Chaidh
Sgoil nan Loch fhosgladh san Lùnastal 2001. Tha an sgoil
ann an Eilean Leòdhais, a tha nas fhaide a-muigh na an t-Eilean
Sgitheanach, air taobh siar Alba. Tha an sgoil airson muinntir
nan Loch. Chaidh trì bun-sgoiltean agus aon sgoil 5-14 a
dhùnadh, agus bha iad sin gu lèir air a bhith suidhichte
sna coimhearsnachdan beaga aca fhèin.
Bha
pian agus spàirn an lùib a bhith a' gluasad, eadhon ged
a bhathas a' dol a-steach do sgoil talc ùr. Tha an togalach
sgoile ùr a' togail air eachdraidh agus air neart a bha
sna sgoiltean a dhùin, seach gur ann astasan a thàinig mòran
dhe na sgoilearan agus an luchd-teagaisg. Gu
eachdraidheil, 's e coimhearsnachd dhlùth-dhàimheil a th'
air a bhith ann an Leòdhas, agus tha aithne no eòlas air
choreigin aig a' chuid mhòr dhen t-sluagh air a chèile.
Tha eòlas fìor mhath aig a' chuid mhòr dhen chloinn air
a chèile. Tha a' chuid mhòr dhe na teaghlaichean an dàrna
cuid faisg no fad' às an càirdeas dha chèile, agus tha am
beatha air a bhith fillte ri chèile agus air beantainn ri
chèile am broinn nan càirdeasan sin thar nan ginealaichean.
Tha seo ga dhèanamh gu math nas fhurasta a bhith a' togail
coimhearsnachd thaiceil san sgoil, ach a dh'aindeoin sin
tha obair na lùib.
Tha
100 sgoilearan againn bho P1 gu S2. Tha àireamh an luchd-teagaisg
mar a leanas: Stiùiriche Sgoile, Iar-Stiùiriche Sgoile, 4
luchd-teagaisg Bun-sgoile làn-thìde agus 1 neach-teagaisg
Àrd-sgoile làn-thìde, 14 luchd-teagaisg pàirt-ùine agus siùbhlach,
1 neach-cuideachaidh clasrum agus 6 luchd-taice làn-thìde,
agus 3 dhen àireamh sin ag obair còmhla ri na sgoilearan aig
a bheil duilgheadasan ionnsachaidh doirbh agus iom fhillte.
Tha luchd-obrach taice againn, a tha èiseil airson maith nan
uile, agus 's iadsan rùnaire, dorsair, 3 luchd-obrach san
ionad-bidhe agus 4 luchd-glanaidh. A bharrachd air sin, tha
3 luchd-obrach agus 21 a bharrachd chloinne ann an 'leudachadh'
sa choimhearsnachd sgoile againn agus thèid an ainmeachadh-san
nas fhaide air adhart.
Ag
Obair Còmhla Airson Nan Eilean - Working Together For The Western
Isles