachd gum biodh e snog na craobhan a chur air prògram
CAD gus am b' urrainn do chloinn sna ginealaich tha romhainn
aithneachadh càit an do chur am pàrantan no an sean-phàrantan
craobh! Bhon uair sin tha seo air fàs na phàirt mòr dhe
ar prògram leasachaidh raon-cluiche, anns a bheil àite aig
Rainsear Urras Steòrnabhaigh, agus bidh sinn an dòchas,
Coimisean na Coilltearachd.
Chaidh comhairle iarraidh air an Rainsear cuideachd airson
bogsa eun a sheatadh an-àirde. Chuir sinn tagradh gu SNH
agus fhuair sinn tabhartas. A-nis, tha bogsa-neadachaidh
againn, sa bheil camara bhidio beag, suidhichte an làrach
na sgoile. Tha seo a' cur dhealbhan a-steach gu telebhisean
a-staigh an an àite sòisealta na sgoile agus bidh sin an
dòchas gu faod na sgoilearan a bhith a' coimhead nan eun
a' neadachadh am bliadhna. |
|
Bheir na ceangail a tha againn
ri Proiseact nan Sgoiltean Coimhearsnachd agus ris a' Chomhairle
Choimhearsnachd dhuinn cothrom ar miannan airson na h-àrainneachd
agus na coimhearsnachd a thoirt ceum air adhart le bhith
a' cur romhainn gun ceannaich sinn poilidh-tunail airson
planntaichean fhàs. Obraichidh ar Club Gàrraidheachd fhèin,
'Greenfingers' còmhla ri deònaichean às a' choimhearsnachd
airson gun toir iad air adhart an eòlas agus an tuigse air
planntaichean, craobhan agus glasraich.
Tha loch beag glè fhaisg dhuinn: aig a' cheart àm faodaidh
ar sgoilearan àrd-sgoil a bhith a' cleachdadh currach air
an loch nuair a tha P.E. aca. Tha sinn an dòchas gnothaich
a dhèanamh ris a' chomhairle choimhearsnachd ach an gabh
adhartas a dhèanamh còmhla riutha gus am bi àite againn
a dh'aon ghnothaich a-muigh, airson ar n-aodach atharrachaidh,
agus àite far am bi sinn a' cur na currach air bhog. Bu
toigh leis a' PhTA cuideachd àite a leasachadh faisg air
abhainn bhig ri taobh na sgoile, gu bhith na chlasrum a-muigh. |
A'
coimhead às ar dèidh fhèin
Tha an aimsir ann an Eilean Leòdhais gu
math bagarrach aig amannan, agus gu math tric tha a' ghaoth
glè àrd no tha e fliuch. Tha dà àite shòisealta againn a
chleachdas na sgoilearan nuair a tha droch thìde ann.
"Sa mhadainn nuair a tha e reòthte, faodaidh
tu dhol dhan àite shòisealta agus tha e blàth".
(Sgoilear P1)
Seach gu bheil nas lugha de chloinn san àrd-sgoil
na tha sa bhun-sgoil, tha an t-àite acasan nas lugha. Tha
grunnan gheamannan a ghabhas a chluiche a-staigh aig cloinn
sa bhun-sgoil, agus bidh iad gan cleachdadh gu riaghailteach
nuair nach fhaigh iad air a bhith a' cluich a muigh. Chaidh
na geamannan a cheannach às dèidh comhairle a ghabhail on
chloinn fhèin.
"Tha an talla spòrs math, gu h-àraidh am
frèam-dìridh agus ma bhios an t-uisge ann 's urrainn dhuinn
geamannan a chluich".
(Sgoilear P1)
Tha bòrd-teanas aig sgoilearan na h-àrd-sgoile
agus 's ann riuthasan a tha e an urra a bhith a' cumail
ròta airson a chleachdadh, agus cuideachd airson a bhith
a' cur rian air farpaisean eadar-thaigheil.
Tha e air leth cudromach do Sgoil nan Loch
a bhith a' cur air adhart dòighean-beatha fhallain. Tha
an companas a th' againn le Proiseact nan Sgoiltean Coimhearsnachd
Ùra a' leigeil dhuinn measan a bhith againn dhar sgoilearan
aig cuid dhe na h-amannan pleidhe, agus cuideachd botail
bhùirn a ghabhas an lìonadh bho fhionnarachan-bùirn. Tha
sinn an ìmpis sgeama a thòiseachadh do sgoilearan aig àm
biadh meadhan-latha far am faigh iad duais ma thaghas iad
biadh fallain. Bheir an duais dhaibh cothrom tagradh a dhèanamh
airson 'bathar'.
"Tha biadh sònraichte math sa chafé againn".
(Sgoilear P2)
|
Lèirmheas agus Co-dhùnaidhean
Aig tè dhen a' ciad choinneamhan a bh' againn bha sinn
air beachdachadh air dè bu chòir a bhith anns a' chiad Phlana-Leasachaidh
Sgoile a bhiodh againn. Cha robh sinn air smaoineachadh
an toiseach gum biodh e deatamach spiorad na sgoile a chomharrachadh
air leth, a' dèanamh dheth gun tàrmaicheadh e co-dhiù ann
a leithid seo de choimhearsnachd. Dh'fhairich aon dhen luchd-obrach
ged-tà gum biodh e èiseil spiorad na sgoile a chomharrachadh
mar àrd amas. Nuair a bhruidhinn sinn air an seo mar bhuidheann
dh'aontaich sinn gu lèir gum bu chòir dhuinn a chomharrachadh
mar àrd-amas. Bha an targaid airson spiorad na sgoile a
thogail mar a leanas:
 |
àrainneachd fhàilteachail,
chàilear a chruthachadh anns am fairich sgoilearan
agus luchd-obrach gu bheil luach air a chur orra;
gu fairich iad sàbhailte agus gu ruig iad mullach
an comais. |
B' iad slatan-tomhais soirbheachaidh:
 |
gu faireadh sgoilearan
agus luchd-obrach ceangal ri beatha na sgoile agus
gum biodh iad dealasach airson adhartachadh, |
 |
earbsa fhollaiseach
airson cùram spioradail nan sgoilearan 's an luchd-obrach, |
 |
bu chòir do thuigse
shoilleir agus dùil chinnteach a bhith ann a thaobh
giùlan, beachdan agus oidhirp, agus |
 |
gun obraicheadh
luchd-obrach agus sgoilearan còmhladh ann an co-chòrdadh
air taobh a-staigh agus taobh a-muigh a' chlas. |
Tha sinn a' creidsinn gu bheil sinn a-nis a' ruighinn nan
slatan-tomhais sin, ach tha fios againn nach urrainn dhuinn
a-chaoidh ach a bhith 'a' cumail ceann a' mhaide ri ar n-obair'.
|
Frithealadh
agus Ruigsinn
Tha ìre-frithealaidh àrd san sgoil. Sheall sgrùdadh phàrantan
a rinn sinn o chionn ghoirid gur toigh le ar sgoilearan
a bhith a' tighinn dhan sgoil agus gu bheil cuid dhiubh
fiù a' togail an cridhe ris. Tha sinn air prògraman ùra
Cànain agus Matamataigs a thòiseachdh tron sgoil air fad
agus tha am measadh a rinn sinn gu ruige seo a' sealltainn
gu bheil ruigsinn ag èirigh gu h-àraidh sna h-Ìrean Tràtha.
Tha sinn mothachail air, agus a' moladh a h-uile gnè adhartais.
Mar bhuidhinn-obrach tha sinn a' faireachdainn gu bheil
a h-uile neach agus ar n-eòlas air fad, air cur ri spiorad
agus caractar na sgoile againn. 'S e fear dhe na rudan as
motha a thug cuideachadh - deagh-ghnè nan ceangal eadar
buill coimhearsnachd na sgoile. Tha sin cuideachd fa-leth
is còmhladh dealasach ann a bhith ag ionnsachadh. Dh'fhaodadh
sgoil ùr, àlainn, air a deagh uidheamachadh innte fhèin
a bhith na h-adhbhar thoileachais, ach tha fios againn nach
eil crìoch air foghlam agus gu bheil gu leòr fhathast againn
ri dhèanamh. |
|